Robinson air a dhòigh le dreuchd sgiobair is ag amas air barrachd dhuaiseanair fhoillseachadh aig 16:33 GMT 29 An Dùbhlachd 2025

Tha Iain Robinson ag ràdh gur e "urram mòr" a th' ann dha a bhith air ainmeachadh mar sgiobair ùr Bhaile Ùr an t-Slèibh is gur e rud a bha e ag iarraidh bhon a bha e na bhalach òg.
Dhearbh an cluba aig a' choinneimh bhliadhnail aca nas tràithe air a' mhìos seo gum biodh an sgioba choidsidh aca a' fuireach mar a bha le Peadar Ros mar mhanaidsear, ach gum biodh Robinson a' dol an àite Craig Ritchie mar sgiobair.
Bidh am Baile Ùr ag atharrachadh an sgiobair aca a h-uile bliadhna.
A' bruidhinn ris an Strathspey is Badenoch Herald, taobh a-muigh, thuirt Ros nach eil duine eile cho freagarrach ri Robinson is gu bheil e fìor mhath air cluicheadairean òga a bhrosnachadh, a thuilleadh air a bhith na shàr-chluicheadair e fhèin.
"Tha e cho cudromach a bhith a' sealltainn ceannas air a' phàirc is tha mi air a bhith a' feuchainn ri sin a dhèanamh 'son ùine a-nise", thuirt Robinson fhèin.
"Tha tòrr cheannardan san sgioba againn is tha sin na chuideachadh mòr.
"Bha 2025 math dhuinn ach tha mi a' smaointinn gur e an dùbhlan a th' ann a-nise a dhol ceum eile is a bhith ag amas air a h-uile duais nuair a thig deireadh seusain 2026".
Bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh Cupa na Camanachd am-bliadhna is bha iad san dàrna àite sa Phrìomh Lìog.














