Uibhist a Tuath a' gluasad co-ionann le Beinn na Faoghla aig mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 11:13 TSB 18 An t-Iuchar
Ghluais Uibhist a Tuath gu bhith co-ionnann le Beinn na Faoghla aig bàrr Lìog Uibhist is Bharraigh, às dèidh a' chùis a dhèanamh air Saints an Iochdair, 2-1, oidhche Haoine.
'S iad Saints a chaidh air thoiseach sa gheama tro Anthony MhicAonghais.
Ach, fhuair Ruairidh MacLeòid agus an uairsin Lewis Dòmhnallach na tadhail airson an geama a bhuannachadh do dh'Uibhist a Tuath.
Tha sin gam fàgail air an aon àireamh phuingean ri Beinn na Faoghla aig a' mhullach, ach air an cùlaibh air sgarradh-thadhail.
Anns a' gheama eile an-raoir thog Southend a' chiad phuing aca dhen t-seusan is iad a' crìochnachadh 2-2 le Èirisgeigh.
'S iad Èirisgeigh a chaidh air thoiseach sa chiad leth, ach thill Southend gu làidir is bha iad co-ionnann ro leth-ùine.
Chaidh Southend an uairsin air thoiseach nuair a fhuair Dòmhnall MacGuaire a' chiad tadhal aigesan aig ìre "senior" bhon spot-pheanais.
Fhuair Èirisgeigh an geama co-ionnan a-rithist ge-tà, agus 's ann mar sin a chrìochnaich e is gach sgioba a' togail puing.
Tha sin a' fàgail Southend aig a' bhonn fhathast, còig puingean air cùlaibh Saints os an cionn.
Tha Èirisgeigh a' sreap os cionn Bharraigh chun an treasamh àite, ged a tha na Barraich air trì geamaichean nas lugha a chluich.













