Èirinn a' buannachadh san Iomainair fhoillseachadh aig 19:11 TSB 25 An Dàmhair 2025
19:11 TSB 25 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Bhuannaich Èirinn an aghaidh na h-Alba airson an treas bliadhna ann an sreath, san geama camanachd eadar-nàiseanta. Cha robh ach an dà phuing eadar na sgiobaidhean aig Pàirce a' Bhught. Seo na thachair.
"Feumaidh sinn cluiche air an làr"air fhoillseachadh aig 12:07 TSB 24 An Dàmhair 2025
12:07 TSB 24 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Thuirt cluicheadair iomain na h-Alba agus Baile Ùr an t-Slèibh, Iain Robinson, gum bi iad ag amas gu mòr air a bhith a' cumail am bàlla air an làr nuair a chluicheas iad Èirinn sa gheam eadar-nàiseanta Disathairne.
Tha an geam ga chluich ann an Alba airson a chiad turas bho 2018.
Tòisichidh geam nam fear aig 14:10 aig Pàirce a' Bhucht an Inbhir Nis agus thèid a chraoladh beò air BBC Alba.
Rona sin cluichidh boireannaich na h-Alba agus na h-Èireann an aghaidh a chèile aig 12:00, leis an dà gheam ga chluich air an aon phàirce air an aon là airson a' chiad uair.
Caipteanan iomain na h-Alba gan ainmeachadhair fhoillseachadh aig 13:34 TSB 23 An Dàmhair 2025
13:34 TSB 23 An Dàmhair 2025
Tùs an deilbh, Camanachd Association
Fo-thiotal an deilbh,
Blair Moireasdan is Màiri Duncan
'S e Blair Moireasdan a bhios na chaiptein air sgioba iomain na h-Alba airson a' gheam aca le Èireann Disathairne ann an Inbhir Nis.
Dh'innis Comunn na Camanachd cuideachd gur i Màiri Duncan a bhios san dreuchd son sgioba nam ban.
Tha Duncan na pàirt de sgioba Loch Abair a' ghlèidh tiotal nam ban am-bliadhna, agus thuirt i gur e urram a bh'ann a bhith na caiptean air an sgioba air beulaibh sluagh Albannach.
Chaidh Moireasdan, a tha cluich do Chabar Fèidh, ainmeachadh mar chluicheadair na bliadhna ann an 2024.
Tha e cuideachd air cluich dhan sgioba nàiseanta trì tursan roimhe agus chaidh ainmeachadh mar chluicheadair a' gheama ann an 2019.
Thuirt e cuideachd gur e urram a bh'ann dha agus gun robh an sgioba air a bhith trèanadh gu cruaidh gus an Cupa a thoirt air ais bho na h-Èireannaich.
'Bhiodh puing math gu leòr dhuinn'air fhoillseachadh aig 12:22 TSB 23 An Dàmhair 2025
12:22 TSB 23 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
'S e oidhche mhòr a th' ann do sgiobaidhean na h-Alba san Roinn Eòrpa.
Thèid Rangers an aghaidh Brann thall ann an Nirribhidh.
Tha Obar Dheathain sa Ghrèig a' cluich AEK Athens.
Tha Celtic aig an taigh an aghaidh Sturm Graz, ach chan eil Ruairidh MacCarmaig ro mhisneachail mu na cothroman aca.
Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 10:40 TSB 18 An Dàmhair 2025
10:40 TSB 18 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan
Cuin a' gheibh Rangers manaidsear ùr? Sin a' cheist mòr a th'air Iain san sgioba an-diugh, cuideachd crìoch seusain na h-Iomain agus gu leòr eile.
Sguadaichean na h-Alba gan ainmeachadhair fhoillseachadh aig 11:45 TSB 17 An Dàmhair 2025
11:45 TSB 17 An Dàmhair 2025
Tùs an deilbh, Comann na Camanachd
Chaidh sguadaichean na h-Alba airson geamaichean eadar-nàiseanta na h-iomain ainmeachadh.
Thèid sgiobaidhean iomain na h-Alba an aghaidh sgiobaidhean iománaíochta na h-Èireann aig Pàirce a' Bhucht ann an Inbhir Nis Disathairne 25mh den Dàmhair.
Cluichidh na boireannaich an toiseach aig 12:00f mus gabh na fireannaich chun na pàirce aig 2:00f.
Thuirt manaidsear sgioba Bhoireannach na h-Alba, Ross MacIlleDhuinn, gu bheil iad a' dèanamh fiughair ris a' gheama.
"Tha tòrr eòlais aig an sgioba choidsidh againn a bhios na chuideachadh dhuinn, is fios againn gum bi e tòrr nas luaithe.
"Bheir iad cuideachd barrachd dùbhlain dhuinn san adhar na tha sinn cleachdte ris," thuirt e.
Sguad nam Ban
Alaina NicIllinnein - Ceann Loch Seile
Ali Nic a' Phiocar - GMA
Amy Disher - Loch Abar
Beth NicIllFhaolain - GMA
Caitlin NicIlleathain - An t-Eilean Sgitheanach
Christina NicDhòmhnaill - An t-Eilean Sgitheanach
Hannah NicDhòmhnaill - Loch Abar
Hazel Hunter - Gleann Urchadain
Joanne Gillanders - Loch Abar
Kira NicDhòmhnaill - Loch Abar
Ciorstaidh Deans - Bàideanach
Lexy NicLeòid - An t-Eilean Sgitheanach
Mairi Duncan - Loch Abar
Mairi Stiùbhart - Bàideanach
Megan Ralph - Bàideanach
Natalie NicDhòmhnaill - Loch Abar
Rachel McCafferty - GMA
Rhona Nic an t-Saoir - Bàideanach
Rona Stewart - Bàideanach
Zoe Reid - Bàideanach
Sguad nam fear
Thuirt manaidsear sgioba nam fear aig Alba, Ailean MacRath, gu bheil an geama eadar-nàiseanta eu-coltach ri geama sam bith eile a tha iad a' cluich.
"Bha cùisean gu math farpaiseach am-bliadhna a thaobh a bhith a' taghadh nan cluicheadairean, rud a tha na chomharra air an ìre àrd am measg nan clubaichean againn air fad.
"Tha fios againn gur e geama doirbh a bhios ann an aghaidh nan Èireannach, ach tha sinn airson cluich cho math 's a ghabhas gus a' chuid as fheàrr de dh'iomain na h-Alba a thaisbeanadh," thuirt e.
Eairdsidh MacRath - Ceann Loch Seile
Blair Moireasdan - Cabar Fèidh
Bob MacGriogair - Ceann a' Ghiùthsaich
Calum Grannd - Ceann a' Ghiùthsaich
Calum Shepherd - An Gearasdan
Craig Mainland - Lòbhat
Danny Kelly - Lòbhat
Daniel Mac a' Phiocar - Camanachd an Òbain
Daniel Sloss - Baile Ùr an t-Slèibh
Dòmhnall Nixon - Ceann Loch Seile
Donnchadh MacMhathain - Ceann Loch Seile
Iain Robinson - Baile Ùr an t-Slèibh
Innes Blackhall - Cill Mhàilidh
Iain Gillies - An t-Eilean Sgitheanach
Lachie Shaw - An Gearasdan
Ruairidh Ceanadach - Baile Ùr an t-Slèibh
Ruaridh Anderson - Ceann a' Ghiùthsaich
Ryan Harrison - An t-Eilean Sgitheanach
Uilleam MacFhionghain - An t-Eilean Sgitheanach
Zander Michie - Ceann a' Ghiùthsaich
Glasgow City troimhe ann an Cupa Europaair fhoillseachadh aig 16:46 TSB 16 An Dàmhair 2025
16:46 TSB 16 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Thuirt àrd-choidse Glasgow City gu bheil na cluicheadairean aca air eachdraidh a dhèanamh agus iad air na 16 mu dheireadh de Chupa Europa nam ban a ruighinn.
Fhuair sgioba Leanne Ros dà thadhal gu math anmoch sa gheama an-raoir an aghaidh Koge às an Danmhairg gus an gnothach a dhèanamh orra 5-3, agus 6-5 thar an dà gheama.
Le tuilleadh, seo Javen Houston.
Trì puingean eile do dh'Alba ach ceistean gu leòrair fhoillseachadh aig 16:50 TSB 13 An Dàmhair 2025
16:50 TSB 13 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha sgioba nam fear aig Alba a-nise cinnteach air àite play-off co-dhiù san iomairt 'son Cupa na Cruinne a ruighinn.
Tha seo às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Belarus 2-1 aig Hampden oidhche Dhòmhnaich.
Dh'aidich Steve Clarke fhèin gun robh mar a chluich Alba na bhriseadh-dùil, trì puingean ann no às.
Cluichidh iad a-nise a' Ghrèig is An Danmhairg an ath-mhìos is sùil aca air a' bhuidheann a bhuannachadh.
A rèir Innes Scullion, a bha aig Hampden, feumaidh na h-Albannaich cluich gu math nas fheàrr an ath-mhìos ma tha iad gus adhartas a dhèanamh.
Loch Abar air Prìomh Lìog nam ban a bhuannachadhair fhoillseachadh aig 16:16 TSB 12 An Dàmhair 2025
16:16 TSB 12 An Dàmhair 2025
Tùs an deilbh, Comann na Camanachd
Tha Loch Abar air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh ann an iomain nam ban às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh 2-0 air Bàideanach.
Bha feum air geama play-off eadar na sgiobaidhean is iad air crìochnachadh còmhla co-ionnan air 20 puing aig mullach na lìge.
Chuir Missy Howie an dà thadhal do Loch Abar sa gheama mhòr sa Mhanachainn Didòmhnaich.
'S e dìoghaltas a bha seo dha na h-Abraich is Bàideanach air a' chùis a dhèanamh orra sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil air a' mhìos seo chaidh.
Caol-Gleann sa Phrìomh Lìogair fhoillseachadh aig 15:28 TSB 12 An Dàmhair 2025
15:28 TSB 12 An Dàmhair 2025
Tùs an deilbh, Comann na Camanachd
Tha Caol-Gleann air eachdraidh a dhèanamh is iad air Prìomh Lìog na h-iomain a ruighinn 'son a' chiad uair.
Bha an sgioba à Gleann Da-Ruail is Caol an t-Snàimh air an seusan aca fhèin a chrìochnachadh bho chionn beagan sheachdainean ach bha aca ri feitheamh feuch an leumadh GMA no Eilean Bhòid os an cionn dhan dàrna àite san lìog.
Cha d'fhuair GMA na puingean a bha a dhìth orrasan bho na geamaichean mu dheireadh aca ach bha fhathast cothrom aig Bòd nam biodh iad air a' chùis a dhèanamh air Inbhir Aora Disathairne.
Rinn Inbhir Aora an gnothach 2-1 ge-tà, a' fàgail gu bheil Caol-Gleann a' dol suas dhan Phrìomh Lìog còmhla ri Loch Abar.
Chan eil ann ach 20 bliadhna bho chaidh Caol-Gleann a stèidheachadh às ùr às dèidh ùine nan tàmh.
Ràinig iad an Lìog Nàiseanta 'son a' chiad turas ann an 2023 is iad a-nise air an ath cheum a ghabhail.
Thuirt an cluba fhèin gur e seo "tè de na stòiridhean as fheàrr ann an iomain anns na bliadhnaichean mu dheireadh".
Thug iad taing dhan a h-uile duine sa chluba agus sa choimhearsnachd a tha air an cuideachadh.
Bidh Caol-Gleann a-nise ann còmhla ris na sgiobaidhean as motha san spòrs ann an 2026.
Bha Baile Ùr an t-Slèibh am measg na chuir meal a naidheachd orra oidhche Shathairne is iad ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air adhart ri a bhith a' dol nan aghaidh sa Phrìomh Lìog.
Manaidsear ùr aig Alba FAair fhoillseachadh aig 13:19 TSB 12 An Dàmhair 2025
13:19 TSB 12 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha manaidsear ùr Alba FA, Stiùbhart Urchadain, dhen bheachd gum bu chòir dha na cluicheadaran a bhith 'air bhioran' mu na mìosan ri thighinn.
Tha an sguad air tighinn còmhla anns a' Ghearasdan airson seiseanan treànaidh fo stiùir a' mhanaidseir ùir.
Baile a' Chaolais a' buannachadh iomain a' Mhòidair fhoillseachadh aig 19:08 TSB 11 An Dàmhair 2025
19:08 TSB 11 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Bhuannaich boireannaich Loch Abair Cupa LearnGaelic ach bha builean-peanais a dhìth orra airson làmh an uachdar fhaighinn air Cill Mhàlaidh agus 's e sgioba Bhaile a' Chaolais a choisinn geall-dubhlain na h-Aghaidh Mhòire. Rinn iad an gnothach 3-2 air Àrd nam Murchain gus an cupa a thogail.
Tha farpaisean spòrs gu leòr a' dol aig Mòd Loch Abair an-diugh, le là trang aig an Àird airson na geamannan iomain.
"Ciamar air thalamh a bhuannaich Alba an geama"air fhoillseachadh aig 12:37 TSB 10 An Dàmhair 2025
12:37 TSB 10 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Cha robh fios aig Stiùbhart Urchadan, neo duine eile am broinn Hampden, ciamar a chaidh aig Alba air buannachadh an aghaidh na Grèig sa gheama dearbhaidh aca airson Cupa na Cruinne 2026.
Thèid Alba a-nise an aghaidh Belarus Didòmhnaich is iad ann an suidheachadh an ìre mhath làidir sa bhuidhinn.
Seachdain mhòr na h-Albaair fhoillseachadh aig 16:10 TSB 8 An Dàmhair 2025
16:10 TSB 8 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Le dà gheam fìor chudromach air thoiseach air sgioba na h-Alba, tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan, Alasdair MacIllinnein agus Calum Dòmhnallach a' coimhead air adhart ris na geamaichean aca an aghaidh na Grèig agus Belarus.
Deit ùr 'son play-off nam banair fhoillseachadh aig 09:50 TSB 6 An Dàmhair 2025
09:50 TSB 6 An Dàmhair 2025
Tha Comann Camanachd nam Ban ag ràdh gun tèid an geama play-off 'son co-dhùnadh cò bhuannaicheas a' Phrìomh Lìog air adhart a-nise air an deireadh-sheachdain seo tighinn.
Bha còir aig Bàideanach is Loch Abar cluich sa Mhanachainn Didòmhnaich ach chaidh an geama a chur dheth air sgàth Stoirm Amy.
Thuirt Comann Camanachd nam Ban gun tèid an geama air adhart a-nise aig Pàirc Braview sa Mhanachainn Didòmhnaich aig 1:30f.
"Crìoch àlainn air seachdain air leth"air fhoillseachadh aig 09:26 TSB 6 An Dàmhair 2025
09:26 TSB 6 An Dàmhair 2025
Tùs an deilbh, Getty Images
Thuirt Bob Mac an t-Saoir gun robh "crìoch àlainn air seachdain air leth" às dèidh dha Farpais Alfred Dunhill Links a bhuannachadh.
Chrìochnaich an goilfear às an Òban air 18 fo phar, ceithir air thoiseach air Tyrrell Hatton.
Chaidh an fharpais a chluich thairis air 54 tuill is Stoirm Amy air fàgail nach robh cluich ann Disathairne.
'S e Cailean MacGumaraid an t-Albannach mu dheireadh a bhuannaich an Alfred Dunhill, air ais ann an 2005.
Tha an fharpais ga cluich eadar Cill Rìmhinn, Càrn Ùstaidh is Kingsbarns.
Thuirt Mac an t-Saoir nach do rinn e ullachadh sam bith air thoiseach air an fharpais às dèidh cluich ann an Cupa Ryder an t-seachdain seo chaidh.
"'S e crìoch àlainn air seachdain air leth a bha seo", thuirt Bob.
"Cha do rinn mi dad mar a bha an còir an t-seachdain seo. Ràinig mi Diciadain is cha do chluich mi ach 12 tholl.
"Cha do dh'ith mi ro mhath nas motha, tòrr takeaways, ach uaireannan nuair nach eil thu an dùil ris, tha rudan a' tachairt".
Chuir Mac an t-Saoir cuairtean de 66 aig Kingsbarns is Càrn Ùstaidh is 's e sin a rinn a-rithist aig Cill Rìmhinn air an là mu dheireadh.
Cothrom ùr do chluicheadairean ball-coise Leòdhais is na Hearadhair fhoillseachadh aig 11:32 TSB 4 An Dàmhair 2025
11:32 TSB 4 An Dàmhair 2025
Feuchaidh sgioba ball-coise taghte Leòdhais agus na Hearadh ann am farpais ùr ann an 2026.
Cluichidh an sgioba san Inter Association Trophy, farpais a tha a' toirt còmhla sgiobaidhean taghte bho air feadh na h-Alba, leis a' chiad geama sa Ghearran an ath-bhliadhna.
'S e Colin George Moireasdan a bhios na mhanaidsear air an sgioba, agus dh'innis e do dh'Iain Moireasdan air Spòrs na Seachdain gur e deagh chothrom a bh' ann do na cluicheadairean.
"Tha e cudromach gu bheil sinn a' toirt a' chothruim dhaibh cluich aig ìre nas àirde.
"Bidh sgiobaidhean Dhùn Èideann is Ghlaschu aig fìor àrd-ìre, bha Brora Rangers againn shuas ann an Leòdhas o chionn 18 mìosan, fhuair sinn droinneadh ach bhon an sin fhuair dhà no trì de na cluicheadairean cothrom cluich aig ìre nas àirde.
"Barrachd is barrachd tha balaich bho na h-eileannan a' gabhail a' chothruim sin, 'son cluich aig ìre nas àirde agus mar as motha de chluicheadairean a tha a' dèanamh sin, 's ann as fheàrr."
Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 10:50 TSB 4 An Dàmhair 2025
10:50 TSB 4 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal a’ bhidio,
Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan
Tha ball-coise agus ruith am measg nan cuspairean a th'aig Iain Moireasdan an-diugh.
An Gearasdan v Ceann a' Ghiùthsaich dhethair fhoillseachadh aig 16:30 TSB 3 An Dàmhair 2025
16:30 TSB 3 An Dàmhair 2025
Dhearbh Comann na Camanachd gun deach an geam eadar An Gearasdan agus Ceann a' Ghiùthsaich Disathairne ann am Prìomh Lìog na h-iomain a chur dheth air sgàth na droch shìde.
Bha amharas ann gun tachradh a leithid is stoirm Amy gu bhith a' gluasad tarsainn na dùthcha.
Thèid sgrùdadh a dheanamh air a' phàirc aig an Eilean madainn Disathairne aig 7.30 gus faighinn a-mach a bheil e coimeasach an geam eadar Baile Ùr an t-Slèibh agus Camanachd an Òbain a' chluich feasgar
Chaidh an geama eile sa Phrìomh Lìog Disathairne eadar An t-Eilean Sgitheanach agus Caol Bhòid cuideachd a chur dheth.
Play-off 'son Prìomh Lìog nam Ban a dhearbhadhair fhoillseachadh aig 14:43 TSB 3 An Dàmhair 2025
14:43 TSB 3 An Dàmhair 2025
Fo-thiotal an deilbh,
Rinn Bàideanach a' chùis air Loch Abar airson Cupa Valerie Fhriseil a thogail
Cluichidh Bàideanach an aghaidh Loch Abair uair eile Didòmhnaich airson dearbhadh cò bhuannaicheas Prìomh Lìog Iomain nam Ban.
Tha feum air geama eile às dèidh dhan dà sgioba crìochnachadh co-ionnan aig mullach na lìge.