Rinn Am Bac a' chùis air Na Hearadh oidhche Haoine airson Cupa ABC a bhuannachadh.
Chrìochnaich an dà sgioba co-ionnan aig 3-3 às dèidh dhan a' Bhac tadhal fhaighinn ann an ùine a bharrachd aig deireadh a' gheam a' ciallachadh gun robh feum air breaban-peanais.
Thàinig Am Bac am bàrr 4-1 anns na breaban-peanais.
Ann an geam iongantach aig Pàirc Chnoc nan Gobhar chaidh Am Bac air thoiseach tràth tro Sheumas Moireach.
Fhuair Na Hearadh co-ionnan ge-tà às dèidh bhreab-peanais bho Anndra Moireasdan agus chuir Tam Dudley air thoiseach iad beagan mhionaidean às dèidh sin.
Thìll Am Bac le tadhal tràth san dàrna leth bho Eòghann Dòmhnallach.
Ach le beagan mhionaidean ri dhol chuir Coinneach MacSuain Na Hearadh air thoiseach a-rithist.
Ach le cùisean air a dhol a-steach a dh'ùine a bharrachd aig deireadh a' gheam bha briseadh-cridhe ann dha Na Hearaich, is Louie Dòmhnallach a' toirt a' gheam co-ionnan uair eile bhon spot-pheanais.
Bha barrachd bhreaban-peanais a dhìth airson an geam a dhearbhadh agus 's iad Am Bac a bhuannaich sin 4-1.