Davidson na leas-mhanaidsear aig Countyair fhoillseachadh aig 10:49 TSB 10 An t-Sultain 2025
Tùs an deilbh, SNSDh'ainmich Ross County gu bheil iad air seann mhanaidsear St Johnstone, Callum Davidson, fhastadh mar leas-mhanaidsear.
Bhuannaich Davidson Cupa na h-Alba agus Cupa na Lìge na ùine os cionn sgioba Pheairt.
Bha e mu dheireadh na mhanaidsear aig Queen's Park far an robh e aig an stiùir airson ceithir mìosan deug.
Tha seo a' tighinn seachdain as dèidh do Tony Docherty a bhith air ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Ross County.
"Tha mi gu math toilichte Callum a thoirt chun a' chluba," thuirt Docherty.
"Tha e a' toirt leis tòrr eòlais bho àm shoirbheachail a' cluich agus na mhanaidsear.
"Tha na h-aon seòrsa bheachdan againn mu bhall-coise, agus leis gu bheil sinn obrachadh còmhla ron seo, tha mi cinnteach gun toir e deagh bhuaidh air an sguad," thuirt e.
Tha Ross County an-dràsta aig bonn an Championship is gun iad ach air dà phuing a thogail bhon chiad còig geamaichean aca.
Thèid iad an aghaidh Ayr United air falbh bhon taigh san ath gheam aca Disathairne.





