Spòrs

Latest updates

  1. Ball-coise nam banair fhoillseachadh aig 13:59 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Tha an iar-chuairt dheireannach eadar sgioba nan Eilean Siar agus Eilean Mhanainn air a dhol gu ùine a bharrachd.

    Sin às dèidh dhan gheama crìochnachadh 1-1.

    Anns a' gheam eile tha Bermuda, a rinn a' chùis air na h-Eileanan an Iar sa chuairt dheireannaich an turas mu dheireadh ann an Guernsey, 2-0 air thoiseach air Gozo.

  2. Farpaisich san 5,000m air tòrr ionnsachadhair fhoillseachadh aig 13:41 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha Catriona Bain is Ailyn NicAoidh a' ruith às leth WIIGA ann an cuairt dheireannach an 5,000m a-raoir.

    Ged nach d'fhuair iad bonn tha na geamaichean air còrdadh riutha gu mòr is iad air tòrr ionnsachadh.

    Tha iad an dòchas cothrom eile fhaighinn is an t-eòlas ùr a chur gu feum.

  3. Ball-coise nam banair fhoillseachadh aig 13:06 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Tha sgioba nan Eilean Siar co-ionnan 1-1 aig leth-ùine sa gheam aca le Eilean Mhanainn san iar-chuairt dheireannaich de dh'fharpais ball-coise nam ban.

    Chaidh sgioba WIIGA air thoiseach bhon spot-peanais tro Kyla McMurdo le beagan is 30 mionaid air a' ghleoc.

    Bha Eilean Mhanainn co-ionnan mu chòig mionaidean às dèidh sin ge-tà às dèidh tadhal bho Bhecky Cole.

    Tha sgioba nan Eilean Siar ag amas air a dhol aon cheum nas fhaide air an turas mu dheireadh ann an Guernsey nuair a bhuannaich iad am bonn airgid.

  4. Kara Hanlon air cuairt dheireannach eile a ruighinn aig Geamannan nan Eileanair fhoillseachadh aig 11:51 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Tòraidh na rèisean dearbhaidhTùs an deilbh, Orkney2025

    Tha Kara Hanlon air cuairt dheireannach eile a ruighinn aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh.

    'S i Kara an treas tè a bu luaithe ann na rèisean dearbhaidh an 100 meatair medley shingilte madainn an-diugh.

    Chrìochnich i ann an 1:04.46, air cùlaibh Chloe Brown às Guernsey agus Eve Wood às Arcaibh. Bha Eva NicSuain anns an 18mh àite.

    Bidh a' chuairt dheireannach ann aig 6f a-nochd fhathast is Kara a' feuchainn air a ceathramh bonn òir de na geamannan agus an còigeamh bonn uile gu lèir tron t-seachdain.

  5. Kara ag amas air bonn eileair fhoillseachadh aig 09:07 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Kara Hanlon a' bruidhinn ri Ailean MacLeòid oidhche Chiadain

    Gheibh a h-uile duine a tha a' farpais às leth nan Eilean ann an Arcaibh an-diugh spionnadh, tha fios, às na rinn Kara Hanlon san amar-snàimh a-raoir.

    Bonn òr eile - an turas seo san 100 meatair breaststroke - agus clàr eile.

    Seo an ceathramh bonn a tha Kara air buannachadh aig geamannan Arcaibh is 16 aice a-nise uile gu lèir.

    A' bruidhinn ri Ailean MacLeòid às dèidh làimh, thuirt Kara gu bheil teans fhathast gum bi i air ais aig Geamannan nan Eilean a-rithist.

    Chan eil i deiseil ann an Arcaibh fhèin is i ag amas an-diugh air bonn san 100 IM.

    'S e là trang a tha gu bhith air gu leòr eile ann an sgioba WIIGA.

    Nam measg tha sgioba ball-coise nam ban. Thèid an sgioba an aghaidh Eilean Mhanainn aig meadhan-là san iar-chuairt dheireannaich.

    Tha fir nan Eilean Siar cuideachd a' cluich an-diugh. Bidh iadsan an aghaidh Gozo sa gheama dearbhaidh 'son an 7mh is 8mh àite is an geama sin a' tòiseachadh aig 3:30f.

    Bidh aire cuideachd feasgar air lùth-chleasachd.

  6. Adhartas dha luchd-bogha WIIGAair fhoillseachadh aig 08:32 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S e an-diugh an là mu dheireadh de dh'fharpaisean na boghadaireachd airson sgioba nan Eilean Siar.

    Chan eilear air bonn a bhuannachadh ach cha b' e sin an t-slat-tomhais a bha aca dhaibh fhèin, tha iad ag ràdh.

    Is tha an sgioba gu math cinnteach gu bheil iad air adhartas a dhèanamh.

  7. Bonn òir eile do sgioba nan Eilean Siar air a' cheathramh là an Arcaibhair fhoillseachadh aig 21:16 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ghlèidh sgioba nan Eilean Siar bonn òir eile aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh, is Kara Hanlon a' buannachadh an rèis 100 meatair breastroke.

    Seo mar a chaidh sin agus na naidheachdan eile bho Arcaibh aithris air An Là.

  8. Abbie ag amas air bonn eileair fhoillseachadh aig 19:38 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha deagh là aig Abbie Stiùbhart an-diugh cuideachd.

    Tha i troimhe gu cuairt dheireannach eile - is tha i ag amas air bonn eile.

  9. Bonn òir is clàr eile do Kara Hanlonair fhoillseachadh aig 19:03 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Kara Hanlon

    Ghlèidh Kara Hanlon an rèis 100 meatair breaststroke aig Geamannan nan Eilean.

    Stèidhich i clàr ùr ann a bhith ga dhèanamh.

    Chrìochnaich i ann an 1.06.21, a' toirt còrr air diog far a' chlàr a bha roimhe aig 1.07.28.

    Seo an ceathramh bonn a tha Kara air buannachadh aig geamannan Arcaibh.

    Tha i air trì buinn òir a chosnadh anns na tri rèisean breaststroke agus fhuair i bonn umha san rèis 200IM.

    Tha Kara a-nis air 16 buinn a ghlèidheadh uile gu lèir aig Geamannan nan Eilean, barrachd na neach eile bho na h-Eileannan an Iar, agus tha cothrom aice air bonn eile an ath-oidhche.

  10. Rèis rathaid nam fearair fhoillseachadh aig 18:55 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha rèis rathaid nam fear air tighinn gu ceann le Brian Mac a' Phì a' crìochnachadh san 27mh àite le uair de 02:25:48, agus Iain MacArtair san 33mh àite le uair de 02:27:27.

    A' bruidhinn ris an sgioba againn ann an Arcaibh thuirt Iain gur e rèis chruaidh a bh' ann ach gun robh an dithis aca toilichte le mar a chaidh dhaibh.

    Bha nas lugha na diog eadar an fheadhainn a thog na buinn.

    'S e Tom Huelin à Jersey a bhuannaich am bonn òir, is e crìochnachadh le uair de 02:19:19, dìreach air thoiseach air Roberto Ledesma Estevez à Menorca (airgead) agus Tyler Hannay à Eilean Mhanainn (umha).

  11. Rèis rathaid nam fearair fhoillseachadh aig 16:08 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Brian Mac a' Phì agus Iain MacArtair às na h-Eileanan an Iar mar phàirt de bhuidheann a tha mu thimcheall air trì mionaidean air cùlaibh an fheadhainn a th' air thoiseach aig an ìre seo.

  12. Adhartas ann am boghadaireachdair fhoillseachadh aig 13:48 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Rochelle van Niekerk

    Deagh mhadainn a bh' ann sa bhoghadaireachd do Rochelle van Niekerk.

    Shoirbhich leatha anns a' chiad chuairt den fharpais compound 127-110 - a' chiad turas a tha i air geama head to head a bhuannachadh ann am farpais.

    Chaill i san dàrna cuairt ach tha i fìor thoilichte le mar a chaidh dhìth - mar a tha an còrr den sgioba.

  13. An tig na geamannan dha na h-Eileanan an Iar?air fhoillseachadh aig 12:51 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Cathraiche WIIGA, Norrie Dòmhnallach, ag ràdh gum feum miann a bhith ann na geamannan a thoirt dha na Eileanan an Iar far nach robh iad fhathast.

    Thuirt e gur e "pipedream" a th' ann aig an ìre seo ach gum bu chòir bruidhinn mu dheidhinn.

    Tha còig buinn aig sgioba nan Eilean Siar aig an ìre seo ann an Arcaibh - trì buinn òir, aon bhonn airgid agus aon bhonn umha.

  14. Cuairt dheireannach eile aig Kara Hanlonair fhoillseachadh aig 12:24 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Clàr nan snàmhadaireanTùs an deilbh, Orkney2025

    Cuairt dheireannach eile do Khara Hanlon anns an 100m breaststroke.

    Bha an uair as luaithe aice anns na heats, còrr air dà dhiog air thoiseach air Laura Kinley à Eilean Mhanainn.

    Bidh a' chuairt dheireannach sin ann a-nochd fhathast.

  15. "Cha choveraig exceptional i"air fhoillseachadh aig 09:01 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Norrie Dòmhnallach

    Mar a tha gu leòr eile, tha cathraiche WIGA Norrie Tomsh Dòmhnallach a' dèanamh moladh mòr madainn an-diugh air Kara Hanlon.

    Rinn Kara eachdraidh san amar-snàimh a-raoir is i a' buannachadh dà bhonn eile - òr is umha.

    Thug sin gu 3 i ann an Arcaibh agus 15 uile gu lèir ann an Geamannan nan Eilean thairis nam bliadhnnaichean - barrachd na neach sam bith eile às na h-Eileanan an Iar.

    "'S i Kara an neach-spòrs a b'fheàrr a-riamh às na h-Eileanan an Iar", thuirt Norrie.

    "Chan eil e gu diofar dè tha thu a' smaoineachdainn mu dheidhinn ball-coise, snàmh, ruith, a h-uile seòrsa rud, chan eil duine a' tighinn faisg air Kara.

    "Multiple champion ann an Alba is ann am Breatainn agus a-nise tha 15 bonn aice anns na Geamannan.

    "'S e ambassador mìorbhaileach a th' innte cuideachd, gu h-àraidh 'son an fheadhainn òga. Tha i a' cur air ais a cheart uimhir a fhuair i.

    "Cha choveraig exceptional i - tha i sgoinneil".

    Tha cothrom aig Kara an tuilleadh eachdraidh a dhèanamh cuideachd.

    Bidh i san 100m breaststroke an-diugh is an 100m medley a-màireach.

  16. Boireannaich WIIGA a' cluich Eilean Mhanainnair fhoillseachadh aig 07:40 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Cluichidh sgioba nam ban aig na h-Eileanan an Iar an aghaidh Eilean Mhanainn ann an iar-chuairt dheireannach farpais a' bhuill-coise. Thèid an geama sin a chluich aig 12:00f a-màireach (Diardaoin) air a' phrìomh phàirce de na farpaisean aig Sgoil Ghràmar Khirkwall.

    Cluichidh na fir geama airson dearbhadh fhaighinn air an 7mh no 8mh àite an aghaidh Gozo. Sin ann an Dounby aig 3:30f.

  17. Kara air thoiseach air càch an deidh dà bhonn eile a ghlèidheadh air fhoillseachadh aig 20:51 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bhruidhinn Kara Hanlon ri Ailean MacLeòid an deidh dhì da bhonn eile a ghlèidheadh aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh.

    Tha i a-nis air 15 bonn a bhuannachadh thar nam bliadhnaichean, barrachd na neach sam bith eile às na h-Eileannan an Iar.

  18. Abbie Stiùbhart a' glèidheadh bonn eile dhan sgioba luth-chleasachdair fhoillseachadh aig 19:59 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Abbie Stiùbhart

    Bhuannaich sgioba luth-chleasachd nan Eilean Siar an dàrna bonn aca ann an dà là is Abbie Stiùbhart a' tighinn san dàrna àite san rèis 1500 meatair.

    Chrìochnaich Abbie ann an 4.35.77, gu math faisg air Beca Bown à Ynys Môn a bhuannaich an rèis ann an 4.34.85.

    Bha Anna Dhòmhnallach cuideachd san rèis is chrìochnaich i san 11mh àite.

  19. Bonn eile is tuilleadh eachdraidh 'son Karaair fhoillseachadh aig 19:43 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Kara Hanlon

    Tha Kara Hanlon a-nis air barrachd bhonn a ghlèidheadh aig Geamannan nan Eilean na neach sam bith eile às na h-Eileannan an Iar.

    Chrìochnaich i san treas àite san rèis 200IM oidhche Mhàirt gus an treas bonn aice aig geamannan Arcaibh a chosnadh.

    'S i Chloe Brown is Oriana Wheeler à Guernsey a bha sa chiad is dàrna àite.

    Bha Kara mar-tha air buinn òir a bhuannachadh anns na rèisean breaststroke thar 50 agus 200 meatair ann an Arcaibh.

    Tha sin ga toirt gu 15 buinn thar nam bliadhnaichean, aonan air thoiseach air Kerry Nic a' Phì.

    Bidh cothrom aig Kara cur ris an àireimh sin a-màireach.

  20. Dàrna bonn òir do Kara Hanlon aig Geamannan nan Eileanair fhoillseachadh aig 19:18 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Kara Hanlon

    Bhuannaich Kara Hanlon bonn òir san rèis 200m breaststroke aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh.

    'S e seo an dàrna bonn òir aice aig na geamaichean thuige seo.

    Stèidhich i clùr ùr is i ga dhèanamh.

    Chrìochnaich i ann an 2.24.74 gus bonn a ghlèidheadh aig na geamaichean seo 'son a' 14mh turas thar nam bliadhnaichean.

    Bha Kara an ìre mhath diog nas luaithe na an clar a bh' ann 'son na rèis seo, clàr a bh' aice fhein.

    Chrìochnaich i faisg air còig diogan air thoiseach air càch san rèis.

  21. Spòrscast beò bho Gheamannan nan Eilean 2025air fhoillseachadh aig 16:37 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Spòrscast a' tighinn thugaibh beò bho Gheamannan nan Eilean 2025 ann an Arcaibh.

  22. Dà chuairt dheireannach eile 'son Kara Hanlonair fhoillseachadh aig 13:47 TSB 15 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha deagh mhadainn aig Eva NicSuain agus cuideachd aig Kara Hanlon

    Feuchaidh Kara Hanlon ann an dà chuairt dheireannach a-nochd fhathast aig Geamannan nan Eilean.

    'S i a bu luaithe anns na rèisean dearbhaidh 'son an 200m breaststroke, a' crìochnachadh ann an 2.32.30.

    Agus bha an dara àm as luaithe aice ann an rèis an 200IM air cùlaibh Chloe Brown à Guernsey.

    Cha deach aig gin do na snàmhaidearan eile cuairtean deireannach a ruighinn ach chaidh aig seachdnar air clàran ùra pearsanta a stèidheachadh.

    Sa bhutterfly thar 100 meatair, bha Kyle Dòmhnallach mu thrì diogan nas luaithe na bha e riamh. Bha cuideachd agus Mata Hanlon.

    Bha Eva NicSuain dà dhiog gu leth nas luaithe na riamh roimhe sa 100m backstroke, agus rinn Keira Dhòmhnallach an dearbh rud thar an aon astar.

    Chaidh aig Eva air16 diog a ghearradh far a' chlàir aice san 200M IM, sìos bho 3.00.78 gu 2.44.83.

    Bha clàran ùra pearsanta ann cuideachd do Mark Moireasdan san 50m backstroke, Aleah agus Keira Dhòmhnallach san 50m butterfly, agus 'son Ruaraidh Ovenstone agus Kyle Domhnallach san 200m freestyle.

    Cluinnear barrachd mun t-snàmh agus an còrr à Arcaibh air prògram sònraichte air BBC Radio nan Gàidheal aig 3:30f.