Spòrs

Latest updates

  1. Alba ann am Buidheann C aig Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 19:59 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Ainm na h-Alba san taghadhTùs an deilbh, PA

    Bidh Alba ann am Buidheann C aig Cupa na Cruinne còmhla ri Brasil, Morogo is Haiti.

    Bidh geamaichean na h-Alba eadar Atlanta, Boston, Miami, New York/New Jersey agus Philadelphia is sin ri dhearbhadh fhathast.

    Gheibhear am fiosrachadh uile an seo.

  2. Taghadh Chupa na Cruinne - ciamar a tha e ag obair?air fhoillseachadh aig 12:53 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chan eil fada ri feitheamh a-nis airson faighinn a-mach cò bhios aig Alba anns a' bhuidheann aca aig Cupa na Cruinne 2026.

    Thèid an taghadh airson na farpais ann an Canada, Meagsago agus na Stàitean Aonaichte a chumail ann an Washington DC aig 5f Dihaoine.

    Ron an taghadh fhèin, gabhaidh luchd-ciùil leithid Andrea Bocelli, Robbie Williams agus Nicole Scherzinger chun àrd-ùrlar, le dùil cuidechd gun toir an Ceann-suidhe Trump agus Ceann-suidhe FIFA, Gianni Infantino, òraidean seachad.

    Bidh seann chluicheadair Mhanchester United, Rio Ferdinand, a' stiùireadh an taghaidh le rionnagan spòrs Ameireaganach leithid Tom Brady, Wayne Gretzky agus Shaquille O'Neal an-sàs cuideachd.

    Aon uair is gum bi an taghadh seachad, gabhaidh The Village People "YMCA" airson cùisean a thoirt gu ceann, le dùil gum mair a' chùis air fad mu thimcheall air 90 mionaid.

    Tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan air a bhith a' toirt sùil air mar a bhios an taghadh ag obair.

  3. Dùbhlan do sheann cheann-suidhe Chomann na Camanachd aig sgioba na Manachainnair fhoillseachadh aig 11:52 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Steven MacCoinnich co-mhanaidsear ùr sgioba iomain na Manachainn

    Tha Steven MacCoinnich, a bha na cheann-suidhe air Comann na Camanachd eadar 2020 is 2023, gu bhith ag obair còmhla ri Jamie MacIllinnein os cionn sgioba iomain na Manachainn.

    Bha seusan gu math doirbh aca am-bliadhna agus iad air a dhol sìos dhan Roinn Nàiseanta.

    Thuirt MacCoinnich gun robh an sguad a th' aca gu math òg agus gun robh iad airson barrachd chluicheadairean fhaighinn.

    Thuirt e cuideachd gun robh e doirbh dhaibh tadhail fhaighinn agus gum feumadh iad freagairt a lorg dhan sin.

    'S e a' chiad gheama a bhios aig MacCoinnich is MacIllInnein aig an stiùir geama Chupa MhicShimidh eadar iad fhèin is na nàimhdean ionadail Lòbhat air an 2mh den Fhaoilleach 2026.

  4. "Tha a' bheing cho cho cudromach aig ìre phroifeiseanta..."air fhoillseachadh aig 16:13 GMT 4 An Dùbhlachd 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Feumaidh Alba agus Griogair Townsend obair a dhèanamh air aon rud sònraichte ro Chupa na Cruinne 2027 a-rèir Aaron Ingram

    Chaidh Sgioba Rugbaidh na h-Alba a thaghadh an aghaidh Èirinn, Uruguay, agus a' Phortagail ann am Buidheann D aig Cupa na Cruinne 2027.

    Chluich Alba ceithir geamaichean air a'mhìos a chaidh aig Pàirce Murrayfield - geamaichean a dh'fhàg mì-chìnnt am measg an luchd-taic.

    Às dèidh dhaibh buannachadh 85-0 an aghaidh nan Stàitean Aonaichte, chaill iad a-mach air deagh chothrom a' chùis a dhèanamh air New Zealand airson a' chiad uair a-riamh le cùisean a' crìochnachadh 17-25.

    Ach b' e an geama an aghaidh Argentina a dh'adhbhraich fearg le Alba a call aig a' cheann thall agus iad air a bhith 21-0 air thoiseach tràth san dàrna leth.

    Bhuannaich iad 56-0 an aghaidh Tonga sa gheama mu dheireadh.

    Tha Aaron Ingram, a bhios a' leantainn na sgioba, den bheachd gum bu chòir Griogair Townsend co-dhùnaidhean nas fheàrr a dhèanamh air thoiseach air Cupa na Cruinne 2027.

  5. Spòrscast: Iomain nam banair fhoillseachadh aig 11:48 GMT 4 An Dùbhlachd 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Kate Bradley agus Ali Nic a' Bhiocair a' toirt sùil air ais air seasan iomain nam ban.

    Tha spiorad na Nollaig againn san Spòrscast as ùire is Kate Bradley agus Ali Nic a' Bhiocair a' toirt sùil air ais air seasan inntinneach, adhartach is spòrsail ann an iomain nam ban.

    Am measg eile, tha moladh aca airson sgioba Loch Abair is an obair chruaidh a dh'fhàg iadsan cho soirbheachail sa Phrìomh Lìog.

    Cluinnear an còmhradh air fad air BBC Sounds.

  6. Taghadh Chupa Rugbaidh na Cruinne 2027air fhoillseachadh aig 10:47 GMT 3 An Dùbhlachd 2025

    Caelan Doris aig Èirinn a' faighinn caoidhteas a' bhuill fhad 's a tha Huw Jones ga thoirt gu làr le Finn Russell a' coimhead orra.Tùs an deilbh, Getty Images

    Chaidh Alba a thaghadh còmhla ri Èirinn, Uruguay agus Portagail airson Cupa Rugbaidh na Cruinne 2027.

    'S e seo an treas turas ann an sreath a thèid Alba an aghaidh na h-Èireann ann an ìre na buidhne dhen fharpais.

    Am measg nam buidhnean eile tha Àstralia, a tha a' cumail na farpais, còmhla ri New Zealand, Sasainn còmhla ris a' Chuimrigh agus Afraga a Deas, a bhuannaich an fharpais an turas mu dheireadh, leis an Eadailt.

    Tha barrachd sgiobaidhean ann an Cupa na Cruinne an turas seo na bh' ann a-riamh roimhe le 24 a' gabhail pàirt uile gu lèir.

    Bidh an fharpais ann eadar 1 An Dàmhair - 13 An t-Samhain 2027 thar seachd bailtean ann an Àstrailia le sia buidhnean de cheithir sgiobaidhean.

    Thèid an dà sgioba aig mullach gach buidheann troimhe le na ceithir sgiobaidhean as fheàrr a chrìochnaich san treas àite cuideachd a' dèanamh adhartais gu cuairt na 16 mu dheireadh.

  7. Sgiobaidhean na Gàidhealtachd air an rathad an Cupa na h-Albaair fhoillseachadh aig 09:18 GMT 1 An Dùbhlachd 2025

    Banks O' Dee is Ross CountyTùs an deilbh, SNS
    Fo-thiotal an deilbh,

    Cha robh feasgar furasta aig County aig Spain Park

    Bidh sgiobaidhean na Gàidhealtachd air an rathad sa cheathramh chuairt de Chupa na h-Alba - ged nach eil àite Inbhir Nis air a dhearbhadh fhathast.

    Chaidh geama ICT air falbh an aghaidh Tranent Disathairne a chur dheth is na sgiobaidhean a-nise gus feuchainn a-rithist Disathairne seo tighinn.

    Rinn Ross County adhartas air a' cheann thall 2-0 an aghaidh Banks O' Dee ann an Obar Dheathain, ged nach tàinig an tadhal cudromach gus an geama a mharbhadh chun nan deich mionaidean mu dheireadh.

    Chaill Clach na Cùdainn 4-1 air falbh an aghaidh Stenhousemuir.

    Chaidh an taghadh a dhèanamh oidhche Dhòmhnaich is County gus siubhal gus cluich an aghaidh Thobar na Màthar.

    Ma nì ICT an gnothach air Tranent bidh turas aca a Dhùn Èideann is geama an aghaidh Spartans.

    Bidh na geamaichean ann air deireadh-seachdain an 17mh is 18mh den Fhaoilleach.

  8. Spòrscast còmhla ri Derek MacAoidhair fhoillseachadh aig 14:24 GMT 29 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Derek MacAoidh agus an sgioba a' toirt sùil air deireadh-sheachdain làn ball-coise.

    Le geamaichean a' dol san treasamh chuairt de Chupa na h-Alba agus sa Phrìomh Lìog a thuilleadh air sgioba nam ban aig Alba a' cluich gheamaichean càirdeil.

    A bharrachd air a sin, tha iad a' coimhead air iomain, croladh, rugbaidh 's Formula 1.

  9. Riaghailtean chlogaidean air an teannachadhair fhoillseachadh aig 20:49 GMT 28 An t-Samhain 2025

    Cabar Fèidh an aghaidh Cheann Loch Seile

    Bhòt buill Chomann na Camanachd gus riaghailtean a thaobh cleachdadh chlogaidean san spòrs a neartachadh.

    Chaidh gabhail ri moladh bhon bhuidhinn riaghlaidh a tha a' ciallachadh gum feum gach cluicheadair clogaid a chur orra bho thoiseach 2027.

    Bidh e riatanach dhan a h-uile cluicheadair cluich le clogaid a tha a' dìon an aodainn bho thoiseach seusan 2030.

    Dhiùlt Coinneamh Bhliadhnail Chomann na Camanachd sa Ghearasdan oidhche Haoine gabhail ri oidhirp bho sgiobaidhean leigeil le còig atharrachaidhean far na beinge ann an geamaichean.

    Chualas cuideachd aig an AGM gu bheil an àireamh de bhuill bhoireann air èirigh cha mhòr 9% am-bliadhna.

    'S e boireannaich a th' ann an cairteal de bhallrachd Chomann na Camanachd a-nise.

    A thuilleadh air seo, chaidh an goilfear cliùteach Raibeart Mac an t-Saoir ainmeachadh mar bhall urramach de Chomann na Camanachd.

    Tha Mac an t-Saoir, a tha aithnichte 'son a cheagal ri Ceiltich an Òbain, tric air bruidhinn mu cho cudromach 's a tha iomain dha agus dha theaghlach.

  10. Ceistean aig Pittodrieair fhoillseachadh aig 11:07 GMT 28 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha oidhche thrang is rudeigin measgaichte aig sgiobaidhean Albannach san Roinn Eòrpa Diardaoin.

    Ann an Lìog Europa rinn Celtic an gnothach 3-1 air Feyenoord ann an Rotterdam is bha Rangers co-ionann 1-1 an aghaidh Sporting Braga aig Ibrox.

    'S e 1-1 a bh' ann aig Pittodrie cuideachd eadar Obar Dheathain is FC Noah ann an Lìog Conference UEFA - is dùbhlan fhathast ro na Dons ma tha iad gus adhartas a dhèanamh.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt Iain MacDiarmaid gu bheil e fhèin am measg luchd-taice nach eil cinnteach fhathast an e Jimmy Thelin an duine ceart 'son a bhith aig an stiùir aig Pittodrie.

  11. Spòrscast: Seusan iongantach eile ann an teanasair fhoillseachadh aig 17:12 GMT 27 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Seusan inntinneach eile ann an Teanas

    Abair paidhir - bha Carlos Alcaraz agus Jannick Sinner a' sabaid gu cruaidh airson a' chiad àite ann an rangannan teanas na bliadhna.

    Tha Javen Houston a' bruidhinn ri Ailean Peutan mun sin agus gu leòr eile ann an Spòrscast na seachdain sa.

    Cluinnear an còmhradh air fad air BBC Sounds

  12. Maoineachadh spòrs anns na h-Eileanan an Iar a' fuireach aig an aon ìreair fhoillseachadh aig 12:57 GMT 26 An t-Samhain 2025

    Camanachd Leòdhais le bratach Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh.Tùs an deilbh, Camanachd Leòdhais
    Fo-thiotal an deilbh,

    Camanachd Leòdhais, a tha am measg iomadh buidheann spòrs anns na h-Eileanan an Iar a tha a' faighinn taice tro shiostam Clubspòrs

    Dh'aontaich Comataidh Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar gus maoineachadh airson na buidhnean Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh is Clubspòrs Uibhist is Bharraigh a chumail aig an aon ìre.

    'S iad na buidhnean seo a tha a' cumail taic-airgid ri clubaichean is buidhnean spòrs aig ìre na coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar.

    Gheibh iad £10,000 is £6,000 ann an 2025/26.

    Chaidh buidseatan nam buidhnean a ghearradh roimhe ann an 2024/25 bho £13,000 is £8,500.

    Ged a dh'iarr Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh gun rachadh am maoineachadh acasan a thilleadh gu £13,000, dh'aontaich a' chomataidh a chumail aig an aon ìre.

    Thuirt aithisg a chaidh air beulaibh na comataidh gu bheil am prògram maoineachadh aig Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh is Clubspòrs Uibhist is Bharraigh ag obair gu math is gu bheil e a' brosnachadh dhaoine gu h-ionadail gus a dhol an sàs ann an spòrs "aig a h-uile ìre".

    Thuirt e cuideachd gu bheil cunnart ann nach ruig luchd-spòrs ionadail an ìre as àirde as urrainn dhaibh mura h-eil airgead ann an cur gu farpaisean air tìr-mòr is farpaisean eadar-eileanach.

  13. Kellacher riaraichte le puing san t-Siorrachd Bhigair fhoillseachadh aig 10:31 GMT 26 An t-Samhain 2025

    Scott KellacherTùs an deilbh, ICT

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle gun robh e riaraichte tilleadh gu tuath à Siorrachd Chlach Mhanann le puing às dèidh dhan sgioba a bhith co-ionnan 1-1 an aghaidh Alloa oidhche Mhàirt.

    Ged a bha làmh an uachdair aig Alloa sa chiad leth, 's e ICT a chaidh air thoiseach le cha mhòr am breab mu dheireadh.

    Dh'fhosgail Inbhir Nis Alloa suas gus Luis Longstaff a chur ann an rùm air a' chliathaich is chuir e am ball seachad air Liam MacPhàrlain eadar na puist, ged a bhiodh am Pàrlanach den bheachd gun robh còir aige a bhith air grèim a chumail air.

    San dàrna leth bha barrachd den bhall aig ICT ach 's e Alloa a fhuair an tadhal, Cammy O'Donnell leis nuair nach do dhèilig Inbhir Nis le breab-oisein bho Andy Clarke.

    Chrìochnaich e 1-1 is Caley Thistle a-nise ceithir puingean air thoiseach air Stenhousemuir aig mullach na lìge.

    "Tha mi a' smaointinn gun robh puing do gach sgioba ceart," thuirt Scott Kellacher às dèidh làimh.

    "Sa chiad leth bha Alloa na b' fheàrr is bha sinn 's dòcha rud beag fortanach a bhith air thoiseach.

    "San dàrna leth bha sinn fìor mhath, tòrr na b' fheàrr.

    "Aig a' cheann thall tha mi a' smaointinn gun robh 1-1 ceart."

    Tha aire ICT a-nise a' gluasad gu Cupa na h-Alba le turas gu Lodainn an Ear Disathairne is geama an aghaidh Tranent.

  14. Dragh gun tèid a' chiad Phàirce Hampden a challair fhoillseachadh aig 17:22 GMT 22 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Nochd uallach am measg chuid gum faodadh gun tèid làrach a' chiad Phàirce Hampden ann an Glaschu a chall.

    Tha dùil gun dùin an cluba bobhlaigh a th' oirre an-dràsta an ath bhliadhn'.

    Bidh i an uair sin a' dol chun na buidhne a bhios a' dèiligeadh ri talamh do Chomhairle Baile Ghlaschu, gun fhios cò dh'fhaodadh a ceannach.

    Am beachd cuid, tha i seo ro chudromach do dh'eachdraidh a' bhuill-choise airson a call.

  15. "Seachdain eachdraidheil ann am ball-coise na h-Alba!"air fhoillseachadh aig 11:30 GMT 22 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Iain Moireasdan agus an sgioba a' coimhead air ais air a' gheama a dhearbh gum biodh sgioba ball-coise na h-Alba aig Cupa na Cruinne an ath-bhliadhna. Sùil air adhart ri geamannan ball-coise na deireadh-seachdain aig sgiobaidhean nam fear agus nam ban anns na prìomh lìogan. Tha sgioba rugbaidh na h-Alba an aghaidh Tonga san gheama mu dheireadh de dheuchainnean an Fhoghair agus bheir sinn sùil air ais air an iomairt gu ruige seo agus cluinnidh sinn mu fharpais criogaid na h-Ashes.

  16. MacRath a' fuireach aig an stiùir an Rèaraigair fhoillseachadh aig 17:03 GMT 20 An t-Samhain 2025

    Willie MacRath

    Ged a tha seusan ùr na h-iomain pìos air falbh tha an t-ullachadh a' dol mar-tha is tha Ceann Loch Seile a-nise air dearbhadh gum fuirich Willie MacRath ann an dreuchd a' mhanaidseir 'son 2026.

    Thuirt an cluba gu bheil aonta aca 'son seusan eile le cothrom dà bhliadhna a chur ris ma tha iad fhèin is an sgioba choidsidh ri chèile riaraichte.

    Còmhla ri MacRath bidh leas-choidse ùr ann an Scotty Ceannadach, a bha iomadh bliadhna na chluicheadair aig a' chluba.

    Bha seusan rudeigin measgaichte aig Seile ann an 2025 is iad a' crìochnachadh san 7mh àite sa Phrìom Lìog is iad aig aon àm ann am beagan de staing sìos faisg air a' bhonn.

    'S iad ge-tà an aon sgioba a rinn an gnothach air Ceann a' Ghiùthsaich ann an geama lìge fad na bliadhna.

  17. Òigridh air an dòigh le sgioba na h-Albaair fhoillseachadh aig 16:54 GMT 19 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha soirbheachas sgioba na h-Alba air togail a thoirt do dhaoine air feadh na dùthcha - na sgoilearan seo ann an Inbhir Nis nam measg.

  18. Sgioba BBC RnanG a' dol às an ciall!air fhoillseachadh aig 15:06 GMT 19 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Sgioba Aithris BBC RnG a' dèanamh gàirdeachas aig Hampden!

    'S e oidhche air leth a bh' ann aig Hampden Dimàirt agus Alba a' dèanamh a' ghnothaich air An Danmhairg 4-2.

    Cha b' ann dhan luchd-amhairc a-mhàin ach dhan luchd-aithris cuideachd!

  19. Na tadhail a chuir Alba gu Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 12:51 GMT 19 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    An d'fhuair sibh seachad air fhathast?

    Agus saoil an d'fhuair Alasdair MacIllinnein a ghuth air ais?

    Seo mar a dh'aithris BBC Radio nan Gàidheal na ceithir tadhail aig Alba is iad a' soirbheachadh 4-2 an aghaidh na Danmhairg gus àite a ghlèidheadh aig Cupa na Cruinne.

  20. "Bha an dòigh anns an do chrìochnaich e dìreach craicte"air fhoillseachadh aig 09:32 GMT 19 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Eil sibh a' creidsinn gun do thachair e?

    Tha Alba a' dùsgadh an-diugh is sgioba nam fear air àite a ghlèidheadh aig Cupa na Cruinne an ath-bhliadhna.

    Bha Carrie NicNèill san sgioba aithris aig BBC Radio nan Gàidheal aig Hampden.

    Mar gu leòr eile, cha b' urrainn do Charrie na bha i a' faicinn air a beulaibh a chreidsinn.

  21. An tadhal a dhearbh àite na h-Alba aig Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 22:26 GMT 18 An t-Samhain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Agus seo an tadhal iongantach aig Kenny MacIlleathain a chuir crìoch air cùisean aig Hampden.

  22. Alba a' dol gu Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 22:16 GMT 18 An t-Samhain 2025

    Tadhal Kenny MhicIlleathainTùs an deilbh, SNS

    Tha fireannaich na h-Alba a' tilleadh gu Cupa na Cruinne às dèidh oidhche iongantaich aig Hampden.

    Rinn na h-Albannaich a' chùis air an Danmhairg 4-2 gus a' bhuidheann a bhuannachadh is àite a ghlèidheadh aig an fharpais as motha san spòrs 'son a' chiad turas bho 1998.

    Ged a chaidh Alba air thoiseach tràth le tadhal sònraichte bho Scott McTominay, 's e glè bheag den bhall a bh' aca às dèidh sin is na Danaich gam putadh air ais is air ais.

    Thàinig tadhal airson na Danmhairg mu dheireadh thall às dèidh 57 mionaidean, Højlund bhon spot is breab-peanais connspaideach air a thoirt seachad.

    Bha dòchas às ùr cha mhòr sa bhad is càirt dhearg chonnspaideach 'son Kristensen.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Na tadhail a tha a' cur sgioba na h-Alba gu Cupa na Cruinne

    Ged a chaidh Alba air ais air thoiseach tro Shankland, fhreagair an Danmhairg gu sgiobalta is a h-uile coltas ann gur e briseadh-cridhe eile a bhiodh ann.

    Ach trì mionaidean a-steach gu ùine a chaidh a chur ris a' gheama lùib Kieran Tierney am ball a-steach bho astar gus Alba a chur air thoiseach 3-2.

    Cha robh e seachad aige sin.

    Le diogan air fhàgail chuir Kenny MacIlleathain am ball dhan lìon bhon leth aige fhèin.

    "We were pretty rubbish" dh'aidich John McGinn às dèidh làimh - is cha robh e fada ceàrr - ach coma leinn is Alba air ais air an àrd-urlar as motha a th' ann.