Spòrs

Latest updates

  1. Mac an t-Saoir a' tòiseachadh gu math air fhoillseachadh aig 12:48 TSB

    Raibeart Mac an t-SaoirTùs an deilbh, Getty Images

    Bha deagh thoiseach-tòiseachaidh aig Raibeart Mac an t-Saoir às an Òban aig Farpais Fhosgailte a' ghoilf aig Royal Birkdale.

    Fhuair an t-Albannach ceithir birdie agus aon bhogey sa chiad chuairt aige airson crìochnachadh an là aig trì fo phàr.

    Dh'fhàg sin e aon stròc far a' mhullaich nuair a chuir e crìoch air a chuairt le dùil gun èirich a' ghaoth aig Birkdale tron fheasgar.

    Tha Mac an t-Saoir a' tighinn a-steach dhan fharpais ann an deagh shunnd, às dèidh crìochnachadh san treasamh àite aig Farpais na h-Alba an t-seachdain a chaidh.

    'S e seo an seachdamh turas aige a' farpais aig an Open, is e air crìochnachadh taobh a-staigh nam prìomh dheich àitichean trì tursan roimhe.

    Cuiridh e an dàrna cuairt aige gu dol aig 12:30f Dihaoine.

  2. Deagh oidhche dha na sgiobaidhean aig bàrr Lìog Leòdhaisair fhoillseachadh aig 07:14 TSB

    Bhuannaich na trì sgiobaidhean a tha a' farpais aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadh Diciadain air oidhche nuair a bha tadhail gu leòr ann.

    'S e 3-1 a bh' ann dhan Rubha an aghaidh Chàrlabhaigh ann an Garrabost.

    Chuir Aonghas Dòmhnallach An Rubha air thoiseach ach fhreagair Scott 'Tiger' MacArtair do Chàrlabhagh is bha na sgiobaidhean co-ionnan 1-1 aig leth-ùine.

    Bha DJ Clinton is Steven Dunn air an targaid dha na Deargaich san dàrna leth ge-tà, gus trì puingean luachmhor a thogail dhaibhsan - agus 's dòcha Càrlabhagh a chur a-mach às an rèis airson an tiotail.

    Tha Am Bac san dàrna àite, sia puingean air cùl an Rubha ach le dà gheama nas lugha air an cluich, is iadsan air droinneadh 11-4 a thoirt air Na Lochan.

    Thàinig tadhail a' Bhac bho Sheumas 'Titch' Moireasan (3), Louie Dòmhnallach (2), Connor MacAoidh (2), Cole Lamb (2), Seumas Moireach is Ally MacÌomhair.

    Ghluais Aths suas dhan treas àite nuair a rinn iadsan a' chùis air Nis 6-0.

    Ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Chiadain bhuannaich sgioba ùr Loch Aillse 'son a' chiad turas anns an lìog.

    Rinn iad a' chùis 2-1 air Port Rìgh is na tadhail aca air oidhche eachdraidheil a' tighinn bho Robin Harvey is Ryan Grannd.

  3. Sgioba na h-Alba Fo 17 air fhoillseachadhair fhoillseachadh aig 16:20 TSB 15 An t-Iuchar

    Jacob Bain bho Bhaile Ùr an t-Slèibh còmhla ri Greg MacMhathain bhon chompanaidh Ri CrudenTùs an deilbh, Neil G Paterson
    Fo-thiotal an deilbh,

    Jacob Bain bho Bhaile Ùr an t-Slèibh còmhla ri Greg MacMhathain bhon chompanaidh Ri Cruden, a tha a' cur taic ris an turas. Tha Greg fhèin eòlach gu leòr air iomain eadar-nàiseanta is an cluicheadair à Lòbhat air cluich do dh'Alba aig diofar ìrean

    Dh'fhoillsich Comann na Camanachd sguad na h-Alba aig ìre Fo 17 a thèid air turas a dh'Èirinn aig deireadh na mìos.

    Cluichidh na h-Albannaich dà gheama an aghaidh sgiobaidhean iomanachd, a thuilleadh air seiseanan trèanaidh is gnothaichean culturail.

    Bidh iad an aghaidh Bhaile Àtha Cliath Diluain an 27mh den Iuchar agus A' Mhidhe Dimàirt an 28mh.

    Tha buidheann na h-Alba mar a leanas:

    • Ali Taylor - Caber Fèidh

    • Seumas MacEanraig- Caber Fèidh

    • Louie MacGilleFhialain - A' Mhanachainn

    • Alfie MacLeòid - Gleann Urchadain

    • Doug Brockie - Gleann Urchadain

    • Matthew Sloss - Baile Ùr an t-Slèibh

    • James Coyle - Baile Ùr an t-Slèibh

    • Jacob Bain - Baile Ùr an t-Slèibh

    • Hayden Taylor-Ramsay - Ceann a' Ghiùthsaich

    • Toby Thain - Ceann a' Ghiùthsaich

    • Macleod Dawson - Ceann a' Ghiùthsaich

    • Jay MacRath – Ceann Loch Seile

    • Kieran Màrtainn - Ceann Loch Seile

    • Iain Greumach – Camanachd an Eilein Sgitheanaich

    • Ruairidh MacSuain – Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

    • Auryn Kerr – Caol-Gleann

    • Scott Caimbeul - Camanachd an Òbain

    • Dean Robasdan - Eilean Bhòid

    'S e Matthew Sloss an sgiobair a bhios air Alba.

    'S e seo an ceathramh turas aig Sloss sa bhuidhinn agus chaidh ainmeachadh mar shàr-chluicheadair a' gheama an aghaidh Bhaile Àtha Cliath an-uiridh.

  4. Tadhail gu leòr an Uibhistair fhoillseachadh aig 09:01 TSB 15 An t-Iuchar

    Ghluais Beinn na Faoghla nas fhaide air thoiseach aig mullach Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 5-0 air Southend ann an Dalabrog.

    Tha Uibhist a Tuath a-nise san dàrna àite às dèidh dhaibhsan a' chùis a dhèanamh 7-1 air Èirisgeigh aig Pàirc an Eilein Duirche.

    Thàinig tadhail Uibhist a Tuath bho Ben Shepherd (2), Kieran MacÌosaig (2), Alex Troughton (2) is Sam Camshron.

    Chaidh an geama eadar Saints an Ìochdair is Barraigh a chur dheth.

    Tha Beinn na Faoghla trì puingean air thoiseach aig bàrr na lìge le trì puingean deug bho na sia geamaichean a chluich iad.

    Tha Uibhist a Tuath trì puingean air an cùlaibh, ged a tha iad air geama nas lugha a chluich.

    Tha Barraigh fhathast ann an suidheachadh làidir le naoi puingean bho na ceithir geamaichean aca, is Èirisgeigh còmhla riutha air naoi puingean ged a tha iadsan air sia geamaichean a chluich.

    An uairsin tha Saints le sia puingean bho chòig geamaichean is Southend aig a' bhonn is iad gun puing a thogail fhathast.

  5. Deireadh linn do Bhuidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuathair fhoillseachadh aig 16:10 TSB 14 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  6. Na Hearadh is Am Bac an suidheachadh làidir an Cupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 09:16 TSB 14 An t-Iuchar

    Bha fìor dheagh oidhche aig na Hearaich is na Bacaich ann an Cupa Eilean an Fhraoich Diluain is iad le chèile a' buannachadh 3-0 anns na ciad gheamaichean san iar-chuairt dheireannaich.

    Chaidh na Hearaich air thoiseach air An Rubha air an Tairbeart às dèidh leth uair a thìde is Yahya Mohammed air an targaid.

    Le cha mhòr uair a thìde air a cluich fhuair iad tadhal eile, an turas seo bho Ethan 'Nula' Moireasdan is esan a' cluich a' chiad gheama aige dha na Hearadh.

    Thàinig an treas tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho Anndra 'Brownie' Moireasdan.

    Bha cùisean teann sa chiad leth ann am Barabhas eadar An Taobh Siar is Am Bac is iad a' tionndadh mun cuairt co-ionann 0-0.

    Chaidh na Bacaich air thoiseach às dèidh uair a thìde tro Chonnor MacAoidh agus thàinig tadhal eile gu sgiobalta bho Louie Dòmhnallach.

    Chuir MacAoidh tadhal eile le ceithir mionaidean air fhàgail is an geama a' crìochnachadh 3-0.

    Thèid na dàrna geamaichean air adhart Diluain seo tighinn is obair mhòr aig An Rubha is An Taobh Siar ri dhèanamh ma tha iad 'son fuireach san fharpais.

    Tha trì geamaichean ann an Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt.

    Ann am Beinn na Faoghla thèid Uibhist a Tuath an aghaidh Èirisgeigh is bidh Saints an Ìochdair an aghaidh Bharraigh.

    Cuiridh Southend fàilte air Beinn na Faoghla ann an Dalabrog.

    Bidh aona gheama ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Chiadain is Port Rìgh a' dol an aghaidh Loch Aillse.

  7. Na Sgitheanaich an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich an Cupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 11:40 TSB 13 An t-Iuchar

    Alasdair MacFhionghain bho Chomann na Camanachd còmhla ri Amy NicLeòid bho Chaisteal Inbhir Nis is Kieran Greumach bho Tulloch Homes aig an taghadh DiluainTùs an deilbh, Neil G Paterson
    Fo-thiotal an deilbh,

    Alasdair MacFhionghain bho Chomann na Camanachd còmhla ri Amy NicLeòid bho Chaisteal Inbhir Nis is Kieran Greumach bho Tulloch Homes aig an taghadh Diluain

    Chaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich a thaghadh an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

    Sa gheama eile bidh Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Camanachd an Òbain.

    Tha seo a' ciallachadh gur dòcha gur e cuairt dheireannach eile a bhios ann eadar sgiobaidhean Bhàideanach - mar a bh' ann an-uiridh - ged a bhios na Sgitheanaich is an t-Òban gu mòr airson is nach e sin a thachras.

    Cluichidh na Sgitheanaich is Ceann a' Ghiùthsaich air an 18mh den Lùnastal is bidh am Baile Ùr is an t-Òban a' coinneachadh air an 25mh.

    Bidh an dà gheama beò air BBC ALBA.

    Cha deach dearbhadh fhathast càite an tèid na geamaichean a chluich.

    Chaidh an taghadh a dhèanamh madainn Diluain aig Caisteal Inbhir Nis.

  8. Adhbharan misneachd do Mhac an t-Saoirair fhoillseachadh aig 10:57 TSB 13 An t-Iuchar

    Bob Mac an t-SaoirTùs an deilbh, SNS

    Thuirt Bob Mac an t-Saoir gun urrainn dha na h-uimhir a thoirt à Open na h-Alba ann am Bearaig a Tuath.

    Chrìochnaich an goilfear às an Òban san treas àite air -13, còmhla ri Matt Fitzpatrick, Johnny Keefer is Keita Nakajima.

    'S e Tom Kim a bhuannaich an fharpais is e a' crìochnachadh air -17, le Min Woo Lee san dàrna àite air -15.

    Bha Mac an t-Saoir ag amas air an fharpais a bhuannachadh airson an dàrna turas ach às dèidh dha tòiseachadh gu math Didòmhnaich le birdie, chaidh cùisean bhuaithe dha le ceithir bogey ann an naoi tuill.

    Ged a chaidh aige air cùisean a thionndadh 'son crìochnachadh air 69 air a' cheann thall, 's ann a bha am milleadh air a dhèanamh.

    "Feumaidh mi a bhith gu tur onarach - brùideil," thuirt Bob.

    "Toiseach-tòiseachaidh math ach an uairsin cus mhearachdan, fada cus mhearachdan.

    "Bha mi a' call mo nàdair às dèidh deich tuill, mar sin a bhith a' faighinn air ais fo phar air a' cheann thall, 's e deagh oidhirp a bha sin.

    "Cha robh am puttadh agam aig ìre ach san fharsaingeachd 's e deagh fharpais a bh' ann dhomh.

    "Feumaidh mi na h-uimhir a thoirt às. Bha an cola-deug mu dheireadh math is tha sin gam mhisneachadh."

    Bidh Mac an t-Saoir a-nise a' dèanamh air Royal Birkdale far a bheil an Open a' tòiseachadh Diardaoin.

  9. Malaig troimhe ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 09:53 TSB 13 An t-Iuchar

    Cupa Amaitearach na GàidhealtachdTùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

    Rinn Malaig eachdraidh is iad air iar-chuairt dheireannach Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd a ruighinn 'son a' chiad turas.

    Bha Malaig air dheireadh trì tursan an aghaidh Wick Groats ach thill iad gach turas mus deach iad fhèin air thoiseach anns na diogan mu dheireadh.

    Chrìochnaich an geama 4-3 is Malaig a-nise gus cluich an aghaidh Golspie Stafford san iar-chuairt dheireannaich.

    Rinn Goilspidh fhèin adhartas Disathairne nuair a chuir iadsan Athletic Steòrnbhaigh a-mach 2-1.

    'S iad Aths an sgioba mu dheireadh às na h-Eileanan an Iar a bha air fhàgail san fharpais.

    Sa gheama eile Disathairne rinn Black Rock Rovers a' chùis 6-3 air Abhach is bidh iadsan a-nise an aghaidh Whalsay san iar-chuairt dheireannaich.

    Ann an Leòdhas fhèin Disathairne chrìochnaich an geama càirdeil eadar an sgioba thaghte is Clach co-ionnan 2-2.

    Ann an Uibhist is Barraigh 's iad Barraigh a bhuannaich Cupa an t-Samhraidh.

    Rinn na Barraich a' chùis 3-2 air Uibhist a Tuath sa chuairt dheireannaich.

    Agus ann an Cupa Rois Disathairne rinn Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich a' chùis air a' Ghearasdan 2-1.

    Bidh na ciad gheamaichean san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich ann oidhche Luain.

    Bidh Na Hearadh an aghaidh An Rubha agus An Taobh Siar an aghaidh A' Bhac.

  10. Briseadh-cridhe do Cheann Loch Seile an Cupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 09:29 TSB 13 An t-Iuchar

    'S iad Baile Ùr an t-Slèibh, Camanachd an Eilein Sgitheanaich, Ceann a' Ghiùthsaich is Camanachd an Òbain a bhios san taghadh airson iar-chuairt dheireannach Chupa na Camanachd Diluain - ged 's ann air èiginn a chaidh Ceann a' Ghiùthsaich co-dhiù troimhe.

    Bha Ceann Loch Seile 2-0 air thoiseach taobh a-staigh sia mionaidean aig an Dell is Jay MacRath leis an dà thadhal.

    Dh'fhuirich e mar sin chun nan deich mionaidean mu dheireadh, nuair a chaidh Iain MacRath aig Ceann Loch Seile a chur far na pàirce.

    Fhuair Zander Michie tadhal air ais gu sgiobalta agus an uairsin, domhain a-steach gu ùine a chaidh a chur ris a' gheama, chaidh aig Robert Mabon air dàrna tadhal fhaighinn do Cheann a' Ghiùthsaich airson an geama a thoirt gu ùine a bharrachd.

    Chaidh Michie fhèin a chur far na pàirce san ùine a bharrachd ach le còig mionaidean air fhàgail is coltas ann gun robh buillean-peanais gu bhith ann, chuir Dylan Borthwick tadhal eile gus Ceann a' Ghiùthsaich a chur troimhe 3-2.

    Bha cùisean tòrr na bu chofhurtaile do Bhaile Ùr an t-Slèibh is iadsan air a' chùis a dhèanamh air Gleann Urchadain 6-0.

    Chuir Struan Ros am Baile Ùr air thoiseach sa chiad leth agus thàinig fear eile bho Iain Robinson tràth san dàrna leth.

    Ghabh am Baile Ùr smachd gu tur san 20 mionaid mu deireadh le Ros is Robinson air an targaid a-rithist, còmhla ri Brodie MacBheathain is Mata Sloss.

    Tha na Sgitheanaich san iar-chuairt dheireannaich airson a' chiad turas bho 2017 às dèidh dhaibhsan an gnothach a dhèanamh air a' Ghearasdan 3-2 ann am Port Rìgh.

    Ged a bha Eòghan Caimbeul air na h-Abraich a chur air thoiseach tràth, fhreagair an t-Eilean gu làidir le tadhail bho Neil MacBhiocair, Ruairidh MacLeòid is Iain MacÌllÌosa.

    Fhuair Victor Mac a' Ghobhainn tadhal air ais dhan Ghearasdan ach chrìochnaich an geama 3-2.

    Sa gheama eile sa chupa rinn Camanachd an Òbain adhartas 4-1 an aghaidh Chabar Fèidh, ged a bha feum aca air dà thadhal san 20 mionaid mu dheireadh airson astar a chur eadar iad fhèin is sgioba Shrath Pheofhair.

    Bha aon gheama sa Phrìomh Lìog is Caol Bhòid air soirbheachadh 3-2 an aghaidh nan nàbaidhean aca Caol-Gleann.

    'S e seo a' chiad gheama a bha Caol Bhòid air buannachadh san lìog am-bliadhna - is tha e cuideachd a' ciallachadh gu bheil na Sgitheanaich air tuiteam gu bonn na lìge.

    Ann an Lìog Tuath 2 thàinig na Leòdhasaich air ais bho a bhith 3-1 air dheireadh an aghaidh Cill Mhàilidh ann an Siabost airson crìochnachadh 3-3.

    'S iad Donnie MacRath, Calum MacRisnidh is Iain Slaughter a fhuair tadhail nan Leòdhasach is Ewan Mowat is Màrtainn Camshron (2) air an targaid do Chill Mhàilidh.

  11. Sgioba Thaghte Leòdhais agus na Hearadh gus fàilte a chur air Clach na Cudainnair fhoillseachadh aig 13:00 TSB 10 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha manaidsear Sgioba Thaghte Leòdhais agus na Hearadh, Colin George Moireasdan, ag ràdh gu bheil iad airson geamaichean den t-seòrsa seo a chluich nas trice

    Tha Sgioba Thaghte Leòdhais agus na Hearadh ag ullachadh airson fàilte a chur Clach na Cùdainn ann an geama càirdeil Disathairne.

    A bharrachd air a' gheama fhèin, a tha mar phàirt de dh'uallachadh Clach air thoiseach air an t-seusan ùr ann an Lìog na Gàidhealtachd, cuiridh iad seiseanan trèanaidh air dòigh do dh'òigridh san sgìre.

    Thèid an geama a chluich aig Cnoc nan Gobhar ann an Steòrnabhagh aig 3f.

  12. Sgiobaidhean ag amas air iar-chuairt dheireannach Chupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 10 An t-Iuchar

    Cluicheadairean Bhaile Ùr an t-Slèibh le Cupa na Camanachd

    Tha là mòr san iomain Disathairne is Cupa na Camanachd air an cairteal-chuairt dheireannach a ruighinn.

    Tha Baile Ùr an t-Slèibh, a bhuannaich an cupa an-uiridh, aig an taigh an aghaidh Ghleann Urchadain ann an geama a tha a' toirt ri chèile nan sgiobaidhean a tha aig mullach na Prìomh Lìge is na Lìge Nàiseanta.

    Tha iad air coinneachadh mar-thà san t-seusan seo is am Baile Ùr air buannachadh 3-1 ann an Druim na Drochaid ann an Cupa MhicThàmhais sa Ghiblean.

    'S iad Ceann a' Ghiùthsaich an aon sgioba a rinn a' chùis air a' Bhaile Ùr am-bliadhna ann am farpais sam bith - ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais - is tha iadsan aig an taigh Disathairne an aghaidh Cheann Loch Seile.

    Tha geamaichean eadar an dà sgioba seo air a bhith faisg anns na bliadhnaichean mu dheireadh, gu dearbh 's e Ceann Loch Seile a-mhàin a rinn an gnothach air Ceann a' Ghiùthsaich san lìog an-uiridh, ach bidh feum air oidhirp shònraichte bho sgioba Loch Aillse airson buannachadh ann am Bàideanach ann an Cupa na Camanachd.

    Tha na Sgitheanaich a' cur fàilte air a' Ghearasdan ann am Port Rìgh, cola-deug às dèidh a' chùis a dhèanamh orra 4-0 san lìog.

    Bhon uairsin tha na Sgitheanaich air call 6-0 ri Ceann a' Ghiùthsaich, fhad 's a bha an Gearasdan a' buannachadh 5-2 an aghaidh Chabar Fèidh.

    Tha Cabers fhèin air an rathad chun an Òbain Disathairne, far an chaill iad 5-1 san lìog bho chionn cola-deug.

    Bidh fios aca gum feum iad an geama aca a thogail gu mòr ma tha iad gus adhartas a dhèanamh sa chupa.

    Tha aon gheama sa Phrìomh Lìog Disathairne is Caol Bhòid a' cur fàilte air Caol-Gleann.

    Chaidh an dà gheama eadar na sgiobaidhean air an t-seusan seo a chur dheth ach bu chòir gun tèid e air adhart an turas seo is 's e geama eachdraidheil a bhios ann - a' chiad turas a-riamh aig dà sgioba à Comhghall cluich an aghaidh a chèile sa Phrìomh Lìog.

    Chan ann air eachdraidh a bhios aire nan sgiobaidhean fhèin ge-tà ach puingean is iad ri chèile ann an cruaidh-chàs aig bonn na lìge.

    Tha geama tarraingeach ann an Lìog Tuath 2 Disathairne is Cill Mhàilidh a' dol an aghaidh nan Leòdhasach ann an Siabost.

    Ann an iomain nam ban bidh fòcas air an deireadh-sheachdain air a' Champa Nàiseanta a tha a' dol air adhart ann an Gleann Amain ann an Siorrachd Pheairt.

  13. Aths air puingean a leigeil às am Barabhasair fhoillseachadh aig 09:23 TSB 9 An t-Iuchar

    Bha buille ann do dh'Athletic Steòrnabhaigh san rèis airson Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Chiadain is iad a' crìochnachadh 4-4 an aghaidh an Taobh Siar ann am Barabhas.

    Gu ìre 's e faochadh a bh' ann do dh'Aths fiù s' puing fhaighinn às a' gheama is iad air a bhith 3-0 air dheireadh aig leth-ùine.

    Ged a fhuair iad air ais gu 3-2 is uair a thìde air a' ghleoc, chuir an Taobh Siar tadhal eile is dùil gun robh na puingean a' fuireach ann am Barabhas.

    Thàinig dà thadhal eile do sgioba Steòrnabhaigh anns na mionaidean mu dheireadh ge-tà.

    Thàinig an tadhal a ghlèidh puing bhon spot le glè bheag ùine air fhàgail.

    Tha Aths sa cheathramh àite is iad a-nise ochd puingean air cùl an Rubha ach le dà gheama nas lugha air an cluich.

    Bha an geama eadar United is na Hearadh oidhche Chiadain air a chur dheth is thèid a chluich a-nise Diciadain an 15mh den Iuchar.

    Chan eil geamaichean ann an Lìog Lèodhais is na Hearadh air an deireadh-sheachdain is an sgioba thaghte a' cluich Clach na Cùdainn aig Pàirc Chnoc nan Gobhar Disathairne aig 3f.

    Sin a thuilleadh air geama Aths ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd.

    Tha Malaig a' cluich sa chupa mhòr cuideachd is iadsan a' cur fàilte air Wick Groats.

    Tha aona gheama ann an Cupa Rois Disathairne is Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich an aghaidh a' Ghearasdain.

    Agus tha là mòr ann am ball-coise Uibhist is Bharraigh Disathairne is Cupa an t-Samhraidh a' dol air adhart aig Pàirce an Eilein Duirche agus aig Sgoil Lionacleit.

    Tòisichidh na geamaichean aig 11:00m le dùil gum bi a' chuairt dheireannach ann aig 3f.

  14. WIIGA air an dòigh le ullachadh Faroes 2027air fhoillseachadh aig 17:14 TSB 8 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    "Tha na goireasan aig ìre cho math 's a ghabhas." Sin an teachdaireachd bho Chathraiche WIIGA is e air tilleadh às na h-Eileanan Fàrach is mu bhliadhna ann mus tòisich Geamannan nan Eilean 2027.

    Tha riochdairean gach sgioba air a bhith anns na h-Eileannan Fàrach airson fiosrachadh fhaighinn is ullachadh a dhèanamh air thoiseach air na farpaisean.

    Tha cuid a sgiobaidhean, eileannan caolas Shasainn mar eiseimplair, a' beachdachadh air siubhal comhla feuch cosgaisean a chumail aig ìre freagarrach.

    Chan eil WIIGA buileach air na planaichean siubhail aca a dhearbhadh fhathast, ach aon ni air a bheil fios, tha iad ag amas air dorms mar a bh' aca an Arcaibh, seach na taighean-òsta.

  15. Alfie Stiùbhart air a dhòigh a bhith air ais aig ICTair fhoillseachadh aig 16:44 TSB 8 An t-Iuchar

    Alfie StiùbhartTùs an deilbh, SNS

    Thuirt Alfie Stiùbhart gun robh e an-còmhnaidh airson tilleadh gu Caley Thistle ma 's e gum biodh Obar Dheathain ga chur a-mach air iasad a-rithist.

    Dhearbh Inbhir Nis gum bi an Stiùbhartach air ais còmhla riutha air aonta fad seusain.

    Thàinig e air iasad an toiseach tro sheusan 2024/25 is bha e air ais airson 2025/26 - nuair a thog e sreath de dhuaisean is e na phàirt den sgioba aig ICT a bhuannaich an lìog.

    Às dèidh dha ainm a chur ri cùmhnant ùr aig Pittodrie bidh e a-nise air ais aig Caley Thistle san Championship.

    "Tha e air còrdadh rium gu mòr an seo roimhe", thuirt e.

    "Dh'fhuirich sinn san lìog an toiseach, nuairsin bhuannaich sinn an lìog, is a-nise tha dùbhlan ùr romhainn.

    "Ma bha mi gus a bhith a' dol a-mach air iasad a-rithist, 's e Inbhir Nis a bha gu bhith ann.

    "Tha a h-uile daoine a' tarraing còmhla agus 's e àite air leth a th' ann dhomh a bhith ag ionnsachadh."

    Bha ICT mar-thà air Alfie Bavidge a ghabhail air iasad a-rithist bho Obar Dheathain is Morgan Bates air iasad bho Swansea.

    Bha sin a bharrachd air aonta a dhèanamh le Graeme Shinnie, Noa Boutin, Ryan Duncan is Hamzad Kargbo.

  16. An t-Inbhir air tarraing a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 14:06 TSB 8 An t-Iuchar

    Tha sgioba an Inbhir à Cataibh air tarraing a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd.

    Tha an sgioba air adhartas a dhèanamh tron fharpais am-bliadhna is bha còir aca a bhith a' cluich an aghaidh Whalsay à Sealtainn sa chairteal-chuairt dheireannaich.

    Bha an geama sin gus a bhith ann an Arcaibh Disathairne.

    Ann am brath air na meadhanan-sòisealta ge-tà, thuirt an t-Inbhir gu bheil fear den sgioba aca gus pòsadh Disathairne is gum bi grunnan eile bhon sgioba cuideachd an làthair aig a' bhanais.

    Thuirt an cluba gun do dh'iarr iad an geama atharrachadh gu là eile air neo a chluich air tìr-mòr ach gun deach na h-iarrtasan aca a dhiùltadh.

    Tha iad ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a th' ann ach nach eil dol às aca ach tarraing a-mach às an fharpais.

    Tha seo a' fàgail gu bheil Whalsay a' dol dìreach dhan iar-chuairt dheireannaich.

    Ann am brath air na meadhanan-sòisealta acasan, thuirt sgioba Shealtainn gur e bristeadh-dùil a bh' ann dhaibhsan adhartas a dhèanamh san dòigh seo.

    Thuirt iad gun robh iad fhèin agus Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd fhèin air coimhead air a h-uile roghainn a bh' ann airson an geama a chluich agus leigeil le cluicheadairean an Inbhir a dhol chun na bainnse.

    Thuirt iad cuideachd gun robh iad air geama an aghaidh an Inbhir an-uiridh a ghluasad gus am biodh e comasach do chluicheadairean an Inbhir a dhol gu fèis Belladrum.

    Bidh na geamaichean eile sa chairteal-chuairt dheireannaich air an deireadh-sheachdain mar a leanas:

    • Athletic Steòrnabhaigh - Golspie Stafford (ann an Cùil Bhàicidh aig 12:30f)

    • Blackrock Rovers - Abhach (ann am Baile Eòghainn aig 3f)

    • Malaig - Wick Groats (ann am Malaig aig 2f)

    San iar-chuairt dheireannaich bidh Whalsay an aghaidh Blackrock Rovers no Abhach agus bidh Malaig no Wick Groats an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh no Golspie Stafford.

  17. Tadhail gu leòr aig Cnoc na Monadhair fhoillseachadh aig 09:17 TSB 8 An t-Iuchar

    'S iad Èirisgeigh a thog na puingean ann an Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt is iad air a' chùis a dhèanamh 5-4 air Saints an Ìochdair.

    'S e 2-2 a bh' ann aig lethach slighe air oidhche fhliuch aig Cnoc na Monadh.

    Ghluais Èirisgeigh 4-2 air thoiseach is ged a thill Saints air ais gu 4-4, thàinig an tadhal a bhuannaich an geama 'son Èirisgeigh le ceithir mionaidean air fhàgail.

    'S e Dominic MacAmhlaigh an rionnag a bh' aca is e air trì de na tadhail a chur.

    Tha seo a' togail Èirisgeigh suas dhan treas àite san lìog, co-ionnan le Barraigh air naoi puigean, is iad puing air cùl Beinn na Faoghla a th' aig a' mhullach.

  18. Car aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadhair fhoillseachadh aig 09:44 TSB 7 An t-Iuchar

    Tha cùisean air fosgladh suas aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadh às dèidh dhan Bhac call 'son a' chiad turas air an t-seusan seo.

    Rinn Càrlabhagh an gnothach orra 4-2 aig Cnoc a' Choilich oidhche Luain.

    Chuir Hamish Dòmhnallach Càrlabhagh air thoiseach dà thuras sa chiad leth ach fhreagair am Bac le tadhail bho Louie Dòmhnallach agus Eòghann Dòmhnallach.

    Chaidh Càrlabhagh air ais air thoiseach san dàrna leth is Hamish Dòmhnallach a' cur crìoch air an hat-trick aige fhèin, mus deach fear-glèidhidh a' Bhac, Aonghas Moireach, a chur dheth le cairteal na h-uaireach air fhàgail.

    Thàinig an tadhal a rinn cinnteach air na puingean do Chàrlabhagh anns na diogan mu dheireadh bho Dylan Forster.

    Leis a' Bhac a' call tha an Rubha air gluasad nas fhaide air thoiseach aig bàrr na lìge is iad air buannachadh 8-1 ann an Nis oidhche Luain.

    Thàinig na tadhail aca bho Rob Jones (3), Aonghas Dòmhnallach (2), Ethan MacÀdhaimh, Anndra Moireach is Daniel Broke.

    Fhreagair Lee Johnson an tadhal 'son Nis.

    Chaidh na geamaichean eadar United is na Hearadh is an Taobh Siar is Aths a chur dheth is bidh iad a-nise oidhche Chiadain.

    Tha na thachair oidhche Luain a' fàgail gu bheil an Rubha, am Bac is Aths a-nise uile air an aon àireamh de phuingean a leigeil às, is an Rubha sia puingean air thoiseach aig a' mhullach is iad air barrachd gheamaichean a chluich.

    Bidh Càrlabhagh fhèin cuideachd a' faireachdainn gu bheil na trì puingean oidhche Luain gan toirt air ais a-steach dhan rèis.

    Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt bidh Èirisgeigh an aghaidh Saints an Ìochdair.

    Bidh an geama sin aig Cnoc na Monadh aig 6:30f.

  19. Geamannan nan Eilean gus tilleadh gu Gotlandair fhoillseachadh aig 11:23 TSB 6 An t-Iuchar

    Sgioba nan Eilean air cuirm fosglaidh Gheamannan Ghotland ann an

    Tillidh Geamannan nan Eilean gu Gotland ann an 2031.

    Thàinig dearbhadh bho Chomann nan Geamaichean às dèidh dhaibh bhòt a chumail aig an AGM aca air an deireadh-sheachdain.

    Bha na geammann ann an Gotland mu dheireadh ann an 2017.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Gotland 2017: Cuirm Fhosglaidh

    "Tha sinn air ar dòigh an ìre seo a ruighinn is sinn air a bhith ag obair air an tagradh againn bho 2024," thuirt Fredrik Persson bho chomataidh Ghotland.

    "Tha còig bliadhna againn a-nise gus geamaichean sònraichte a chur air dòigh."

    Bidh geamannan 2027 anns na h-Eileanan Fàro agus geamannan 2029 ann an Eilean Mhanainn.

  20. Am Bac a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 09:55 TSB 6 An t-Iuchar

    Chaidh am Bac a-mach à Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd is iad air call 3-0 ri Golspie Stafford air an deireadh-sheachdain.

    Bidh a' chairteal-chuairt dheireannach den fharpais ann Disathairne seo tighinn is 's iad Athletic Steòrnabhaigh is Malaig a-mhàin às a' chosta an iar a tha air fhàgail ann.

    Ann an Cupa MalCivils Disathairne rinn Aths a' chùis air Saints an Ìochdair 2-1.

    Bidh Aths a-nise an aghaidh Bharraigh san iar-chuairt dheireannaich is bidh am Bac an aghaidh an Taobh Siar sa gheama eile.

    Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh air an deireadh-sheachdain thug Barraigh lidrigeadh 10-0 air Southend agus chrìochnaich an geama eadar Uibhist a Tuath is Beinn na Faoghla co-ionnan 1-1.

    San Eilean Sgitheanach bha Cupa Cuillin Competitions a' dol ann am Port Rìgh Disathairne is 's iadsan an Gearasdan a shoirbhich is iad a' buannachadh 2-0 an aghaidh Chaoil Àcainn sa chuairt dheireannaich.

    Oidhche Luain bidh aire air Lìog Leòdhais is na Hearadh is trìu geamaichean ann.

    Tha na geamaichean mar a leanas:

    • An Taobh Siar - Athletic

    • Càrlabhagh - Am Bac

    • Nis - An Rubha

    Chaidh an geama eadar United is na Hearadh aig Cnoc nan Gobhar a chur dheth.

  21. Bàideanach is Ceann Loch Seile sa chuairt dheireannaich de Chupa na Prìomh Lìgeair fhoillseachadh aig 09:29 TSB 6 An t-Iuchar

    Cluicheadairean Bhàideanach

    Chaidh Bàideanach is Ceann Loch Seile air adhart dhan chuairt dheireannaich de Chupa na Prìomh Lìge is iad ri chèile air buannachadh gu furasta Didòmhnaich.

    Rinn Bàideanach a' chùis air na Sgitheanaich 7-0 agus 's e 6-0 a bh' ann do Cheann Loch Seile an aghaidh Inbhir Nis

    Bha dùil ri geama faisg eadar Bàideanaich is na Sgitheanaich ach air a' cheann thall bha an sgioba a th' aig bàrr na lìge cus ro mhath dha na h-eileanaich.

    Thàinig tadhail Bhàideanach bho Hope Borthwick (3), Lexi Farquhar (2), is Kirsty Deans (2).

    Tha seusan air leth air a bhith aig Ceann Loch Seile gu seo is fhuair iadsan seachad air Inbhir Nis gun duilgheadas sam bith.

    'S iad Lorna NicRath (4), Lexie NicCoinnich is Rhianna Kirk a bha air an targaid dhaibh.

    Ann an Cupa nan Sgiobaidhean Singilte 's iad Gleann Urchadain is Dùn Ad a bhios sa chuairt dheireannaich.

    Rinn sgioba a' Ghlinne a' chùis air Lòbhat 7-3 agus 's e 14-2 a bh' ann do Dhùn Ad an aghaidh Tatha is For.

    Tadhail gu leòr an iomain nam fear

    Dh'fhuiling na Sgitheanaich droinneadh bho sgioba à Bàideanach ann an iomain nam fear cuideachd is Ceann a' Ghiùthsaich a' buannachadh 6-0 aig Pàirc nan Laoch sa Phrìomh Lìog Disathairne.

    'S iad Dylan Borthwick (2), Lee Bain, Calum McLay, Seòras Ramsay is Ruairidh MacAnndrais a fhuair na tadhail do Kings, a tha a-nise ceithir puingean air cùlaibh Bhaile Ùr an t-Slèibh is iad air geama nas lugha a chluich.

    Ghluais an Gearasdan suas dhan treas àite - ged a tha iad pìos air dheireadh air sgiobaidhean Bhàideanach - nuair a bhuannaich iad 5-2 an aghaidh Chabar Fèidh aig Caisteal Leòid.

    Fhuair Victor Mac a' Ghobhainn trì is thàinig na tadhail eile bho Alexander MacMhaoilein is Archie MacFhioghnain.

    'S iad Gavin MacLachlainn is Seumas MacEanraig a fhuair tadhail Chabers.

    Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog thug Loch Abar pronnadh 9-3 air Caol Bhòid is sgioba Thaigh na Bruaich ann an suidheachadh gu math dubhach aig bonn na lìge.

    Agus chaidh Cill Mhàilidh air adhart do chuairt dheireannach Chupa a' Bhaile Mhòir nuair a rinn iad an gnothach 2-1 air Inbhir Aora ann an Taigh an Uillt.

    'S iad Lòbhat a bhios nan aghaidh sa chuairt dheireannaich.

  22. Am Bac ag amas air adhartas an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 12:54 TSB 3 An t-Iuchar

    Cupa Amaitearach na GàidhealtachdTùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

    Tha am Bac ag amas air àite sa chairteal-chuairt dheireannaich de Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd Disathairne is iad a' dol an aghaidh Golspie Stafford.

    Bidh an geama ann am Baile Eòghainn aig 1f is bidh an sgioba a nì a' chùis an aghaidh Athletic Steòrnabhaigh san ochd mu dheireadh.

    Tha Malaig fhathast ann cuideachd - bidh iadsan a' cluich Wick Groats an ath-sheachdain.

    Ann an Cupa MalCivils Disathairne thèid Aths an aghaidh Saints an Ìochdair aig Pàirc Chnoc nan Gobhar aig 11:30m.

    Tha Barraigh, an Taobh Siar is am Bac mar-thà san iar-chuairt dheireannaich den fharpais.

    Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh bidh Uibhist a Tuath an aghaidh Beinn na Faoghla oidhche Haoine agus Disathairne thèid Southend an aghaidh Bharraigh.

    San Eilean Sgitheanach bidh Cupa Cuillin Competitions ann Disathairne aig Pàirc an Rìgh Seòras V.

    Tòsichidh an fharpais aig 10:00m le dùil gum bi a' chuairt dheireannach ann aig 4f.