Spòrs

Latest updates

  1. Càrlabhagh a' feuchainn air àite an Cuairt Dheireannach Chupa Amaitearachd na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 16:46 TSB 15 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Cupa Amaitearachd na Gàidhealtachd aig ire nan iar chuirtean deireannach Disathairne.

    Bidh Càrlabhagh a' siubhal a Bhaile Eoghainn a chluich Inbhir, sgioba à Cataibh.

    Fhuair Iona NicDhàibhidh facal air dithis bhon sgioba: Dòmhnall MacAoidh agus Robbie MacCoinnich.

  2. Cò ghlèidheas Prìomh Lìog Shasainn?air fhoillseachadh aig 16:04 TSB 14 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Sin a' cheist air a bheil DA Moireasdan, Calum Dòmhnallach is Alasdair MacIllinnein a' meòrachadh is iad a' toirt sùil air adhart chun an t-seusain ùir.

  3. An Rubha troimhe ann an Cupa Mholdòbhaair fhoillseachadh aig 11:09 TSB 14 An Lùnastal 2025

    Bha oidhche chomhurtail aig An Rubha Diciadain is iad a' faighinn troimhe gu iar-chuairt dheireannach Cupa Mholdòbha.

    Rinn iad a' chùis air Na Lochan 6-0 aig na Creagan Dubh.

    Fhuair DJ Clinton trì de na tadhail dhaibh, le na feadhainn eile a' tighinn bho Dean Clinton, Rob Jones agus Dòmhnall Steele.

    Thèid na Rubhaich a-niste an aghaidh a' Bhac san ath-chuairt a thèid a chluich Diluain an 25mh den Lùnastal.

    'S iad Na Hearadh agus An Taobh Siar a thèid an aghaidh a chèile san iar-chuairt dheireannach eile air an 27mh den Lùnatal.

  4. An Rubha, Am Bac, Na Hearadh agus An Taobh Siar troimhe ann an Cupa Mholdòbhaair fhoillseachadh aig 15:15 TSB 12 An Lùnastal 2025

    Thòisich iomairt Chupa Mholdòbha ann an Leòdhas agus na Hearadh oidhche Luain.

    Chuir Nis fàilte air An Rubha gu pàirce nan Còig Peighinnean anns a' chiad chuairt.

    Chaidh na sgiobaidhean a-steach aig leth-ùine is Nis 1-0 air thoiseach às dèidh tadhal bho Lee Johnson.

    Bha deich mionaidean craicte san dàrna leth a dh' fhàg cùisean co-ionnann aig 3-3.

    Bhuannaich na Rubhaich aig a' cheann thall ge-tà agus tadhal bho Rob Jones, sa mhionaid mu dheireadh de dh' ùine àbhaisteach, a' glèidheadh an geam dhaibh.

    Le naoi sgiobaidhean san fharpais, fhuair Na Lochan troimhe chun dàrna cuairt gun geama a' chluich.

    Cluichidh an Rubha nan aghaidh oidhche Chiadain san dàrna cuairt.

    Bha na tri geamaichean eile oidhche Luain san dàrna cuairt.

    Tha Am Bac troimhe chun na h-iar chuairtean deireannach às dèidh dhaibh a' chùis a' dhèanamh air Athletic Steòrnabhaigh, 2-1, ann an Col Uarach.

    Thèid Am Bac a-niste an aghaidh Na Lochan neo An Rubha san iar-chuairt dheireannach.

    Fhuair An Taobh Siar troimhe cuideachd is iad a' dèanamh a' chùis air Càrlabhagh, 6-3, aig Cnoc a' Choillich.

    Bha Càrlabhagh 3-2 air thoiseach, mus d' fhuair na Siaraich tadhal anns na diogan mu dheireadh airson a' gheam a thoirt gu ùine a bharrachd.

    Fhuair An Taobh Siar trì eile ann an ùine a bharrachd le Ali 'Barabhas' Macleòid a' criochnachadh a' gheam le tri tadhail dha fhèin.

    'S iad Na Hearadh a thèid nan aghaidh san iar-chuairt dheireannach eile.

    Thug iadsan droinneadh do United Steòrnabhaigh aig Pàirce Ralaidh, 's iad a' tighinn am bàrr 7-2.

    Am measg nan tadhail dha na Hearaich bha Jack Hay, a fhuair trì, agus Seumas MacEanraig.

  5. Am Bail' Ùr troimhe gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 18:50 TSB 10 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S iad Baile Ùr an t-Slèibh a bhios a chluich an aghaidh sgioba Cheann a' Ghiùthsaich ann an cuairt dheireannach Cupa na Camanachd air an ath mhìos.

    Rinn iad a' chùis air Camanachd an Òbain Disathairne.

    Tha tuilleadh aig Calum MacIllinnein.

  6. An Taobh Siar a' gleidheadh Cupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 11:14 TSB 9 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S iad an Taobh Siar a bhuannaich Cupa Eilean an Fhraoich, a deanamh an gnothach air an Rubha 5-3 an deidh ùine a bharrachd.

    Tha sin am measg nan cuspairean air Spòrs na Seachdain le Iain Moireasdain. Èistibh an seo.

  7. 'Chan eil càil nas cudromaiche na Cupa na Camanachd'air fhoillseachadh aig 17:10 TSB 8 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chan eil càil nas cudromaiche na Cupa na Camanachd do chluicheadair Bhaile Ùr an t-Slèibh, Iain Robinson.

    Bidh an sgioba aige a' feuchainn an aghaidh Chamanachd an Òbain san iar-chuairt-dheireannaich den fharpais Disathairne, beò air BBC Alba bho 1600.

  8. "'S e sgioba ùr a th' annainn"air fhoillseachadh aig 14:49 TSB 8 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha seann ainm air ais ann am ball-coise air a' Ghàidhealtachd.

    Disathairne, cluichidh cluba ùr Thistle Inbhir Nis a' chiad gheam aca ann an Lìog Cailleanach a' Chinn a Tuath an aghaidh Inbhir Theòrsa.

    Tha an fheadhainn a tha os cionn a' chluba ag ràdh gur e toiseach lìnn ùr a th'ann ach gu bheil dualchas an t-seann chluba gu math cudromach dhaibh cuideachd.

    Tha rùnaire Thistle Inbhir Nis, Raibear McIlwraith, agus an Co-mhanaidsear, Drew Màrtainn a' dèanamh fiughar ri toiseach an t-seusan.

  9. Ainm ùr airson pàirc Chaley Thistleair fhoillseachadh aig 19:10 TSB 7 An Lùnastal 2025

    Pàirc ICTTùs an deilbh, SNS

    'S e Stèideam Sarens PSG an t-àinm ùr a th' air pàirc Chaley Thistle Inbhir Nis, an dèidh dhan chompanaidh innleadaireachd mhara a tha stèidhichte an Inbhir Ghòrdain na còraichean a cheannach.

    Tha ICT air a bhith aig a' phàirc, a ghabhas 7,512 duine, bho 1996.

    Chuir Sarens PSG, a tha an sàs ann an roinn na cumhachd ath-nuadhachail far-thìr, an ainm ri aonta sponsaireachd trì bliadhna leis a' chluba bho Lìog 1.

    Thuirt cathraiche Chaley Thistle, Ailean Savage, gun robh an t-aonta "sgoinneil".

    Bha trioblaidean mòra ionmhais aig a' chluba an-uiridh agus chaidh iad ann an rianachd.

    Chaidh aonta a ruighinn anns an Ògmhios ge-tà a leig le Mgr Savage Caley Thistle a ghabhail thairis.

    Bha stiùiriche Sarens PSG, Pòl Clark, ag ràdh gur e urram a bhios ann ainm na companaidh fhaicinn air stèidean Chaley Thistle.

    Cluichidh ICT Ceann Pàdraig an Inbhir Nis Disthairne.

    'S e sin a' chiad ghèam lìog aca aig an taigh air an t-seusan seo agus a' chiad ghèam le ainm ùr air an stèideam.

  10. Juventus ann an Leòdhasair fhoillseachadh aig 18:09 TSB 7 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Acadamaidh Juventus na h-Alba air a bhith shuas ann an Leòdhas air an t-seachdain-sa 'son a' chiad uair is iad a' toirt chothroman trèanaidh do dh'òigridh an eilein.

    Tha Paul Clelland agus Bradley Moireasdan nam pàirt dhen sgioba chòidsidh.

  11. Spòrscast a' toirt sùil air Caley Thistle Inbhir Nisair fhoillseachadh aig 12:25 TSB 7 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Le Caley Thistle Inbhir Nis aig tòiseach linn ùr tha Javen Houston a' toirt comhla dithis a tha gu math eòlach air an sgioba, Eàirdsidh MacIllEathain is Harry MacNeacail gus bruidhinn mun sgioba.

  12. Spòrs na Seachdain le Iain Moireasdainair fhoillseachadh aig 11:17 TSB 2 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast comhla ri Iain Moireasdain

    'S e ball-coise am priomh cuspair a th'aig Iain Moireasdain air prògram na seachdain-sa, is am Premiership a' tòiseachadh as ùr.

  13. 'Seo an Cupa as motha ann an Iomain'air fhoillseachadh aig 11:56 TSB 1 An Lùnastal 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Theid Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh sgioba a' Ghearasdain sa chiad iar chuairt dheireannach do Chupa na Camanachd Disathairne ann an Inbhir Nis.

    Tha an Gearasdan aig mullach na lìog le Ceann a' Ghiuthsaich dà phuing air an cùlaibh le gèam a' bharrachd ri chluich.

    Chrìochnaich an aon ghèam eatorra am bliadhna co-ionnan, mar sin tha dùil ri gèam teann aig Pairc a' Bhucht.

    Bhruidhinn Iain Friseal agus Jack Friseal rinn air thoiseach air a' ghèam.

  14. An Taobh Siar troimhe gu cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 16:31 TSB 31 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thèid sgioba an Taobh Siar an aghaidh an Rubha sa chuairt dheireannach de Chupa Eilean an Fhraoich.

    Rinn an Taobh Siar a' chùis air sgioba a' Bhac 2-0 Diciadain gus buannachadh 5-4 thar an dà gheam. Ali 'Barvas' MacLeòid leis a' chiad tadhal agus Scott MacArtair a' faighinn an dara fear.

    Thèid cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoich a' chumail air an 8mh den Lùnastal ann an Garrabost.

    Dealbhan bhon gheama bho 'Islandfootie'.

  15. Spòrscast a' toirt sùil air rothaireachdair fhoillseachadh aig 10:50 TSB 31 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Tour de France nam fear seachad, ach de seòrsa rèis a bh'ann? Tha Dòmhnall MacLaomainn agus Gòrdan Camshron a' coimhead air ais air agus a deasbad na puingean as cudromaiche.

  16. MacRath air ainmeachadh mar chòidse ùr sgioba iomain na h-Albaair fhoillseachadh aig 15:35 TSB 30 An t-Iuchar 2025

    Ailean MacRathTùs an deilbh, Camanachd Association

    'S e Ailean MacRath àrd-chòidse ùr sgioba iomain na h-Alba.

    Tha e a'gabhail àite Garry Reid a bha os ceann an sgioba son an dà gheama eadar-nàiseanta mu dheireadh.

    Tha MacRath na mhanaidsear air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal san lìog nàiseanta cuideachd, agus an sgioba aige an-dràsta seachd puingean bho mhullach na lìg, le dà gheama a bharrachd aca ri chluich.

    Thuirt è gu bheil e air a dhòigh, is Alba a' dèanamh deiseil airson geama le Èirinn aig an taigh airson a' chiad turas o 2018.

    Chan eil Alba air an gnothach a dhèanamh air Èirinn a' dol air ais gu 2019 agus tha MacRath den bheachd gu bheil obair mhòr air thoiseach air.

    Thuirt e: "Tha deagh fhios agam cho cudromach sa tha an geama, agus an t-uallachadh a dh'fheumas sinn dèanamh ma tha sinn airson an tiotal a thoirt air ais."

    Tha geama na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis air an 25mh den Dàmhair aig Pàirc a' Bhucht.

  17. Luchd-taic Rangers 'misneachail' ron dara geama le Panathinaikosair fhoillseachadh aig 12:22 TSB 30 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Rangers sa Ghrèig air thoiseach air an dara geama aca le Panathinaikos san dara cuairt dearbhaidh de Lìog na h-Eòrpa.

    Bhuannaich sgioba Russell Martin a' chiad gheam 2-0 aig Ibrox agus tha luchd-taic Rangers, nam measg Eòghann MacAnndrais, misneachail mu na cothroman aca.

  18. An Rubha troimhe gu cuairt dheireannach Chupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 13:00 TSB 29 An t-Iuchar 2025

    'S iad an Rubha a tha feitheamh air sgioba a' Bhac neo an Taobh Siar sa chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich.

    Chaill an Rubha 3-2 ri Càrlabhagh oidhche Luain ach chaidh iad troimhe leis gun do bhuannaich iad a' chiad gheama 2-0.

    Bha an Rubha 2-0 air thoiseach tràth sa gheama is Josh Mac a' Ghobhainn agus Luke MacAoidh a' faighinn nan tadhal.

    Chaidh aig Càrlabhagh air tilleadh gus buannachadh air an oidhche, ach cha robh gu leòr an sin gus a dhol troimhe.

    San iar-chuairt dheireannaich eile tha am Bac 4-3 air thoiseach ron dàrna geama -ann am Barbhas.

  19. Loch Abair air an dòigh le Cupa a' Bhaile Mhòirair fhoillseachadh aig 17:08 TSB 27 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thuirt manaidsear Loch Abair gu bheil e air a dhòigh glan gun do bhuannaich iad Cupa a' Bhaile Mhòir Disathairne.

    Rinn iad a' chùis air Inbhir Aora 3-0 ann an Drochaid an Aonachain gus an fharpais a ghlèidheadh.

    Le tuilleadh, seo Javen Houston.

  20. Camanachd an Òbain & Ceann a' Ghiùthsaich troimheair fhoillseachadh aig 18:04 TSB 26 An t-Iuchar 2025

    Cupa MhicAmhlaigh

    Thèid Camanachd an Òbain an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich sa cuairt dheireannach de Cupa MhicAmhlaigh an ath-mhios.

    Thàinig an dà sgioba sin am bàrr sna h-iar chuairtean deireannach a chaidh a chluich Disathairne.

    Rinn Camanachd an Òbain a' chùis air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheil 3-1 airson faighinn troimhe.

    Anns a' gheam eadar naimhdean Bhàideanaich 's iad Ceann a' Ghiùthsaich a thàinig am bàrr 3-0 an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh.

    'S e seo an ceathramh bliadhna ann an sreath a' choinnicheas an dà sgioba seo ann an cuairt dheireannach Cupa MhicAmhlaigh.

    Bha dà gheam ann am Prìomh Lìog na h-Iomain Disathairne cuideachd, le Ceann Loch Seile a' dèanamh a' chùis 2-0 air Lòbhat agus Cabar Fèidh a' tighinn am bàrr 4-2 an aghaidh Chaol Bhòid.

  21. Oidhche 'iongantach' an Lìog Leòdhais 's na Hearadhair fhoillseachadh aig 13:30 TSB 26 An t-Iuchar 2025

    'S e oidhche "iongantach ris nach robh duine an dùil" a bh' ann ann an Lìog Leòdhais agus na Hearadh Dihaoine, a rèir Choinnich MhicLeòid.

    Cha deach aig gin de na ceithir sgiobaidhean aig a bheil cothrom air an tiotal buannachadh.

    Chaill sgioba a' Bhac 4-3 ann an Nis, bha an Taobh Siar agus an Rubha co-ionnan 3-3 agus chaill Càrlabhagh aig an taigh ris na Lochan.

    Tha ceithir geamaichean aig sgioba a' Bhac agus an Taobh Siar ri chluich agus a rèir Choinnich 's ann eatorra a tha an tiotal.

    "Tha mi a' smaoineachadh ge bith cò bhuannaicheas na ceithir geamaichean sin, 's iad a bhuannaicheas an lìog.

    Chanadh tu gu bheil na geamaichean a th'air fhàgail aig sgioba a' Bhac beagan nas fhasa."

    Lìog Leòdhais agus na HearadhTùs an deilbh, lhfa.org.uk
  22. Spòrs na Seachdain le Derek MacAoidhair fhoillseachadh aig 11:37 TSB 26 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast le Derek MacAoidh

    Tha ball-coise ionadail agus nàiseanta, iomain agus rugbaidh am measg nan cuspairean a th'aig Derek MacAoidh air prògram na seachdain-sa.

  23. Geamannan ball-coise na deireadh-sheachdainair fhoillseachadh aig 17:45 TSB 25 An t-Iuchar 2025

    Bidh sgioba a' Bhac an dòchas an deireadh-sheachdain a chrìochnachadh co-dhiù dà phuing air thoiseach air chàch aig mullach Lìog Leòdhais agus na Hearadh. Tha iad a' cluich Nis air falbh bhon taigh oidhche Haoine.

    Ma tha An Taobh Siar airson ceann a' mhaide a' chumail riutha, feumaidh iad na trì puingean a thogail an aghaidh an Rubha.

    Tha Càrlabhagh còig puingean air cùlaibh A' Bhac, agus trì air cùlaibh nan Siarach, ach tha geam a bharrachd aca ri chluich agus shaoileadh tu gum biodh iad ro làidir do na Lochan aig an taigh.

    San gheama eile ann an Lìog Leòdhais agus na Hearadh Dihaoine, tha an dà sgioba à Steòrnabhagh a' coinneachadh is Aths a' cur fàilte air United.

    Chan eil geamannan ann an Lìog Uibhist is Bharraigh an deireadh-sheachdain sa idir, agus ann an Lìog Iar Thuath na Gaidhealtachd, tha Malaig a' cur fàilte air Slèite is an t-Srath agus an lìog air sgarradh. Chan eil ach trì puingean eadar na sgiobaidhean air fad, le Slèite is an t-Srath sa chiad àite le 22 puing agus Malaig dìreach air an cùlaibh air 20.

    Chan eil ach trì sgiobaidhean sa bhuidheann, mar sin tha an Gearasdan, aig a' bheil 19 puingean, nan tàmh.

    Tha na trì sgiobaidhean aig bonn na lìog a-nis a' farpais airson Cupa Chlann Dòmhnaill. Tha Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a' cur fàilte air Caol Àcainn le Port Rìgh aig fois. Tha na trì sgiobaidhean sin a' toiseachadh a-rithist gun phuing.