Spòrs

Latest updates

  1. "Mì-phroifeiseanta"air fhoillseachadh aig 10:05 GMT 17 An t-Samhain 2025

    Finn Russell is Blair Kinghorn às dèidh a' gheama.Tùs an deilbh, SNS

    Chan eil sealladh buileach cho misneachail ann an saoghal rugbaidh na h-Alba is sgioba nàiseanta nam fear air call 33-24 ri Argentina aig Murrayfield Didòmhnaich.

    Bha sin às dèidh dhaibh a bhith air thoiseach 21-0 tràth san dàrna leth.

    "Bha e gu math mì-phroifeiseanta is 'son an fhìrinn innse chan eil e na cus iongnadh," thuirt Murray MacLeòid is e a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

    "Chan eil fios agad leis an sgioba seo aig Alba dè tha a' dol a thachairt, chan e a-mhàin bho gheama gu geama ach taobh a-staigh a' gheama fhèin."

    Tha cùmhnant aig Gregor Townsend gu deireadh 2027 ach tha Murray den bheachd gum bi ceistean mòra ann mu dhreuchd na còidse nàiseanta mura h-eil Alba aig ìre ann am Farpais nan Sia Dùthchannan.

  2. "Nam biodh cuideigin air seo a thabhainn air Steve Clarke bhiodh e air a ghabhail"air fhoillseachadh aig 09:11 GMT 17 An t-Samhain 2025

    Steve Clarke

    Bhiodh Steve Clarke air a bhith gu math toilichte aig toiseach iomairt na h-Alba gus Cupa na Cruinne 2026 a ruighinn nam biodh fios aige gum biodh an gnothach ann an làmhan na sgioba a' dol dhan gheama mu dheireadh.

    'S e sin am beachd a bh' aig fear de sgioba aithris BBC Spòrs, Calum Dòmhnallach, is e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain.

    Tha Alba le cothrom fhathast a' bhuidheann aca a bhuannachadh is a dhol gu Cupa na Cruinne gu dìreach is às aonais play-off, a dh'aindeoin is gun do chaill iad 3-2 sa Ghrèig oidhche Shathairne.

    Leis gun deach an Danmhairg a chumail 2-2 an aghaidh Belarus aig an aon àm, tha cothrom aig Alba leum os an cionn ma nì iad a' chùis orra aig Hampden oidhche Mhàirt.

    "Bhiodh Steve Clark gu dearbh air seo a ghabhail," thuirt Calum.

    "A' coimhead air ais air cuid de na geamaichean a th' air bhith againn airson faighinn gu Cupa na Cruinne tha sinn air sgiobaidhean mòra, mòra a chluich: An Eadailt, An Spàinn, a' Ghearmailt.

    "Tha an Danmhairg math ach chan eil iad aig an ìre aig an robh na sgiobaidhean sin nuair a chaidh sinn nan aghaidh.

    "Dh'fhaodadh geama nas fhasa a bhith ann airson faighinn gu Cupa na Cruinne ach aon gheama airson faighinn ann - chan iarradh tu an còrr".

    Cluinnear an geama oidhche Mhàirt air BBC Radio nan Gàidheal is am prògram a' tòiseachadh aig 7:00f.

  3. Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 11:31 GMT 15 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan

    Cluinnear mu na geamannan dearbhaidh mu dheireadh aig Alba anns na buidhnean airson faighinn gu Cupa na Cruinne 2026 air Spòrs na Seachdain le Iain Moireasdain.

  4. "Tha feum againne a bhith tòrr nas fheàrr na bha sinn"air fhoillseachadh aig 14:01 GMT 14 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Dòmhnall MacEanraig am measg luchd-taic a tha airson barrachd fhaicinn bho sgioba na h-Alba

    Le dà gheam mòr air fàire do dh'Alba aghaidh na Grèig agus na Danmhairg, tha luchd-taic na sgioba an dòchas gun cluich iad nas fheàrr air a' mhios seo na chluich iad san Dàmhair gus dèanamh cinnteach gum faigh iad gu Cupa na Cruinne.

    Bidh an dà gheam beò air BBC Radio nan Gàidheal - a' tòiseachadh anns a' Ghrèig oidhche Shathairne aig 7:00f.

  5. Spòrscast: Sùil air ais air seusan na h-Iomainair fhoillseachadh aig 12:00 GMT 13 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Anns an Spòrscast as ùire, tha Somhairle MacDhòmhnaill agus Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' beachdachadh air na thachair tro sheusan na h-iomain a thàinig gu ceann air an deireadh sheachdain le Ceann a' Ghiùthsaich a' togail tiotal na Prìomh Lìge.

    Seo agaibh criomag ach cluinnear am podcast air fad air BBC Sounds.

  6. An dà gheam aig Alba beò air BBC Radio nan Gàidhealair fhoillseachadh aig 12:35 GMT 11 An t-Samhain 2025

    Cluicheadairean na h-Alba a' trèanadhTùs an deilbh, SNS

    Tha Alba direach dà gheam air falbh bho Chupa na Cruinne anns na Stàitean Aonaichte, Meacsago agus Canada, agus cluinnear na dhà beò air BBC Radio nan Gàidheal.

    Cluichidh sgioba Steve Clarke sa Ghrèig oidhche Shathairne agus fios aca gum fàg puing iad ann an suidheachadh math a thaobh an fharpais mhòr a ruighinn.

    Bidh sin beò bho 7:00f Disathairne le Iain Moireasdan.

    Bidh Iain sa chathair a-rithist oidhche Mhàirt sa tighinn is Alba a' cur fàilte air An Danmhairg.

    Ma thèid aca air tilleadh on Ghrèig le puing, bidh fios aig Alba gun cuir trì an aghaidh na Danmhairg gu Cupa na Cruinne iad.

    Tha am prògram sin cuideachd a' tòiseachadh aig 7:00f.

  7. Manaidsearan a' Ghearasdain air an dreuchdan fhàgailair fhoillseachadh aig 09:11 GMT 10 An t-Samhain 2025

    Neil Robertson
    Fo-thiotal an deilbh,

    Tha Neil Robertson ag ràdh gun robh e toilichte le adhartas a' Ghearasdain

    Thàinig naidheachd air an deireadh-sheachdain cuideachd gu bheil Neil Robertson is Alan Knox air seasamh sìos mar cho-mhanaidsearan a' Ghearasdain.

    Ghabh an dithis an stiùir aig deireadh 2022 is an cluba dìreach air tuiteam a-mach às a' Phrìomh Lìog.

    Chrìochnaich iad san treas àite san Lìog Nàiseanta ann an 2023 mus do bhuannaich iad e ann an 2024.

    Am-bliadhna bha seusan air leth aca air ais sa Phrìomh Lìog is iad anns an rèis airson an tiotail gu na seachdainean mu dheireadh.

    Ràinig iad cuideachd cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais ann an 2024 - a' chiad chuairt dheireannach aca aig àrd-ìre ann an còrr is 10 bliadhna.

    A' bruidhinn às dèidh a' gheama an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich Disathairne, thuirt Neil Robertson gun robh e gu math toilichte le adhartas an sgioba, ged a bha e duilich nach do rinn iad a' chùis air cupa a thogail.

    Thuirt e gur e sin an dùbhlan 'son 2026.

    Ann am brath air na meadhanan-sòisealta, thug an cluba fhèin taing dhan dithis.

    Thuirt iad gun robh iad air ùine mhòr a chosg air an sgioba is air an cluba a thilleadh gu àrd-ìre.

  8. Corky is Kings air an dòigh le tiotal eileair fhoillseachadh aig 08:45 GMT 10 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Rinn manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich moladh mòr air an sgioba aige is iad air Prìomh Lìog na h-iomain a bhuannachadh a-rithist.

    'S e seo an còigeamh tiotal aca ann an sreath.

    Bha droch aimsir air dàil a chur air deireadh an t-seusain ach fhuair Kings mu dheireadh thall na bha a dhìth orra Disathairne le buaidh 2-0 air a' Ghearasdan aig an Àird, gan togail os cionn Bhaile Ùr an t-Slèibh gu bàrr na lìge.

    Tha e a' toirt gu ceann seusan anns an do bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich cuideachd Cupa MhicThàmhais is Cupa MhicAmhlaigh.

    Ged a bha briseadh-dùil aca ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd nuair a chaill iad 3-2 ris a' Bhaile Ùr, tha Iain 'Corky' Borthwick ag ràdh gun robh fìor dheagh sheusan aca.

  9. Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 10:51 GMT 8 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan

    Tha ball-coise, iomain agus rugbaidh am measg nan cuspairean a th' aig Iain Moireasdain air a' phrògram is Alba an dòchas an gnothach a dhèanamh air na h-All Blacks 'son a' chiad turas

  10. "Carson nach fhaod" Alba a' chùis a dhèanamh air New Zealand?air fhoillseachadh aig 18:32 GMT 7 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thèid Alba an aghaidh New Zealand Disathairne aig Murrayfield is iad ag amas air a' chùis a dhèanamh air na h-All Blacks airson a' chiad turas a-riamh.

    Thairis air 120 bliadhna tha Alba air call 30 turas sna geamaichean eadar na sgiobaidhean, le dà gheam a' crìochnachadh co-ionnann.

    Tha fear de luchd-taic na h-Alba, Callum MacNeacail, ag ràdh gur dòcha gur e seo an cothrom as fheàrr a th' aig sgioba Gregor Townsend buannachadh an aghaidh New Zealand mu dheireadh thall.

  11. Sgioba stiùiridh Camanachd Leòdhais air seasamh sìosair fhoillseachadh aig 17:14 GMT 6 An t-Samhain 2025

    Anndra MacAsgaill is Donnchadh Mac an t-SaoirTùs an deilbh, Camanachd Leòdhais

    Tha manaidsear is leas-mhanaidsear Camanachd Leòdhais air na dreuchdan aca fhàgail.

    Bha Donnchadh Mac an t-Saoir dà thuras na mhanaidsear air a' chluba is e air na Leòdhasaich a stiùireadh dhan àite as àirde aca san lìog a-riamh.

    Chrìochnaich iad san dàrna àite ann an Lìog Tuath 2 ann an 2023 is 2024.

    Thuirt Mac an t-Saoir gu bheil e den bheachd gu bheil an t-àm ann ceum air ais a ghabhail.

    "'S e co-dhùnadh fìor dhoirbh a bha seo ach tha mi a' smaointinn gur e an rud ceart a th' ann 'son a' chluba is feum air beachdan ùra aig an stiùir.

    "Tha mi cho moiteil às a h-uile cluicheadair a chluich dhuinn san trì bliadhna mu dheireadh is abair gun do rinn sinn adhartas.

    "Tha Camanachd Leòdhais air a bhith fìor chudromach dhomh nam bheatha ann an iomain is bidh a chaoidh", thuirt e.

    Thuirt Anndra MacAsgaill gun robh ochd bliadhna air leth aige mar leas-mhanaidsear.

    "Thòisich mi às dèidh seusan nuair a thog an cluba aona phuing air a' phàirc is tha mi a' crìochnachadh is sinn a' farpais airson tiotalan.

    "Tha mi a' faireachdainn nam chridhe gur e seo an cluba as fheàrr san t-saoghal".

    Chrìochnaich na Leòdhasaich seusan 2025 san treas àite san lìog.

  12. Plana B aig Comann na Camanachd 'son Disathairneair fhoillseachadh aig 12:12 GMT 6 An t-Samhain 2025

    Tha Comann na Camanachd air plana ùr a chur ann an àite ann an oidhirp dèanamh cinnteach gun tèid an geama mu dheireadh den t-seusan air adhart Disathairne.

    Tha An Gearasdan gus fàilte a chur air Ceann a' Ghiùthsaich aig an Àird aig 1:30f.

    Feumaidh Ceann a' Ghiùthsaich puing gus an tiotal a bhuannachadh ach ma chailleas iad thèid an duais gu Baile Ùr an t-Slèibh.

    Chaidh an geama a chur dheth an t-seachdain seo chaidh is dìle air a bhith ann.

    Tha Comann na Camanachd a-nise air dearbhadh gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air Pàirc na h-Àirde aig 9:00m Disathairne.

    Mura h-eil a' phàirc comasach an geama a ghabhail thèid a ghluasad gu Pàirc a' Bhlàir Bhig ann an Druim na Drochaid far an tòisich e aig 12:30f.

  13. An Gearasdan is Ceann a' Ghiùthsaich gus feuchainn a-rithist Disathairneair fhoillseachadh aig 08:50 GMT 3 An t-Samhain 2025

    Dealbh de gheama eadar An Gearasdan is Ceann a' Ghiùthsaich

    Dhearbh Comann na Camanachd gum feuch An Gearasdan is Ceann a' Ghiùthsaich ris a' gheama mu dheireadh ann am Prìomh Lìog nam fear a chluich Disathairne seo tighinn.

    Chaidh an geama a chur dheth aig an deireadh-sheachdain is dìle air a bhith ann tron oidhche Dihaoine.

    Thathar an dòchas gun tèid e air adhart a-nise Disathairne aig an Àird aig 1:30f.

    'S e geama mòr a th' ann is Ceann a' Ghiùthsaich feumach air puing gus an tiotal a bhuannachadh.

    Ma 's e is gur e An Gearasdan a nì a' chùis ge-tà, thèid an duais gu Baile Ùr an t-Slèibh.

    Bha iomain ann aig ìre òigridh Disathairne.

    Bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh Sgiath Lunnainn is iad air soirbheachadh 9-2 an aghaidh Ghleann Urchadain.

    Am measg nan tadhal dhan Bhaile Ùr bha Joe Coyle òg, fear de na gaisgich aca nuair a bhuannaich iad Cupa na Camanachd san t-Dàmhair.

    Cuideachd Disathairne thog Acadamaidh Iomain an Eilein Sgitheanaich Cupa CA às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Òigridh an Òbain 3-1.

  14. An Gearasdan - Ceann a' Ghiùthsaich dhethair fhoillseachadh aig 12:32 GMT 1 An t-Samhain 2025

    Chaidh an geam Disathairne eadar an Gearasdan agus Ceann a' Ghiùthsaich ann am Prìomh Lìog na h-Iomain a chur dheth air sgàth gu bheil a' phàirc aig an Àird ro fhliuch.

    'S e seo an aon gheam a th'air fhàgail ri chluich anns a' Phrìomh Lìog air an t-seusan seo.

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich feumach air puing airson an lìog a bhuannachadh.

    Ach ma chailleas iad 's iad Baile Ùr an t-Slèibh a thogas an tiotal.

  15. Tiotal na Prìomh Lìge a' crochadh air an là mu dheireadhair fhoillseachadh aig 17:36 GMT 31 An Dàmhair 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Gheibh Ceann a' Ghiùthsaich an ceathramh tiotal lìge aca sreath a chèile ma ghlèidheas iad puing, no nas fheàrr, an aghaidh a' Ghearasdain Disathairne.

    Ma chailleas iad ge-tà, thèid an duais gu Baile Ùr an t-Slèibh.

    Mar sin, bidh aire saoghal na h-iomain air fad air a' gheama aig Pàirce na h-Àirde - an geama mu dheireadh den t-seusan.

    Tha tè de luchd-taic Chinn a' Ghiùthsaich, Sarah Fhriseil, den bheachd gum bi an tiotal a' tilleadh chun an taobh aicese de sgìre Bhàideanach.

  16. Am Bail' Ùr a' sireadh fàbhair bhon Ghearasdanair fhoillseachadh aig 18:35 GMT 30 An Dàmhair 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thuirt cluicheadair Bhail' Ùr an t-Slèibh, Iain Robinson, gur dòcha gum bi lèintean buidhe a' Ghearasdain orra Disathairne is iad an dòchas gun dèan sgioba Loch Abair fàbhar dhaibh an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich.

    Chan eil feum aig Kings ach air puing sa gheama mu dheireadh den t-seusan airson Prìomh Lìog na h-Iomain a bhuannachadh uair eile.

    Ach ma thig an Gearasdan am bàrr, thèid an tiotal chun a' Bhail Ùir airson a' chiad turas bho 2018.

    Tha Robinson mar-thà air Cupa na Camanachd a thogail mar phàirt den sgioba a rinn a' chùis air Ceann a' Ghiùthsaich, 3-2, sa chuairt-dheireannaich air a' mhìos a chaidh.

    Fhuair e dà thadhal sa gheam sin agus cuideachd duais sàr-chluicheadair a' gheama.

    Chuir e cuideachd barrachd thadhail na duine sam bith eile sa Phrìomh Lìog air an t-seusan-sa.

  17. Mìos mhòr ro sgioba rugbaidh na h-Albaair fhoillseachadh aig 17:43 GMT 29 An Dàmhair 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha mìos chudromach ro sgioba rugbaidh na h-Alba a' tòiseachadh leis a' gheama an aghaidh nan Stàitean Aonaichte Disathairne ann an geamaichean eadar-nàiseanta an fhoghair.

    Cluichidh iad an uairsin trì geamaichean eile an aghaidh New Zealand, Argentina agus Tonga mus tèid an taghadh airson Cupa na Cruinne a chumail san Dùbhlachd.

    Tha Callum MacNeacail am measg an luchd-leantainn a dh'iarradh adhartas fhaicinn bhon sgioba fo stiùir Gregor Townsend.

  18. "Chan eil mi cinnteach mu Ange a' tilleadh"air fhoillseachadh aig 10:56 GMT 29 An Dàmhair 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thuirt fear de luchd-leantainn Celtic, Ruairidh MacCarmaig, nach eil e cinnteach gur e rud math a bhiodh ann nan tilleadh Ange Postecoglou chun a' chluba.

    Tha seann mhanaidsear Celtic am measg nan ainmean a tha daoine dhen bheachd a dh'fhaodadh àite Brendan Rodgers a ghabhail,

    Dh'fhàg Rodgers a dhreuchd oidhche Luain le seann mhanaidsear eile, Màrtainn Ó Néill, a' tighinn a-steach mar mhanaidsear eadar-amail.

  19. Megan Keith an sgioba na h-Alba 'son Geamaichean a' Cho-fhlaitheisair fhoillseachadh aig 09:10 GMT 28 An Dàmhair 2025

    Megan KeithTùs an deilbh, Sgioba na h-Alba

    Chaidh Megan Keith à Inbhir Nis ainmeachadh ann an sgioba na h-Alba 'son Geamaichean a' Cho-fhlaitheis an ath-bhliadhna.

    Bidh i a' ruith anns an 10,000m ann an Glaschu is 's e seo a' chiad turas a bhios aice aig na Geamaichean.

    Bhuannaich Megan farpais na cruinne aig ìre òigridh ann an sligheadaireachd mus do thòisich i air lùth-chleasachd.

    Fhuair i bonn òir ann an rèis an 5,000m aig Farpais na h-Eòrpa Fo aois 23 ann an 2023 agus bonn umha an uairsin san 10,000m aig Farpais na h-Eòrpa ann an 2024.

    Rèis i san 10,000m aig na Geamaichean Oilimpigeach ann am Paris ann an 2024 cuideachd, ged a bha maill oirre is i air a h-adhbrann a ghoirteachadh.

    Bha i san deicheamh àite san 10,000m ann am Farpaisean na Cruinne air a' mhìos seo chaidh.

    "Bidh e gu math sònraichte farpais airson na h-Alba aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis", thuirt Megan.

    "Chan ann tric a gheibh sinn cothrom rèiseadh airson Alba agus ann an Alba is mar sin tha mi dìreach air bhioran".

    Bidh Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann eadar an 23mh den Iuchar is 2na den Lùnastal an ath-bhliadhna.

  20. Taigh-tasgaidh ùr na h-iomain air fhosgladhair fhoillseachadh aig 09:59 GMT 27 An Dàmhair 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Dh'fhosgail taigh-tasgaidh ùr na h-iomain - Sgeul na Camanachd - gu h-oifigeil ann an Inbhir Nis, agus geàmaichean eadar-nàiseanta iomain eadar Alba is Èirinn gan cluich cuideachd.

    Tha an taisbeanadh stèidhichte aig Pàirc a' Bhucht agus chaidh a chruthachadh gus dìleab a' gheama a ghlèidheadh agus a chur air beulaibh an t-sluaigh.

    Air a' phàirc 's iad na h-Èireannaich a rinn an gnothach san dà gheama.

    Rinn mnathan na h-Èireann a' chùis 5-3 (18) gu 2-0 (6) agus 's e 3-3 (12) gu 2-4 (10) a bh' ann dha na fir.

    Chaidh Fionnlagh MacIllinnein ann dhuinn.

  21. Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 10:22 GMT 26 An Dàmhair 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan

    Iain Moireasdan agus an sgioba a' craoladh bho Inbhir Pheofharan le aire shonraichte air Ross County is air a' gheam mhòr aig bàrr na Prìomh Lìge eadar Hearts agus Celtic.

    Èistibh gu h-àrd.

  22. Èirinn a' buannachadh san Iomainair fhoillseachadh aig 19:11 TSB 25 An Dàmhair 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bhuannaich Èirinn an aghaidh na h-Alba airson an treas bliadhna ann an sreath, san geama camanachd eadar-nàiseanta. Cha robh ach an dà phuing eadar na sgiobaidhean aig Pàirce a' Bhught. Seo na thachair.