Spòrs

Latest updates

  1. Spòrscast: Iomainair fhoillseachadh aig 12:48 TSB 28 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Anns an Spòrscast as ùire tha Somhairle MacDhòmhnaill is Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' beachdachadh air saoghal na h-iomain agus deireadh an t-seusain air fàire.

    Gheibh sibh cothrom èisteachd gu h-àrd.

  2. Na Hearadh ann an cuairt dheireannach Cupa Mholdòbha Leòdhaisair fhoillseachadh aig 20:45 TSB 27 An Lùnastal 2025

    Rinn na Hearadh a' chùis air an Taobh Siar ann an iar-chuairt dheireannach Cupa Mholdòbha Leòdhais oidhche Chiadain.

    Thàinig Na Hearaich am bàrr 2-1 aig Pàirce Ralaidh air an Tairbeart.

    Thèid iad a-niste an aghaidh An Rubha anns a' chuairt dheireannaich a thèid a chumail air an 6mh den t-Sultain.

    Fhuair na Rubhaich troimhe às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air a' Bhac, 5-1, ann an Col Uarach oidhche Luain.

  3. Saints troimhe ann an Cupa Billy McNeillair fhoillseachadh aig 16:57 TSB 27 An Lùnastal 2025

    Rinn Saints an Iochdair a' chùis air Èirisgeigh airson faighinn troimhe gu cuairt dheireannach Cupa Billy McNeill.

    Ann an geam a bha làn thadhal oidhche Mhàirt thàinig Saints am bàrr 8-5.

    Fhuair DJ Peutan, Anthony MacAonghais agus Iain Dòmhnallach dà thadhal an duine, le Alasdair Mac a' Phì agus Dòmhnall MacEanraig a' faighinn nan tadhal eile.

    Thèid Saints a-niste an aghaidh Bharraigh sa chuairt dheireannaich aig Pàirce an Eilein Duirche air an 13mh den t-Sultain.

    Tha geam mòr eile ann eadar Saints agus Barraigh Disathairne seo tighinn airson dearbhadh cò bhuannaicheas Lìog Uibhist is Bharraigh.

    Tha an dà sgioba air an aon àireamh phuingean aig mullach na lìge agus ma chrìochnaicheas iad co-ionnan Disathairne thèid geam playoff a chumail.

  4. Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a' togail Chupa Chlann Dòmhnaillair fhoillseachadh aig 10:36 TSB 27 An Lùnastal 2025

    'S iad sgioba Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a bhuannaich Cupa Chlann Dòmhnaill air an t-seusan sa.

    Rinn iad a' chùis air Port Rìgh 4-2 oidhche Mhàirt a' ciallachadh nach gabh an glacadh aig mullach na buidhne.

    Fhuair Gus Dòmhnallach hat-trick dhan Iar Thuath le Lewis MacLeòid a' faighinn an tadhal eile dhaibh.

    Sa bhuidhean a dhearbhas cò bhuannaicheas an lìog, thèid Slèite is an t-Srath an aghaidh a' Ghearasdain oidhche Haoine.

    Bidh sgioba Shlèite ag amas air a' bheàrn eadar iad fhèin agus Malaig aig a' mhullach a dhùnadh gu aon phuing agus an dà sgioba sin gu bhith a' cluich a chèile sa gheama mu dheireadh den t-seusan.

  5. Robasdan manaidsear eadar-amail Ross Countyair fhoillseachadh aig 13:03 TSB 26 An Lùnastal 2025

    Iain RobasdanTùs an deilbh, SNS

    Chaidh Iain Robasdan ainmeachadh mar mhanaidsear eadar-amail Ross County às dèidh dha Don Cowie a dhreuchd fhàgail.

    Às dèidh falbh Là na Sàbaid, thuirt Cowie gun do dh'aontaich e fhèin agus am bòrd-stiùiridh gun robh sin a chum maith a' chluba.

    Chan eil County ach air aon phuing a thogail bho na ciad trì geamaichean aca san Championship, gam fàgail aig bonn na lìge.

    Bha Robasdan air a bhith mar phàirt de sgioba coidsidh Cowie às dèidh dha tilleadh chun a' chluba na bu thràithe am-bliadhna.

    Bha Robasdan roimhe mar mhanaidsear air County ann an 2005 agus tha Caley Thistle Inbhir Nis, Hearts, Baile Dhun Lèibhe am measg nan sgiobaidhean eile ris an robh e an urra.

    A' sgrìobhadh air X, thuirt Ross County gur e Robasdan a bhios ag ullachadh na sgioba airson a' gheama aca an aghaidh Dhun Phàrlain Disathairne san Championship.

  6. An Rubha troimhe gu cuairt dheireannach Cupa Mholdòbhaair fhoillseachadh aig 10:45 TSB 26 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thug An Rubha droinneadh, 5-1, dhan a' Bhac ann an iar-chuairt dheireannach Cupa Mholdòbha oidhche Luain.

    'S e tomhas de dhìoghaltas a bh' ann do na Rubhaich às dèidh dhaibh call ris a' Bhac ann an cuairt dheireannach Cupa MAL Civils air an deireadh-sheachdain.

    Fhuair DJ Clinton dà thadhal dhaibh, le Aonghas Dòmhnallach, Steven Dunn agus Josh Mac a' Ghobhainn a' faighinn a' chòrr.

    Thèid Na Hearadh an aghaidh An Taobh Siar san iar-chuairt dheireannaich eile Diciadain aig Pàirce Ralaidh air an Tairbeart.

    Bidh cuairt dheireannach Cupa Mholdòbha ann air an 6mh den t-Sultain.

  7. Cò an ath-mhanaidsear a bhios aig Ross County?air fhoillseachadh aig 11:52 TSB 25 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Ross County a' sireadh mhanaidsear ùr às dèidh dha Don Cowie a dhreuchd fhàgail air an deireadh-sheachdain.

    Chaill iad ri Partick Thistle Disathairne gam fàgail aig bonn an Championship le dìreach aon phuing às dèidh na ciad trì geamaichean.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thog fear de luchd-taic County, Calum MacConaill, air cuid dhe na h-ainmean a dh'fhaodadh àite Cowie a ghabhail.

  8. Loch Abar is Bàideanach gus cluich a-rithist airson tiotal na Prìomh Lìgeair fhoillseachadh aig 09:14 TSB 25 An Lùnastal 2025

    Loch AbarTùs an deilbh, Cluba Camanachd Loch Abair

    Tha feum air geama play-off 'son dearbhadh cò bhuannaicheas a' Phrìomh Lìog ann an iomain nam ban.

    Tha sin às dèidh do Loch Abar an gnothach a dhèanamh air Bàideanach 2-1 aig an Dell Didòmhnaich.

    Thàinig tadhail Loch Abair bho Natalie NicDhòmhnaill is Missy Howie le Megan Ralph a' freagairt do Bhàideanach.

    B' e seo an dàrna turas a rinn na h-Abraich a' chùis air Bàideanach san lìog is tha e a' ciallachadh gu bheil na sgiobaidhean air an lìog a chrìochnachadh co-ionnan air 20 puing.

    Bidh feum a-nise air geama play-off eatorra gus dearbhadh cò gheibh an tiotal is cha deach ceann-là a stèidheachadh airson a' gheama sin fhathast.

    A thuilleadh air a' phlay-off bidh na sgiobaidhean cuideachd a' coinneachadh sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil.

    Bidh sin ann air an 6mh den t-Sultain ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

  9. Thuirt Cowie gur ann a chùm maith Ross County a tha e gam fàgail air fhoillseachadh aig 08:44 TSB 25 An Lùnastal 2025

    Ross Cowie Tùs an deilbh, SNS

    Dh'fhàg Don Cowie a dhreuchd mar mhanaidsear Ross County agus thuirt e gun do dh'aontaich e fhèin agus am bòrd gur e an rud a b' fheàrr dhan chluba.

    Chan eil County, a chaidh a chur às a' Phrìomh Lìg an dèidh play off le Baile Dhùn Lèibhe sa Chèitean, air geama a bhuannachadh san lìog air an t-seusan seo is chaill iad ri Partick Thistle Disathairne.

    B' e sin a dh'fhàg gun do dh'fhalbh Cowie, a chaidh na mhanaidsear bho chionn beagan agus bliadhna, an dèidh dha a bhith aig an stiùir gu h-eadar-amail ron sin.

    "Gu mì-fhortanach, cha do thòisich an seusan Championshiop aig an ìre ris an robh dùil againn," thuirt e.

    "An dèidh chòmhraidhean leis a' bhòrd, tha sinn uile air aontachadh gur e an rud as fheàrr dhan chluba ma dh'fhalbhas mi.

    "Tha mi a' creidsinn gu bheil na cluicheadairean comasach air faighinn air ais dhan Phrìomh Lìg agus tha mi a' guidhe orra gach soirbheachais airson an t-seusain a tha romhainn."

    Tha County ag ràdh gun tòisich iad a' coimhead airson manaidsear ùr cho luath sa ghabhas agus gun innis iad cò an sgioba còidsidh ùr a bhios ann fhathast.

    "'S e fòcas a h-uile duine aig a' chluba gum faigh sinn air ais dhan Phrìomh Lìg," thuirt an t-àrd-oifigear, Steven Fearghasdan.

  10. Am Bac a' buannachadh Cupa MAL Civilsair fhoillseachadh aig 18:46 TSB 24 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Am Bac a' togail Cupa MAL Civils. Dealbhan bho Island Footie.

    Bhuannaich Am Bac 4-3 an aghaidh An Rubha ann an cuairt dheireannach Cupa MAL Civils aig Pàirce Chnoc nan Gobhar oidhche Shathairne.

    'S e seo an cupa do sgiobaidhean nan Eilean Siar air fad, a b' àbhaist a bhith aithnichte mar Cupa a' Cho-op.

    Bha cùisean teann sa chiad leth agus Am Bac a' dol a-steach aig leth-ùine 1-0 air thoiseach.

    Fhuair iad tadhal tràth san dàrna leth cuideachd agus ged a fhuair Aonghas Dòmhnallach fear air ais dhan Rubha, chuir Louie Dòmhnallach agus Connor MacAoidh Am Bac 4-1 air thoiseach.

    Dhùin an Rubha a' bheàrn faisg air deireadh a' gheam às dèidh bhreab-peanais bho Josh Mac a' Ghobhainn agus tadhal bho Rob Jones ach fhuair Am Bac air fuireach air thoiseach airson tighinn am bàrr.

  11. Ceann a' Ghiùthsaich a' togail Cupa MhicAmhlaighair fhoillseachadh aig 17:27 TSB 23 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich Cupa MhicAmhlaigh 'son a' cheathraimh turas ann an còig bliadhna is iad a' deanamh a' chuis air Camanachd an Òbain 1-0.

    Tha sgeul a' gheama aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

  12. Batal na h-iomain an Cupa MhicAmhlaigh?air fhoillseachadh aig 18:05 TSB 22 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Coinnichidh Camanachd an Òbain agus Ceann a' Ghiùthsaich ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh a-màireach.

    Seo an ceathramh bliadhna ann an sreath a tha an dà sgioba air coinneachadh aig an ìre seo den fharpais.

    Tha dùil ri geama teann, mar a tha Javen Houston ag aithris.

  13. Là mòr an iomain nam banair fhoillseachadh aig 14:33 TSB 22 An Lùnastal 2025

    'S e Didòmhnaich an là mòr ann an iomain nam ban is an dà sgioba aig mullach na Prìomh Lìge a' coinneachadh sa gheama mu dheireadh.

    Chan eil Bàideanach feumach ach air puing an aghaidh Loch Abair gus grèim a chumail air an tiotal.

    Ma nì na h-Abraich a' chùis ge-tà, crìochnaichidh an dà sgioba co-ionnan air 20 puing is bhiodh feum air geama play-off.

    'S e geama gu math faisg a bh' ann nuair a chluich iad san lìg nas tràithe air an t-seusan is Loch Abar a' soirbheachadh 3-2 ann an Drochaid an Aonachain.

    'S e sin an aona gheama a chaill Bàideanach thuige seo.

    Tòisichichidh an geama Didòmhnaich aig an Dell aig 2f.

    Coinnichidh na sgiobaidhean co-dhiù aon turas eile air an t-seusan seo ge-tà, is iad gus a dhol an aghaidh a chèile ann an cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil ann am Baile Ùr an t-Slèibh ann an cola-deug.

    'S iad Loch Abar a tha a' dìon a' chupa is iad air a' chùis a dhèanamh air Bàideanach 1-0 sa chuairt dheireannaich an-uiridh.

  14. Spòrscast: Ball-coise sna h-Eileanan an Iarair fhoillseachadh aig 15:13 TSB 21 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Cò bhuannaicheas Lìog Leòdhais is Na Hearadh?

    Cò bhuannaicheas Lìog Uibhist is Bharraigh?

    Le cùisean teann aig mullach lìogan a' bhuill-choise sna h-Eileanan an Iar, tha Dòmhnall MacLaomainn, Coinneach MacLeòid agus Joe MacNèill a' toirt sùil air adhart gu na dh'fhaodadh tachairt is deireadh an t-seusain air fàire.

  15. Rabhadh mu chleasan-teine an Lìg na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 13:28 TSB 21 An Lùnastal 2025

    LasairTùs an deilbh, SNS

    Thug ceannardan Lìg na Gàidhealtachd rabhadh do luchd-leantainn gun a bhith a' lasadh chleasan-teine aig geamaichean.

    Thuirt am bòrd-stiùiridh "nach robh àite sam bith" aig lasairean, cleasan-teine agus bomaichean smoc aig geamaichean ball-coise.

    'S e eucoir a th' ann feuchainn ri cleasan-teine a thoirt a-steach gu geamaichean is iad nan cunnart a thaobh sàbhailteachd.

    Thuirt Lìg na Gàidhealtachd gun tèid casg a chur air luchd-leantainn agus gun tèid càintean a chur air clubaichean ma thèid lasairean a thoirt gu geamaichean.

    The cleasan-teine air fàs nas cumanta ann am ball-coise na h-Alba sna bliadhnaichean mu dheireadh.

    Anns an t-Samhain 2023, b' fheudar geama eadar Dun Dè agus Rangers a stad rè ùine às dèidh do luchd-taic Rangers lasairean a losgadh.

    Chaidh àrd-choinneamh a chumail às dèidh làimh eadar na clubaichean, Comann Oifigearan Sàbhailteachd a' Bhuill-choise, Poileas Alba agus Riaghaltas na h-Alba airson bruidhinn mun chùis.

    Chaidh cumhachd a thoirt dhan SFA clubaichean a chasg bho Chupa na h-Alba ach thuirt an t-àrd-oifigear, Ian Maxwell, gun robh e ag iarraidh sin a sheachnadh.

  16. Buille mhòr do chothrom Chàrlabhaigh air an tiotalair fhoillseachadh aig 09:55 TSB 21 An Lùnastal 2025

    Dh'fhulaing Càrlabhagh buille mhòr nan iomairt airson Lìog Leòdhais agus Na Hearadh a bhuannachadh oidhche Chiadain.

    Chrìochnaich iad co-ionnan 2-2 an aghaidh na sgioba a th' aig bonn na lìge, United Steòrnabhaigh.

    Bha Càrlabhagh feumach air tadhal air fìor dheireadh a' gheama gus puing fhaighinn às.

    Tha seo a' fàgail Chàrlabhaigh a-niste sia puingean air cùlaibh An Taobh Siar a th' aig a mhullach, ged a tha geam a bharrachd aig Càrlabhagh ri chluich.

    Tha seo a' tighinn cuideachd beagan làithean às dèidh dhaibh call san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd ri Inbhir.

    Tha United Steòrnabhaigh fhathast aig bonn na lìge air ceithir puingean.

    Bha aona gheama san Eilean Sgitheanach Diciadain is Port Rìgh a' soirbheachadh 2-0 an aghaidh Chaoil Acainn ann an Cupa Chlann Dòmhnaill.

  17. Tremarco air ais ann am ball-coiseair fhoillseachadh aig 13:27 TSB 20 An Lùnastal 2025

    Carl TremarcoTùs an deilbh, SNS

    Tha Carl Tremarco air ais ann am ball-coise air a' Ghàidhealtachd is e air a dhol na leas-mhanaidsear aig Brora Rangers.

    Thàinig Tremarco gu tuath an toiseach ann an 2013 le Caley Thistle, is e ron sin air cluich do Tranmere Rovers, Wrexham is Macclesfield.

    Bhuannaich e Cupa na h-Alba le ICT ann an 2015, ged a fhuair e càirt dhearg sa chuairt dheireannaich.

    'S e cuideachd a chuir an tadhal a bhuannaich An Cupa Dùbhlain do dh'Inbhir Nis ann an 2018.

    Às dèidh treis a' cluich aig Ross County, bha Tremarco an sàs a' coidseadh aig diofar ìrean ann an Inbhir Pheofharain is e mu dheireadh na leas-mhanaidsear air na Staggies, mus do chaill e a dhreuchd as t-samhradh.

    Dh'innis Brùra gu bheil air an dòigh a thoirt dhan chluba is e gu bhith a' cumail taic ri Steafan MacAoidh.

  18. 'Bhiodh tri neo ceithir tadhail math dha-rìribh'air fhoillseachadh aig 12:29 TSB 20 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    An dèidh do Rangers call sa chuairt play-off do Lìog na h-Eorpa a-raoir, 's e cothrom Celtic a th' ann oidhche Chiadain.

    Tha iad a' tòiseachadh na h-iomairt aca an aghaidh Kairat Almaty.

    Fhuair sgioba Brendan Rodgers chun na cuairte play-off an dèidh na buidhnean an-uiridh agus tha fear-do luchd-thaic na sgioba, Ruairidh MacCarmaig, an dòchas ceum nas fhaide a ghabhail san fharpais am-bliadhna.

  19. Tadhail gu leòr an Lìog Leòdhais is na Hearadhair fhoillseachadh aig 09:02 TSB 19 An Lùnastal 2025

    Ann an Lìog Leòdhais oidhche Luain rinn an Rubha a' chùis air na Lochan 4-0 is na tadhail a' tighinn bho Alfie MacMhaoilein, Aonghas MacIllinnein (2) agus DJ Clinton.

    Thog seo na Rubhaich os cionn Chàrlabhaigh is iad a-nise san treas àite san lìog.

    Aig ceann eile na lìge tha na Hearadh a-nise co-ionnan ris na Lochan is Nis air 12 phuing is iad air an gnothach a dhèanamh air United 4-2 air an Tairbeart oidhche Luain.

    Tha geamaichean gu leòr air fàire san lìog an t-seachdain seo is United a' cur fàilte air Càrlabhagh oidhche Chiadain, a thuilleadh air Athletic an aghaidh na Hearadh is Nis an aghaidh United oidhche Haoine.

    Disathairne bidh an Rubha an aghaidh a' Bhac ann an cuairt dheireannach Chupa nan Eilean Siar.

  20. Dà phuing eadar ceithir sgiobaidhean san iomainair fhoillseachadh aig 12:10 TSB 18 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha cuisean gu math teann aig bàrr Prìomh Lìog na h-Iomain an deidh do Cheann a' Ghiuthsaich an gnothach a dhèanamh air Baile Ùr an t-Slèibh 3-0 Disathairne.

    Chan eil ach dà phuing eadar na ceithir sgiobaidhean aig a' mhullach leis nach do chluich Camanachd an Òbain agus an Gearasdan.

    Aig a' bhonn tha fhios againn gun cluich A' Mhanachain, a chaill 4-0 ri sgioba an Eilein Sgitheanaich Disathairne, san Liog Naiseanta an ath-bhliadhna, agus tha Lòbhat ann an cunnart mòr tuiteam sìos còmhla riutha.

    Tha iad dà phuing air culaibh Caol Bhòid an deidh call 6-3 ri Caber Fèidh aig an deireadh-sheachdain.

    Tha trì geamaichean aig Lòbhat ri chluich, ach 's ann an aghaidh trì do na sgiobaidhean a tha strì 'son na tìotal, Camanachd an Òbain, Baile Ùr an t-Slèibh agus Ceann a' Ghiuthsaich a tha iad.

    Ann an iomain nam ban rinn na Sgitheanaich an gnothach 4-0 air Ceann Loch Seile, 's e 2-1 a bh' ann do Loch Abar an aghaidh Ghleann Urchadain, is 4-1 do GMA an aghaidh Inbhir Nis.

    Prìomh Lìog na h-Iomain (bho shinty.com)
  21. Càrlabhagh a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 18:10 TSB 16 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Càrlabhagh a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd às dèidh do dh'Inbhir a' chùis a dhèanamh orra anns an iar chuairt dheireannaich.

    B'e dìreach aon tadhal, tro bhreab-peanais, a rinn an diofar tràth san dàrna leth.

    Seo a' chiad uair do dh'Inbhir àite fhaighinn sa chuairt dheireannaich den fharpais.

  22. Puing an urra don Rubha agus Athletic Steòrnabhaighair fhoillseachadh aig 17:30 TSB 16 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Briseadh-dùil a bh' ann don Rubha a-raoir anns an oidhirp aca an lìog a bhuannachadh is iad a' crìochnachadh le tadhal an urra an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh ann an Garabost.

  23. Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 13:49 TSB 16 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Air a' phrògram an t-seachdain-sa bha Iain Moireasdan agus an sgioba a' cnuasachadh air cuairt na 16 mu dheireadh ann an Cupa Lìog na h-Alba, geamaichean cudromach san iomain agus rèis dhùbhlannach ITERA am measg eile.

    Gheibh sibh cothrom èisteachd ris a' phrògram a-rithist gu h-àrd.