Spòrs

Latest updates

  1. Fois aig boireannaich a' bhuill-choiseair fhoillseachadh aig 12:10 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Gheibh sgioba ball-coise nam ban aig WIIGA dà là fois a-nise agus àite aca air a ghlèidheadh anns an iar-chuairt dheireannaich.

    Thuige seo rinn iad an gnothach 3-0 air Hitra is 4-2 air Ynys Môn, gan dearbhadh aig mullach na buidhne aca, taobh a-muigh.

    Bha an coidse aca air a radh aig toiseach na farpais gum faigheadh iad bonn òir le ceithir geamaichean a bhuannachadh.

    Tha iad mar sin lethach slighe a dh'ionnsaigh na targaid a tha sin.

  2. Kara ann an sunnd a-rithistair fhoillseachadh aig 10:53 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Kara a' bruidhinn ri BBC Spòrs oidhche Luain

    Tha Kara Hanlon air tòiseachadh gu làidir a-rithist madainn Dimàirt.

    Bha i sa chiad àite sa chuairt dearbhaidh aice san 200m breaststroke is i a' cur crìche air ann an 2.32:30.

    Thàinig seo às dèidh dhi bonn òir san 50m breaststroke a bhuannachadh oidhche Luain.

  3. "Tha sinn cho toilichte is cho pròiseil"air fhoillseachadh aig 10:47 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha Coinneach Dòmhnallach, iar-choidse na sgioba lùth-chleasachd, gu math moiteil às na rinn Amie.

    Is tha Coinneach cuideachd dòchasach mu chothroman na sgioba Dimàirt.

  4. Amie air a dòighair fhoillseachadh aig 10:43 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Abair gun robh deagh là aig sgioba nan Eilean Siar Diluain.

    Bhuannaich Amie Ringstead bonn òir san javelin, a' chiad bhonn aig sgioba WIIGA.

    'S i a bha air a dòigh.

  5. Là trang eile an Arcaibhair fhoillseachadh aig 09:17 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Arcaibh

    Tha frasan trom air a bhith ann ach dùil ri là brèagha eile ann an Arcaibh.

    Tha sgioba nan Eilean Siar a' coimhead uair eile air an raon lùth-chleasachd agus an amar-snàimh airson cothrom air buinn an-diugh.

    Tha diofar lùth-chleasaichean air an trac feasgar, ach 's ann air Abbie Stiùbhart as motha ann an rèis an 1,500m a tha aire an luchd-coidsidh.

    Aig an amar, tha an 200m breaststroke agus an 200m medley shingilte aig Kara Hanlon agus mòran an dùil ri dà bhonn dhi ro dheireadh an là.

  6. Cuairt dheireannach Cupa Acresair fhoillseachadh aig 07:07 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Na Hearadh agus am Bac a bhios a' cluich ann an cuairt dheireannach Cupa ABC aig Cnoc nan Gobhar ann an Steòrnabhagh oidhche Haoine.

    Bhuannaich na Hearaich 4-3 an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh às dèidh ùine a bharrachd nuair a chrìochnaich iad aig 3-3 taobh a-staigh ùine àbhaistich.

    Sa gheama eile bhuannaich am Bac 5-0 an aghaidh an Rubha.

  7. Ciamar a chaidh do sgioba WIIGA air an dàrna là aig Geamannan nan Eilean?air fhoillseachadh aig 21:36 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Tha an dàrna là de dh'fharpaisean aig Geamannan nan Eilean 2025 ann an Arcaibh seachad.

    Seo mar a chaidh do sgioba nan Eilean Siar:

    • Bhuannaich Amie Ringstead bonn òr san javelin, a' chiad bhonn aig sgioba WIIGA.

    • Cha b' ann fada às dèidh sin a ghlèidh Kara Hanlon bonn òr san 50m breaststroke. Tha i a-nis air 13 buinn a bhuannachadh aig na geamannan thar nam bliadhnaichean.

    • Tha sgioba ball-coise nam ban troimhe chun nan iar chuairtean deireannach an dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Ynys Môn 4-2 feasgar.

    • Chaill sgioba nam fear an dara geama acasan 1-0 an aghaidh Ynys Môn agus chrìochnaich iad an geama le deichnear le Harry Bray ga chur far na pairce.

    • Chrìochnaich Tony Wesley san ochdamh aite ann an cuairt dheireannach 100m nam fear.

  8. Bonn òr do Kara Hanlonair fhoillseachadh aig 19:47 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Kara le bonn òir eileTùs an deilbh, wiiga

    Bhuannaich Kara Hanlon bonn òir san rèis 50m breaststroke ann an Arcaibh.

    Bha i beagan na bu shlaodaiche na bha i san rèis deabhaidh madainn Diluain, ach chrìochnaich i fhathast faisg air diog air thoiseach air Laura Kiney à Eilean Mhanainn a bha san dàrna àite.

    Chrìochnaich Kara ann 30.82 gus bonn a ghlèidheadh aig na geamaichean seo 'son an treas turas deug.

    Bidh i a' feuchainn san rèis 200m agus ag amas air bonn òir eile.

  9. Sgioba ball-coise nam ban troimhe chun na h-ath chuairtair fhoillseachadh aig 18:56 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Sgioba ball-coise nam banTùs an deilbh, WIIGA

    Tha sgioba ball-coise nam ban aig na h-Eileanan an Iar troimhe chun na h-iar chuairtean deireannach den fharpais. Sin as dèidh dhaibh a chùis a dhèanamh air Ynys Môn 4-2 ann an Dounby.

    Chaidh sgioba WIIGA tadhal air dheireadh tràth, ach thill iad gu làidir le ceithir tadhail anns a' chiad leth bho Shana NicPhàil, Kyla McMurdo, Jessica NicLeòid agus tadhal a chuir cluicheadair dìon Ynys Môn dhan lìon aice fhèin.

    Tha dà là dheth aca a-nis air thoiseach air an ath chuairt de gheamaichean.

  10. Ringstead a' faighinn a' chiad bhonn òr do sgioba WIIGA an Arcaibhair fhoillseachadh aig 18:50 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Amie Ringstead an deidh dhì buannachadh san javelinTùs an deilbh, WIIGA

    Bhon sgioba lùth-chleasachd a thàinig a' chiad bhonn òr de Gheamannan nan Eilean 2025 do sgioba nan Eilean Siar is Amie Ringstead a' buannachadh anns an javelin.

    Chaith i 40.46m, an oidhirp a b'fheàrr aice a-riamh, is bha i faisg air meatar gu leth air thoiseach air Sunniva Bogadottir a bha san dara àite.

    Seo a' chiad turas a tha sgioba nan Eilean Siar air bonn a' ghlèidheadh san javelin, agus bha Amie air a doigh na h-amasan aice a choileanadh.

    "Tha e do-chreidsinneach, bha fiosam gun robh cothrom ann gun tachradh e, ach a-nis tha e air tachairt agus tha e a' faireachdainn gu math eadar-dhealaichte."

  11. Taghadh iar-chuairt dheireannach Chupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 14:50 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Cupa na Camanachd

    Chaidh an taghadh a dhèanamh Diluain airson iar-chuairt dheireannach Chupa na Camanachd.

    Thèid Ceann a' Ghiùthsaich, a th' air buannachadh sna trì bliadhnaichean mu dheireadh, an aghaidh a' Ghearasdain a thog an cupa mu dheireadh ann an 2010.

    Choinnich an dà sgioba aig an aon ìre den fharpais an-uiridh cuideachd nuair a thàinig Ceann a' Ghiùthsaich am bàrr 3-2.

    Anns a' gheama eile thèid Camanachd an Òbain an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh.

    Tha sgioba an Òbain ag amas air a' chuairt dheireannach a' ruighinn airson an dàrna turas ann an trì bliadhna às dèidh dhaibh call ri Ceann a' Ghiùthsaich an 2023.

    Agus ged a tha am Bail' Ùr air Cupa na Camanachd a bhuannachadh barrachd na sgioba sam bith eile, tha iad a' feuchainn ris a' chuairt mu dheireadh a ruighinn airson a' chiad uair bho 2019 - an turas mu dheireadh a bhuannaich iad an fharpais.

    Thèid Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh a' Ghearasdain air an 2na den Lùnastal aig Pàirce a' Bhucht ann an Inbhir Nis.

    Cluichidh an uairsin Camanachd an Òbain agus Baile Ùr an t-Slèibh seachdain às dèidh sin, air an 9mh den Lùnastal, aig An Àird sa Ghearasdan.

    Bidh an dà gheama beò air BBC Alba.

  12. Rèis fhosgailte an Time Trialair fhoillseachadh aig 12:55 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Làrach na rèise

    Tha iad ag ullachadh airson rèis fhosgailte an time trial san rothaireachd aig Bun-Sgoil Firth air taobh siar Arcaibh.

    Thèid lùth-chleasaichean às a seo timcheall air cùrsa a bheir iad air ais an seo aig deireadh 45km.

    Fàgaidh Brian Mac a' Phì aig sgioba WIIGA aig 1:24f le Iain MacArtair a' dèanamh a shlighe aig 1:36f.

  13. Clàr eile do Kara Hanlon aig Geamannan nan Eileanair fhoillseachadh aig 12:37 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S i Kara Hanlon a bha sa chiad àite ann an rèisean dearbhaidh an 50m breaststroke aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh.

    Bhrist Kara clàr nan Geamannan le uair de 30.70 diog - clàr a bh' aice fhèin roimhe aig 31.00.

    Thèid i sa chuairt dheireannaich a-nochd fhathast mu 7:00f.

    A bharrachd air soirbheachas Kara, chaidh sianair bho sgioba snàimh nan Eilean Siar nas luaithe na chaidh iad roimhe.

    Ghearr Kyle Dòmhnallach 35 diog far an àm as luaithe aigesan riamh san rèis 200m butterfly, chriochnaich e ann an 2.20.60.

    Rinn Aleah NicDhòmhnaill an aon rud, a' toirt 16 diog far an àm as luaithe aice thar 100m butterfly, chaidh i ann an 1.18.67, agus chaidh Mark Moireasdain sia diogan nas luaithe na chaidh e roimhe san 100m breastroke.

    Chrìochnaich esan ann an 1.13.67.

    San aon fharpais ri Kara, bha Eva NicSuain diog nas luaithe na an clàr aicesa aig 38.69.

    Agus ann an rèis 200m freestyle nam fear bha Ruaraidh Ovenstone an ìre mhath còig diogan nas luaithe na roimhe, aig 2.37.41 agus bha Mata Hanlon diog na luaithe na rinn e ron seo aig 2.23.86.

    Ach a dh'aoindeoin an t-soirbheachais sin, 's i Kara an aon neach a bhios a' farpais anns na cuairtean deireannach a-nochd.

  14. Brockie am measg nan tadhal Disathairne is Là na Sàbaidair fhoillseachadh aig 12:08 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Chan urrainn gun robh deireadh-seachdain na b'fhearr aig cluicheadair iomain na bh' aig Rowan Brockie aig Gleann Urchadain.

    Disathairne chuir i trì tadhail is an sgioba aice a' togail puing 'son direach an treas turas air an t-seusan sa. Chrìochnaich an geama le Inbhir Nis 3-3.

    Chluich i an uairsin Là na Sàbaid dhan dara sgioba, is fhuair i trì eile is iad a' cur 15 (còig deug) seachad air Ceann Loch Seile.

    Tha an dara sgioba aig mullach na lìge a tuath le 63 tadhal ann an ochd geamaichean.

    Chan eil geama aig Gleann Urchadain an deireadh-sheachdain seo tighinn is sùilean a-nis a' tionndadh gu iar-chuairtean deireannach Cupa Valerie Fhriseil.

    Bidh dùil ri geamaichean math is Bàideanach, a tha sa phrìomh àite sa Phrìomh Lìog, a' dol an aghaidh sgioba an Eilein Sgitheanaich a tha san treas àite.

    Sa gheam eile thèid Loch Abar an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - an dara àite a' cluich a' cheathraimh àite.

  15. Sùil air an amar-snàimhair fhoillseachadh aig 10:27 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Snàmh

    Tha na farpaisean snàimh a-nise air tòiseachadh aig Geamannan nan Eilean.

    Bidh sgioba nan Eilean Siar an sàs ann an iomadh farpais madainn Diluain le mòran às na h-Eileannan an Iar an dòchas gum faigh Kara Hanlon a-steach do cuairt-deireannach an 50m breaststroke oidhche Luain.

  16. Là trang ann an Arcaibhair fhoillseachadh aig 08:52 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    'S e là trang dha-rìribh a tha gu bhith ann aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh Diluain.

    Às dèidh là measgaichte do sgiobaidhean ball-coise nan Eilean Siar Didòmhnaich, tha iad air ais air a' phàirc leis an dà sgioba a' cluiche Ynys Môn.

    Gheibh cluicheadairean ghoilf, luchd-baighseagail agus sgioba an t-snàimh a' chiad bhlas acasan air na farpaisean cuideachd, le cothrom aig Kara Hanlon air bonn a ghlèidheadh san 50m breaststroke ro dheireadh an là.

  17. Deagh là aig lùth-chleasaichean WIIGAair fhoillseachadh aig 08:49 TSB 14 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha deagh là aig sgioba lùth-chleasachd nan Eilean Siar Là na Sàbaid.

    Chaidh aig Seonaidh MacAonghais air cuairt-dheireannach na rèise thar 1500m a ruighinn - bidh sin ann oidhche Mhàirt.

    Às dèidh faighinn tro na rèisean dearbhaidh, bidh an dà chuid Thomas Brennan agus Tony Wesley an sàs Diluain ann an iar-chuairt dheireannach rèis 100m.

    A dh'aindeoin an teasa ann an Kirkwall, chaidh aig Muriel NicLeòid agus Catriona Bain air crìoch a chur air rèis nam ban thar 10,000m - le Catriona a' faighinn PB de 42.02.13 anns a' chiad turas aice aig na geamannan.

  18. Toiseach tòiseachaidh làidir do sgioba nam banair fhoillseachadh aig 18:01 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Thòisich sgioba nam ban aig WIIGA an iomairt aca aig geamannan nan Eilean le bhith buannachadh 3-0 an aghaidh Hitra.

    Fhuair Shana NicPhàil dà thadhal air gach taobh de tadhal Shinead NicLeòid.

    Bha an sgioba toilichte le na 3 puingean ach dh'aidich an cluicheadar dìon, Amanda NicNeacail nach robh iad air cluiche aig an ìre a bu mhiann leotha.

  19. Sgioba bhòbhlaidh WIIGA air a' chiad gheama aca a challair fhoillseachadh aig 13:58 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Sgioba bhòbhlaidh WIIGA

    Chan eil sgioba bhòbhlaidh nan Eilean Siar air tòiseachadh cho math 's a bu toil leotha. Chaill iad 13-7 an aghaidh sgioba làidir à Bermuda.

    Bha Peadar O'Donnell agus John Blunt 11-0 air dheireadh aig aon àm ach thill iad gu làidir, agus iad ag ràdh gun do dh'fhàs iad cofhurtail leis an raon faisg air an deireadh.

    Tha dà gheama eile aca feasgar an-diugh.

  20. Sgioba snàimh WIIGA ag ullachadh air fhoillseachadh aig 11:42 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Snàmhadairean WIIGA

    Tha na farpaisean snàimh a' tòiseachadh Diluain ach tha sgioba nan Eilean Siar air a bhith a' fàs cleachdte ris an amar aig ionad Pickaquoy ann an Kirkwall.

    'S i Marilyn Hanlon Leas-mhanaidsear Sgioba Snàimh WIIGA.

  21. Ball-coise nam fearair fhoillseachadh aig 11:38 TSB 13 An t-Iuchar 2025

    Pàirce Rendall

    Fir WIIGA v Bermuda a' tòiseachadh aig 1200 ann an Rendall. Tha leas-choidse sgioba nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil an sguad ann an deagh shunnd, ged a dh' aidich e gum biodh iad air sìde car fliuch is garbh iarraidh!