Spòrs

Latest updates

  1. Prìomh Lìog na h-iomain anns na buillean mu dheireadhair fhoillseachadh aig 11:10 TSB 3 An Dàmhair 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Cho fad 's a cheadaicheas an t-sìde, tha là mòr air fàire aig mullach Prìomh Lìog na h-iomain a-màireach.

    Cluichidh Ceann a' Ghiùthsaich a th' aig bàrr na lìge an aghaidh a' Ghearasdain a th'anns a' cheathramh àite, ceithir puingean far a mhullaich.

    Cuideachd, cluichidh Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Chamanachd an Òbain, leis an dà sgioba puing air cùlaibh Cheann a' Ghiùthsaich, ged a tha am Bàil' Ùr air geama a bharrachd a chluich.

    Gu sìmplidh, ma bhuannaicheas an dà sgioba à Bàideanach, bidh an tiotal aig Ceann a' Ghiùthsaich uair eile.

    Ach ma bhuannaicheas Camanachd an Òbain, thèid an rèis sìos chun na geamaichean mu dheireadh aig na sgiobaidhean an ath sheachdain.

    Agus tha fear a tha a' cumail sùil gheur air a' gheam, Aonghas MacAonghais, am measg na dh'iarradh gun tachradh sin.

  2. Spòrscast: "Tha ruith cho cudromach nam bheatha"air fhoillseachadh aig 17:57 TSB 2 An Dàmhair 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Anns an Spòrscast as ùire tha DA Moireasdan a' còmhradh ri Calum MacAmhlaigh mun phàirt mhòr a th' aig ruith na bheatha is e ag ullachadh cuideachd 'son a' chiad ultramarathon aige.

    Gheibh sibh cothrom èisteachd gu h-ard.

  3. Ceann a' Ghiùthsaich a' dèanamh a' chùis air Lòbhatair fhoillseachadh aig 18:39 TSB 28 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha briseadh-dùil mòr aig a' Ghearasdan san iomain is iad a' call 2-0 an aghaidh an Eilein Sgitheanaich.

    Coltach ri Baile Ùr an t-Slèibh, ged a tha cothrom aig a' Ghearasdan fhathast air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh, chan eil e ro choltach idir a-nise gur e sin a thachras.

    Bhuannaich am Baile Ùr fhèin 6-0 an aghaidh Caol Bhòid Disathairne.

    Tha Camanachd an Òbain fhathast air tòir Chinn a' Ghiùthsaich às dèidh dhaibhsan còig tadhail gun freagairt a chur seachad air Cabar Fèidh.

    'S iad Ceann a' Ghiùthsaich fhèin a tha san t-suidheachadh as làidire.

    Rinn iadsan an gnothach air Lòbhat 4-0 agus tha Calum MacAmhlaidh a' toirt sùil air ais air a' gheama.

  4. Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 11:16 TSB 27 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan

    Tha ball-coise agus Cupa Ryder am measg nan cuspairean a th'aig Iain Moireasdan an-diugh.

  5. Iomain eadar-nàiseanta a' tilleadh a dh'Albaair fhoillseachadh aig 10:39 TSB 26 An t-Sultain 2025

    Maree Todd, Burton Morrison, Brian Molloy, John Swinney, Piotr Kapinos, Karen Williamson & Jarlath Burns Tùs an deilbh, Neil G Paterson

    Tha iomain eadar-nàiseanta a' tilleadh gu Alba airson a' chiad uair bho 2018 is geamaichean nam fear is nam ban nam pàirt den là còmhla gu foirmeil 'son a' chiad turas.

    Chaidh an naidheachd fhoillseachadh aig Pàrlamaid na h-Alba le cinn-suidhe Chomann na Camanachd is Comann Camanachd nam Ban ann còmhla ri Uachtaráin Chumann Lúthchleas Gael is an Cumann Camógíochta.

    Ged a tha iomain eadar-nàiseanta nam ban air a bhith ann fad iomadh bliadhna, 's e seo a' chiad turas a tha e ga chur air adhart gu foirmeil mar phàirt den là.

    Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba John Swinney, a bha cuideachd an làthair aig cur air bhog an tachartais, gu bheil esan air a dhòigh "gu bheil geama nam ban a' faighinn aithne mar bu chòir còmhla ri geama nam fear".

    Bidh na geamaichean ann Disathairne an 25mh den Dàmhair aig Pàirc a' Bhucht.

  6. "Toilichte gu ìre le puing"air fhoillseachadh aig 18:02 TSB 25 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Às dèidh do Celtic crìochnachadh 1-1 an aghaidh Red Star Belgrade sa chiad gheama aca de Lìog Europa fhuair sinn beachd bho fhear de luchd-taic Celtic, Ruairidh MacCarmaig, a thuirt gun robh e toilichte gu ìre le puing.

    Chuir Kelechi Iheanacho sgioba Bhrendan Rodgers air thoiseach deich mionaidean a-steach dhan dàrna leth mus d' fhuair Marko Arnautovic Red Star co-ionnann.

    Cluichidh Celtic an ath gheama aca san fharpais aig an taigh an aghaidh Sporting Braga à Portagail an ath Dhiardaoin.

  7. Spòrscast - Cupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 14:29 TSB 25 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Air an Spòrscast as ùire tha sgioba aithris Radio nan Gàidheal a' beachdachadh air mar a thog Bail' Ùr an t-Slèibh Cupa na Camanachd airson a' chiad turas ann an sia bliadhna.

    Gheibh sibh air èisteachd ris an Spòrscast gu h-àrd.

  8. 15 mìosan eadar stròc is tiotal nàiseantaair fhoillseachadh aig 13:30 TSB 22 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ghabh Christina NicCoinnich stròc air an 11mh den Chèitean 2024.

    On uair sin, tha a' bhan-Leòdhasach air tilleadh gu farpais air a baidhseagal agus bhuannaich i tiotal nàiseanta.

  9. Bàile Ùr an t-Slèibh a' togail Chupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 16:29 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Shona NicEanraig
    BBC Naidheachdan

    Cupa na Camanachd 2025

    Bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh Cupa na Camanachd airson a' chiad uair ann an sia bliadhna.

    Rinn iad an gnothach air sgioba eile Bhàideanach, Ceann a' Ghiùthsaich, 3-2.

    Bha làmh an uachdair aig a' Bhail' Ùr fad tòrr den gheama agus cha tàinig Kings air adhart ceart gus an robh iad gu math air dheireadh aig 3-0.

    Fhuair an cluicheadair aghaidh Iain Robinson dà thadhal don Bhaile Ùr - a' chiad fhear an dèidh 18 mionaid agus an uairsin a-rithist an dèidh 50 mionaid.

    Fhuair am fear òg tàlantach Joe Coyle, a tha cuideachd a' cluiche ball-coise le cùmhnant aige aig Ross County, an tadhal eile dhan sgioba aig Peadar Ros an dèidh 63 mionaid.

    Ach thill Ceann a' Ghiùthsaich le dà thadhal bho Ryan Borthwick a thàinig far na beingidh.

    A dh'aindeoin 's gun robh cùisean air leth teann faisg air deireadh a' gheama, chaidh an là leis a' Bhail' Ùr aig a' cheann thall.

    Fhuair Iain Robinson duais sàr-chluicheadair a' gheama cuideachd agus e a' faighinn bonn cuimhneachaidh Albert Mhic a' Ghobhainn.

    B' ann ann an 2019 a fhuair iad an cupa mu dheireadh agus tha seo cuideachd a' ciallachadh nach eil Ceann a' Ghiùthsaich a' dol a dh'fhaighinn Grand Slam air an t-seusan seo.

    Tha fhathast obair mu choinneimh an dà sgioba ge-tà, agus tiotal a' Phrìomh Lìg ri bhuannachadh airson an t-seusain.

    Iain Robinson
    Fo-thiotal an deilbh,

    Iain Robinson, sàr-chluicheadair a' gheama

  10. Barraigh a' buannachadh Lìog Uibhist is Bharraigh air fhoillseachadh aig 13:06 TSB 20 An t-Sultain 2025

    BarraighTùs an deilbh, U&B Football Association

    Bhuannaich Barraigh Lìog Uibhist is Bharraigh gu cofhurtail agus iad a' dèanamh a' chùis air Saints an Ìochdair 6-2 ann am play-off ann an Dalabrog an-diugh.

    Rinn na Barraich an gnothach air Saints ann an Cupa Billy MhicNèill an t-seachdain seo chaidh cuideachd nuair a bhuannaich iad 5-1.

  11. Cuairt dheireannach Chupa na Camanachd gu bhith oirnnair fhoillseachadh aig 18:07 TSB 19 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Coinnichich Bail' Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd aig Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis Disathairne.

    Chan eil ach aon phuing eadar an dà sgioba aig mullach na lìog agus mar sin, tha dùil ri geama air leth teann.

    Tha Javen Houston ag aithris.

  12. Bonn eachdraidheil Inbhir Aoraair fhoillseachadh aig 20:03 TSB 18 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Air thoiseach air cuairt dheireannach Chupa na Camanachd Disathairne, tha muinntir Inbhir Aora air an dòigh is iad air lorg fhaighinn air bonn bhon uair a bhuannaich iadsan an fharpais as motha ann an iomain 'son a' chiad turas 100 bliadhna air ais.

    Chaidh Javen Houston gu bruaichean Loch Fìne gus barrachd fhaighinn a-mach.

  13. Caibideil ùr aig ICTair fhoillseachadh aig 15:35 TSB 15 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chomharraich Caley Thistle Inbhir Nis tighinn a-mach à rianachd le buaidh 1-0 an aghaidh Cove Rangers oidhche Shathairne.

    Tha Ailean Savage, leis a bheil an cluba a-nise, ag ràdh gu bheil iad ann an suidheachadh làidir.

    Tha Earsaidh MacIlleathain am measg luchd-leantainn a tha a' dèanamh gàirdeachais.

  14. Ceum mòr do Cheann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 11:21 TSB 15 An t-Sultain 2025

    Ceilteach an ÒbainTùs an deilbh, Comann na Camanachd
    Fo-thiotal an deilbh,

    Fhuair Ceilteach an Òbain a' phuing a bha a dhìth orra gus Lìog Deas 1 a bhuannachadh

    'S e seachdain mhòr a th' anns an iomain is Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh gus coinneachadh sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd Disathairne.

    Thèid Kings a-steach dhan gheama sin ann am fìor dheagh shunnd is iad air ceum mòr a ghabhail Disathairne nan oidhirp greim a chumail air a' Phrìomh Lìog.

    Rinn iad an gnothach air Camanachd an Òbain 4-2 aig an Dell, a' leum seachad air an Òban gu mullach na lìge.

    Tha trì geamaichean lìge air fhàgail aig Ceann a' Ghiùthsaich - is coltas glè chudromach air an fhear an ath-mhìos an aghaidh a' Ghearasdain - ach tha iad a-rithist ann an suidheachadh làidir.

    Tha am Baile Ùr fhèin gu ìre mhòir a-mach às an rèis aig a' mhullach ach dheasaich iad fhèin gu math 'son na cuairt deireannaich le droinneadh 4-0 a thoirt air Lòbhat.

    Dhearbh sin gur e Lòbhat a thèid sìos bhon Phrìomh Lìog leis na nàbaidhean aca bhon Mhanachainn.

    Chuir a' Mhanachainn fhèin crìoch air seusan doirbh is iad a' call 5-3 ri Caol Bhòid.

    Bha fios mar-thà gun robh Loch Abar gus tilleadh dhan Phrìomh Lìog is iad air an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh.

    Fhuair iad duais na lìge Disathairne is iad aig an dearbh àm a' dèanamh sgrios air planaichean GMA a dhol suas còmhla riutha.

    Rinn na h-Abraich an gnothach 3-0 ann an Glaschu, a' fàgail gum feum GMA a-nise pronnadh a thoirt air Gleann Urchadain sa gheama mu dheireadh acasan gus cothrom a bhith aca air an dàrna àite, far a bheil Caol-Gleann an-dràsta.

    Tha Eilean Bhòid fhathast le deagh chothrom cuideachd is thèid iadsan os cionn Caol-Gleann ma nì iad a' chùis air Inbhir Aora sa gheama mu dheireadh acasan.

    Chaidh tiotal eile a dhearbhadh Disathairne is Ceilteach an Òbain a' buannachadh Lìog Deas 1.

    Chrìochnaich iad 2-2 an aghaidh nan nàbaidhean aca Lochside Rovers is sin gu leòr 'son an duais a dhearbhadh - agus togail a thoirt do Raibeart Mac an t-Saoir air thoiseach air Cupa Ryder cuideachd.

  15. Slèite is Barraigh air soirbheachadhair fhoillseachadh aig 09:13 TSB 15 An t-Sultain 2025

    Bha geamaichean mòra gu leòr ann aig an deireadh-sheachdain air a' chosta an iar a thuileadh air Lìog Leòdhais.

    Seachdain às dèidh do Mhalaig Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd a bhuannachadh is iad air crìochnachadh puing air thoiseach air Slèite is an Srath, 's ann a fhuair na Sgitheanaich dìoghaltas orra gu ìre le Cupa Rois a thogail.

    Chrìochnaich a' chuairt dheireannach ann an Caol Acainn 4-1 dha Slèite.

    'S iad Gordy McCarroll, Ben Yoxon, Iain MacIllìosa is Daibhidh MacAsgaill a bh' air an targaid do Shlèite is Connor MacFhionghain a' freagairt do Mhalaig.

    Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh tha cùisean air a bhith glè fhaisg eadar Barraigh is Saints an Iochdair am-bliadhna is play-off ri tighinn eatorra fhathast 'son an tiotail.

    Cha robh dad faisg air a' cheann thall mu chuairt dheireannach Chupa Billy McNeil aig an deireadh-sheachdain ge-tà is Barraigh a' buannachadh 5-1.

    Chuir Charlie Galbraith trì tadhail dha na Barraich is Ryan MacNeacail is Seumas Davidson cuideachd air an targaid.

    'S e Iain Dòmhnallach a fhuair tadhal Saints, a' toirt a' gheama air ais gu 2-1 tràth san dàrna leth mus do ghabh Barraigh smachd air gnothaichean.

  16. Am Bac air Lìog Leòdhais is na Hearadh a bhuannachadhair fhoillseachadh aig 18:59 TSB 14 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ghlèidh sgioba a' Bhac Lìog Leòdhais agus na Hearadh Disathairne airson a' chiad turas ann an ceithir bliadhna deug.

    Dh' fheumadh iad a' chùis a' dhèanamh air na Hearadh agus 's e sin a-rinn iad air beulaibh sluagh mòr ann an Col Uarach.

    Tha Calum MacIllinnein ag aithris.

  17. Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 15:39 TSB 13 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan

    Cò bhuannaicheas Lìog Leòdhais & Na Hearadh? Am Bac neo An Taobh Siar?

    Sin agus gu leòr eile air prògram na seachdain-sa.

    Èistibh a-rithist gu h-àrd.

  18. "Momentum" aig a' Bhacair fhoillseachadh aig 11:08 TSB 12 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S e là mòr a th' ann Disathairne ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh is am Bac is an Taobh Siar a' strì 'son an tiotail air an là mu dheireadh.

    Tha Seumas MacArtair bhon Bhac ag ràdh gu bheil iad ann an sunnd is e an dòchas gu bheil eachdraidh air an taobh cuideachd.

  19. "Mura biodh amar-snàimh an Lìonal cha bhiodh Kara far a bheil i"air fhoillseachadh aig 13:34 TSB 11 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha màthair Kara Hanlon am measg na tha a' togail dragh mu phlana 'son dà amar-snàimh an Leòdhas a dhùnadh.

    Tha Kara air snàmh aig Geamaichean a' Chlo-Fhlaitheis is air soirbheachadh aig Fàrpaisean Snàimh Bhreatainn, a thuilleadh air cruinneachadh iongantach de bhuinn Gheamannan nan Eilean a chàrnadh.

    Tha Comhairle nan Eilean Siar an-dràsta a' beachdachadh air na h-amaran-snàimh aig Sgoil Shiaboist agus Sgoil Lìonail a dhùnadh mar oidhirp air na leabhraichean aca a chothromachadh.

    Tha iad ag ràdh gu bheil cuideam air buidseatan a' ciallachadh gu bheil aca ri gearraidhean a dhèanamh ann an seirbheisean nach eil riatanach.

  20. Am Bac ceum nas fhaisge air an tiotalair fhoillseachadh aig 09:03 TSB 11 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ghabh am Bac ceum mòr a dh'ionnsaigh Lìog Leòdhais is na Hearadh a bhuannachadh nuair a rinn iad a' chùis 2-1 air an Rubha oidhche Chiadain.

    'S iad na Rubhaich a chaidh air thoiseach is ochd mionaidean air an cluich ann an Col Uarach is Aonghas Dòmhnallach air an targaid.

    Fhuair am Bac tadhal air ais an ìre mhath sgiobalta ge-tà tro Eòghann Dòmhnallach is bha na sgiobaidhean co-ionnan 1-1 aig letheach slighe.

    Thàinig an tadhal a chuir am Bac air thoiseach tràth san dàrna leth bho Chonnor MacAoidh.

    Bha buille ann dhan Rubha goirid às dèidh sin is Aonghas Dòmhnallach air a chur far na pàirce is chrìochnaich an geama 2-1 air a' cheann thall.

    Tha na Bacaich a-nise air leum puing os cionn an Taobh Siar a' dol a-steach dha na geamaichean mu dheireadh Disathairne.

    Bidh am Bac aig an taigh an aghaidh na Hearadh is an Taobh Siar a' cur fàilte air Nis.