Spòrs

Latest updates

  1. Deireadh na slighe dhan t-seann shaighdear?air fhoillseachadh aig 09:30 GMT 2 An Gearran

    Carlos Alcaraz is Novak Djokovic às dèidh cuairt dheireannach Open AstràiliaTùs an deilbh, EPA/Shutterstock

    "Am fleasgach òg is an seann saighdear" - 's e sin a ghabh an t-eòlaiche teanais Tormod MacLeòid air cuairt dheireannach Farpais Fhosgailte Astràilia eadar Carlos Alcaraz is Novak Djokovic.

    Air a' cheann thall 's e am fleasgach òg Alcaraz a rinn an gnothach, a' tighinn am bàrr 2-6 6-2 6-3 7-5.

    Aig 22 's e a-nise an duine as òige a tha air na ceithir farpaisean Grand Slam a bhuannachadh.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne, rinn Tormod moladh mòr air Alcaraz is e air a' chlach-mhìle a ruighinn aig aois cho òg.

    'S e briseadh-dùil a bh' ann dha Djokovic is an oidhirp aigesan eachdraidh a dhèanamh leis an 25mh tiotal Grand Slam aige a bhuannachadh, rud a chuireadh e seachad air Margaret Court.

    An dèan e an gnothach air is e a-nise 38 bliadhna a dh'aois?

    "Tha mi an-còmhnaidh a' creidsinn gu bheil teans agam aig na farpaisean Grand Slam," thuirt e às dèidh làimh.

    Chan eil Tormod cho cinnteach.

    "Tha mi a' smaoineachadh gur e siud 's dòcha a' chuairt dheireannach Grand Slam mu dheireadh a bh' aig Djokovic," thuirt esan.

    Ann am farpais nam ban 's i Elena Rybakina a bha a' dèanamh gàirdeachais às dèidh dhi an gnothach a dhèanamh air Aryna Sabalenka 6-4 4-6 6-4.

    'S e seo an dàrna Grand Slam aice is e a' tighinn ceithir bliadhna bhon bhuannaich i aig Wimbledon.

    Thuirt Rybakina gun robh i an-còmhnaidh a' creidsinn gum b' urrainn dhi tilleadh chun na h-ìre as àirde.

  2. County air Ronan Hale a reic ri Gillinghamair fhoillseachadh aig 11:53 GMT 29 Am Faoilleach

    Ronan HaleTùs an deilbh, SNS

    Dhearbh Ross County gu bheil iad air Ronan Hale a reic ri Gillingham.

    Tha an cluicheadair-aghaidh à Èirinn a Tuath air soirbheachadh gu math bho thàinig e gu County bho Chliftonville as t-samhradh 2024.

    Bhon uairsin chuir e 30 tadhal ann an 68 geama, a dh'aindeoin nach robh County san fharsaingeachd a' dol ro mhath.

    Chluich Hale do dh'Èirinn a Tuath 'son a' chiad uair an-uiridh is bha fathannan air a bhith a' dol anns na seachdainean mu dheireadh gum biodh e a' fàgail Inbhir Pheofharain.

    Dhearbh County Diardaoin gun robh e air gluasad gu Gillingham airson suim nach deach fhoillseachadh.

    Chuir Hale ainm ri cùmhnant dà bhliadhna gu leth leis na Gills, is roghainn aig a' chluba bliadhna eile a chur ris.

    "Seo far a bheil mi airson mo bhall-coise a chluich is tha mi air dhòigh a bhith ann," thuirt Hale.

    Tha Ross County air èirigh far bhonn an Championship bho chionn ghoirid is iad air seachd puingean a thogail bho na trì geamaichean mu dheireadh aca.

  3. Sgeulachd Mhàrtainn Mhic a' Phì fon phrosbaig ann an Spòrscastair fhoillseachadh aig 11:36 GMT 29 Am Faoilleach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Anns an Spòrscast as ùire tha Dòmhnall Pollock le sùil a-steach air rannsachadh sgeulachd Mhàrtainn Mhic a' Phì agus mar a thog e, a-rithist, an t-aite a bh' aig cluicheadairean Albannach ann am ball-coise Shasainn.

    Cluinnear an còmhradh gu lèir eadar Dòmhnall is Shona NicEanraig air Spòrscast an seo.

  4. ICT troimhe ann an Cupa Dùbhlain na h-Albaair fhoillseachadh aig 09:00 GMT 28 Am Faoilleach

    Tha Caley Thistle san iar-chuairt-dheireannaich de Chupa Dùbhlain na h-Alba às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Stenhousemuir oidhche Mhàirt.

    Cha robh ach aon tadhal sa gheama ann an Inbhir Nis is thàinig e bho Alfie Bavidge le 17 mionaidean air fhàgail.

    Chaidh Raith Rovers troimhe cuideachd oidhche Mhàirt air breaban-peanais an aghaidh Queen's Park is an geama air crìochnachadh 1-1.

    Feumaidh ICT feitheamh 'son faighinn a-mach cò na sgiobaidhean eile a bhios sa cheithir mu dheireadh ge-tà, oir chaidh na geamaichean eadar Obar Bhrothaig is Airdrieonians is eadar St Johnstone is Ayr United a chur dheth ri linn na h-aimsire.

  5. Taghadh Chupa a' Bhaile Mhòirair fhoillseachadh aig 18:39 GMT 26 Am Faoilleach

    Sgioba iomain Loch Abair a bhuannaich Cupa a' Bhaile Mhòir ann an 2025.Tùs an deilbh, Comann na Camanachd

    Chaidh an taghadh a dhèanamh airson Cupa a' Bhaile Mhòir - farpais iomain airson na ciad sgiobannan iomain anns na roinnean fon Phrìomh Lìog.

    Seo mar a chluicheas iad sa chiad chuairt:

    • Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - A' Mhanachainn

    • Lòbhat - Obar Dhobhair

    • Inbhir Aora - Srath Ghlais

    Troimhe dìreach chun na dàrna cuairt:

    • Eilean Bhòid

    • Gleann Urchadain

    • Cill Mhàilidh

    • Ceiltich an Òbain

    • Inbhir Nis

    Thèid geamanan sa chiad chuairt a chluiche Disathairne 16mh den Chèitean.

  6. Roddy Dòmhnallach a' sguir a chluichair fhoillseachadh aig 11:29 GMT 26 Am Faoilleach

    Roddy Dòmhnallach a' cur tadhal do Chaol Bhòid seachad air Graeme Mac a' Phearsain aig Inbhir AoraTùs an deilbh, SNS

    'S e deireadh linn a th' ann ann an Taigh na Bruaich is Roddy Dòmhnallach air dearbhadh gu h-oifigeil nach bi e a' cluich iomain aig ìre na ciad sgioba tuilleadh.

    Tha an Dòmhnallach, 37, air a bhith am measg shàr-chluicheadairean na spòrs san 20 bliadhna mu dheireadh aig àm nuair a bha Caol Bhòid tric a' farpais airson nan duaisean mòra.

    'S e an là as iomraichte aige gun teagamh cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an 2012 nuair a chuir e fhèin ceithir tadhail is Caol Bhòid a' soirbheachadh 6-5 an aghaidh Inbhir Aora.

    Fhuair an Dòmhnallach bonn Albert Mhic a' Ghobhainn an là ud.

    Gus cùisean a dhèanamh fiù 's nas sònraichte dha 's e athair fhein - Kenny - a bha eadar na puist do Chaol Bhòid.

    Bhuannaich an cluba Cupa MhicAmhlaigh trì tursan anns na bliadhnaichean aige is iad cuideachd soirbheachail dha-rìribh ann an Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu.

    A thuilleadh air sin bha an Dòmhnallach tric ann an sgioba na h-Alba.

    Bha fathannan air a bhith a' dol gun robh e gus sguir a chluich is dhearbh e sin gu h-oifigeil ann an agallamh leis a' Phress and Journal, taobh a-muigh.

    "Chluich mi a' mhòr-chuid den t-seusan mu dheireadh is mi air mo ghoirteachadh mun chruachainn is bha e doirbh dhomh coiseachd 'son là no dhà às dèidh gach geama," thuirt Roddy.

    "Cha b'urrainn dhomh trèanadh ceart is chan eil e air fàs dad nas fheàrr. Tha e cuideachd air fàs trom a bhith a' siubhal à Glaschu gach seachdain.

    "Ma gheibh mi fut is ma tha an sgioba gann cuidichidh mi ach tha mi an dòchas gum gum bi iad glan às m' aonais.

    "Tha mi an dòchas cuideachadh leis an dàrna sgioba ach bidh sin a rèir mar a tha mo chruachann."

    Aig an dearbh àm, dh'innis manaidsear Chaol Bhòid Grant Profit nach bi Seumas Pringle aca am-bliadhna is an Sgitheanach a' dol a dh'Astràilia, is gum bi Liam Arnott a-mach fad an t-seusain is e air a ghoirteachadh.

    Thuirt Profit ge-tà, gu bheil e ag amas air an sgioba a neartachadh is gu bheil e misneachail mun t-seusan ùr.

  7. An obraich crathadh air sgioba rugbaidh nam ban aig Alba?air fhoillseachadh aig 09:01 GMT 26 Am Faoilleach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha siud am measg nan ceistean a bh' aig Iain Moireasdan is an sgioba air Spòrs na Seachdain às dèidh do choidse ùr sgioba nam ban, Sione Fukofuka, sguad de 50 cluicheadair ainmeachadh airson campa trèanaidh air thoiseach air farpais Sia Dùthchannan nam ban.

    Tha Iona NicIlleBhàin an dòchas gun tig buannachd às a' chrathadh a tha Fukofuka a' toirt air an sguad air a' cheann thall.

    Gheibhear am prògram air fad an seo.

  8. Taghaidhean eile san iomainair fhoillseachadh aig 11:50 GMT 23 Am Faoilleach

    Ceiltich an Òbain le Cupa a' Chinn-chinnidh ann an 2025Tùs an deilbh, Comann na Camanachd
    Fo-thiotal an deilbh,

    Ceiltich an Òbain le Cupa a' Chinn-chinnidh ann an 2025

    Le seusan na h-iomain a-nise air fàire tha Comann na Camanachd air fiosrachadh a dhearbhadh a sgaoileadh mu chuid de na cupanan eile.

    Am measg nan geamaichean a thàinig às an ad ann an Cupa a' Chinn-chinnidh bidh Camanachd Leòdhais air falbh an aghaidh Tatha is For is an sgioba a bhuannaicheas gu bhith an aghaidh Loch Carran no Comann Camanachd Shasainn.

    Tha an taghadh air fad ann an Cupa a' Chinn-chinnidh mar a leanas:

    Thèid a' chiad chuairt a chluich air a' 25mh den Ghiblean.

    • Oilthigh Obar Dheathain - Uddingston

    • Baile a' Chaolais - Cille Mhoire

    Thèid an dàrna cuairt a chluich air an 30mh den Chèitean.

    • Loch Carran - Comann Camanachd Shasainn

    • Tatha is For - Camanachd Leòdhais

    • Gleanna Garradh - Àird nam Murchan

    • Oilthigh Obar Dheathain/Uddingston - Baile a' Chaolais/Cille Mhoire

    Thèid an iar-chuairt dheireannach a chluich air an 13mh den Ògmhios.

    • Gleanna Garradh/Àird nam Murchan - Oilthigh Obar Dheathain/Uddingston/ Baile a' Chaolais/Cille Mhoire

    • Loch Carran/Comann Camanachd Shasainn - Tatha is For/Camanachd Leòdhais

    Rinneadh cuideachd an taghadh ann an Cupa Bhullough aig deas

    Bidh a' chiad chuairt ann air an 18mh den Ghiblean

    • Srath Chura-Dùn Omhain - Comann Camanachd Shasainn

    • Tatha is For - Obar Dobhair

    • Cille Mhoire - Sruighlea

    • Uddingston - Lochside Rovers

    Thèid an dàrna cuairt a chluich air an 30mh den Chèitean.

    • Cille Mhoire/Sruighlea - Srath Chura-Dùn Omhain/Comann Camanachd Shasainn

    • Inbhir Aora - Uddingsto/Lochside Rovers

    • Caol Bhòid - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

    • Tatha is For/ Obar Dobhair - Eilean Bhòid

    Thèid an iar-chuairt dheireannach a chluich air an 11mh den Iuchar

    • Tatha is For/Obar Dobhair/Eilean Bhòid - Cille Mhoire/Sruighlea/Srath Chura-Dùn Omhain/Comann Camanachd Shasainn

    • Inbhir Aora/ Uddingston/Lochside Rovers - Caol Bhòid/Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

  9. Cupa Shrath Èireann 2026air fhoillseachadh aig 14:34 GMT 22 Am Faoilleach

    An Gearasdan le Cupa Shrath Èireann ann an 2025Tùs an deilbh, Comann na Camanachd
    Fo-thiotal an deilbh,

    An Gearasdan le Cupa Shrath Èireann ann an 2025

    Chaidh an taghadh a dhèanamh airson Cupa Shrath Èireann - farpais nan dàrna sgiobannan iomain aig tuath.

    Thèid a' chiad chuairt a chluich air an 18mh là den Ghiblean.

    • Lòbhat - Camanachd an Eilein Sgitheanaich

    • Ceann Loch Seile - Cill Mhàillidh

    • Loch Abar - An Gearasdan

    • Cabar Fèidh - Inbhir Nis

    • Ceann a' Ghiùthsaich - Gleann Urchadain

    • A' Mhanachainn - Baile Ùr an t-Slèibh

    Dìreach chun na h-ath-chuairt:

    Loch Carrann

    Camanachd Leòdhais

    Thèid an dàrna cuairt a chluich air an 30mh là den Chèitean.

    • A' Mhanachainn/Baile Ùr an t-Slèibh - Ceann Loch Seile/Cill Mhàillidh

    • Cabar Fèidh/Inbhir Nis - Lòbhat/Camanachd an Eilein Sgitheanaich

    • Ceann a' Ghiùthsaich/Gleann Urchadain - Loch Carrann

    • Camanachd Leòdhais - Loch Abar/An Gearasdan

  10. ICT air ais air a' mhullachair fhoillseachadh aig 08:45 GMT 21 Am Faoilleach

    Pàirc ICTTùs an deilbh, SNS

    Thill Caley Thistle gu mullach Lìog 1 oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 2-0 air East Fife.

    Thàinig na tadhail san 20 mionaid mu dheireadh bho Alfie Stiùbhart is Alfie Bavidge, a tha le chèile air iasad aig ICT à Obar Dheathain.

    Bha còrr air mìos bho bhuannaich Inbhir Nis geama san lìog ach tha na trì puingean seo air an cur air ais aig bàrr na lìge, co-ionnan ri Stenhousemuir ach air thoiseach air tadhail is ICT cuideachd air geama nas lugha a chluich.

    Bidh an ath gheama aca an aghaidh Alloa ann an Inbhir Nis Disathairne.

    Bha deagh oidhche aig Alloa fhèin oidhche Mhàirt is iadsan air soirbheachadh 4-1 an aghaidh Mhon Rois.

  11. Caibideal ùr do Chamanachd Leòdhaisair fhoillseachadh aig 09:44 GMT 20 Am Faoilleach

    Connor Chalmers is Donnie MacRathTùs an deilbh, Camanachd Leòdhais

    Dhearbh Camanachd Leòdhais gu h-oifigeil gur iad Connor Chalmers is Donnie MacRath a bhios os cionn na sgioba air an t-seusan seo.

    Bha beàrn ann is Donnchadh Mac an t-Saoir is Anndra MacAsgaill air innse san t-Sàmhain gum biodh iad a' seasamh sìos.

    Bha Mac an t-Saoir air a bhith dà thuras na mhanaidsear air a' chluba is e air na Leòdhasaich a stiùireadh dhan àite as àirde aca san lìog a-riamh.

    Ann an brath air na meadhanan sòisealta dh'innis Camanachd Leòdhais gu bheil Chalmers is MacRath air aontachadh an stiùir a ghabhail mar cho-mhanaidsearan.

    Chluich Chalmers 'son a' chluba 'son a' chiad turas sa chiad sheusan aca san lìog ann an 2011 is tha e air cliù a chosnadh às ùr bho chaidh e eadar na puist ann an 2024.

    Tha ceanglaichean làidir Hearach aig Donnie MacRath is tha e air na tadhail a fhrasadh a-steach bho chluich e dha na Leòdhasaich an toiseach ann an 2022.

    Gu seo, chuir MacRath 61 tadhal ann an 61 geama dha Camanachd Leòdhais.

    Tòisichidh an seusan ùr sa Mhàrt.

  12. Kellacher ag iarraidh barrachd bho chluicheadairean ICTair fhoillseachadh aig 11:47 GMT 19 Am Faoilleach

    Scott KellacherTùs an deilbh, ICT

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis gu bheil e a' sùileachadh barrachd bhon sgioba aige an aghaidh East Fife san lìog oidhche Mhàirt às dèidh dhaibh a dhol a-mach à Cupa na h-Alba air an deireadh-sheachdain.

    Chaill ICT ri Spartans bho Lìog 2 air breaban-peanais is an geama air crìochnachadh 0-0.

    Thuirt Scott Kellacher gur e cothrom caillte a bha seo an sia deug mu dheireadh den chupa a ruighinn, is e a' tighinn cuideachd às dèidh sreath gheamannan nuair nach eil an sgioba air a bhith a' dèanamh cho math 's a bha.

    "Briseadh-dùil mòr oir bha cothroman gu leòr againn an geama a bhuannachadh", thuirt Kellacher.

    "Tha fòcas againn a-nise air East Fife san lìog oidhche Mhàirt. Feumaidh barrachd spionnaidh a bhith annain, barrachd spàirn".

    Tha ICT an-dràsta san dàrna àite ann an Lìog 1, trì puingean air cùl Stenhousemuir, ach iad air dà gheama nas lugha a chluich.

    Bha briseadh-dùil cuideachd aig a' chluba eile às a' Ghàidhealtachd a bha fhathast ann an Cupa na h-Alba is Ross County a' call 1-0 ri Tobar na Màthar.

    Thuirt am manaidsear aca Stuart Kettlewell gun robh e ìre mhath toilichte le mar a chluich an sgioba aige ach gu bheil obair gu leòr ri dhèanamh fhathast.

    Chan eil dad eile san amharc aige, thuirt e, ach an cluba a chumail san Championship.

    Tha geama cudromach aig na Staggies san lìog Disathairne seo tighinn is iad a' siubhal gus Airdrieonians a chluich.

    Tha na Daoimeanan an-dràsta ceithir puingean os cionn Chounty sa bhlàr aig bonn na lìge.

  13. Major dha Mac an t-Saoir am-bliadhna?air fhoillseachadh aig 09:05 GMT 19 Am Faoilleach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Saoil an e seo a' bhliadhna nuair a gheibh Bob Mac an t-Saoir às an Òban a làmhan air farpais Major?

    Bha sin am measg nan cuspairean a bha fon phrosbaig aig Iain Moireasdan is an sgioba sa phrògram as ùire aca, is iad cuideachd a' bruidhinn ri Kerry Nic a' Phì is i a' coimhead air ais air farpais an Strathpuffer a bhuannaich i an t-seachdain seo chaidh.

    Sin agus gu leòr eile!

    Gheibhear am prògram slàn an seo:

  14. County air càineadh a dhèanamh air buidheann de luchd-taic ògaair fhoillseachadh aig 12:33 GMT 15 Am Faoilleach

    Ceò ag èirigh aig Pàirc Bhictoria às dèidh do chleasan-teine a bhith air an tilgeil

    Dh'fhàg Ross County air buidheann bheag de luchd-taic gu bheil iad ri buaireadh taobh a-staigh is taobh a-muigh Pàirc Bhictoria.

    Chaidh cleas-teine a thilgeil air a' phàirc Dihaoine às dèidh do Chounty tadhal a chur an aghaidh Partick Thistle ann an geama a bhuannaich iad 2-0.

    Thuirt an cluba gun deach òganach a chumail an grèim is a chur ann an làmhan nam poileas.

    Tha e an aghaidh an lagha cleasan-teine a thoirt a-steach a phàircean ball-coise is thuirt Ross County gun robh e fortanach nach deach duine a ghoirteachadh.

    "Tha buidheann bheag de luchd-taic òga air tighinn am bàrr bho chionn ghoirid is iad airson trioblaidean adhbharachadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na pàirce," thuirt an cluba.

    "Cha ghabh sinn ri seo idir.

    "Chan eil fàilte idir air feadhainn a tha 'son a bhith ri mì-mhodh."

    Tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh co-chomhairle air am bu chòir cumhachdan a leudachadh gus luchd-leantainn a chasg bho gheamaichean 'son cleasan-teine a chleachdadh air neo 'son a bhith a' dèanamh càinidh air-loidhne.

  15. Spòrscast: "Bha e cumhachdach a bhith san uisge còmhla ri caraidean"air fhoillseachadh aig 11:52 GMT 15 Am Faoilleach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ann an Spòrscast tha Eileen NicDhòmhnaill a' còmhradh ri Marsaili NicLeòid mu na cur-seachadan spòrs aice agus cho cudromach 's a bha iad aig àm doirbh na beatha nuair a bha i a' fulang le aillse.

    Gheibhear an còmhradh eadar Eileen is Marsaili an seo.

  16. Obair a' tòiseachadh air goireas ùr ball-coise an Càrlabhaghair fhoillseachadh aig 12:15 GMT 13 Am Faoilleach

    Andrew Macleòid (CalMax), Gòrdan Jamieson (NHS nan Eilean Siar), is Calum Macleòid, Iain “Dougie” MacIlleathain, Derek Macleòid, is Allan Cox (uile Càrlabhagh FC) is iad aig làrach an leasachaidh.Tùs an deilbh, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

    Tha obair air tòiseachadh gus pàirc bheag ùr ball-coise a thogail ann an Càrlabhagh.

    Bidh a' phàirc ri taobh prìomh phàirce sgioba Chàrlabhaigh aig Cnoc a' Choillich.

    Thèid an leasachadh air adhart is taic £22,000 air tighinn bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar.

    Tha Càrlabhagh ag ràdh gur e àite a th' ann far an urrainn don òigridh ball-coise a chluich is far an urrainn dha sgiobaidhean inbheach blàthachadh suas.

    Tha iad an dòchas gum brosnaich e cuideachd daoine aig gach aois a bhith ri eacarsaich.

    "Tha sinn air ar dòigh an taic seo fhaighinn," thuirt cathraiche Sgioba Chàrlabhaigh, Calum 'Cobby' MacLeòid.

    "Bidh e glè mhath dha na sgiobaidhean againn aig gach aois - nam measg an sgioba ùr againn do dhaoine thairis air 40 - agus 's e àite sàbhailte a bhios ann dhan fheadhainn òga a tha a' tighinn dha na geamaichean againn 'son ball-coise a chluich."

    Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad air an dòigh taic a chur ri àite ùr treànaidh, is gu bheil goireasan mar seo cudromach do shlàinte an t-sluaigh anns na h-eileanan.

  17. Srath Chura-Dùn Omhain is Caol-Gleann a' dol còmhlaair fhoillseachadh aig 09:04 GMT 13 Am Faoilleach

    Geama roimhe eadar Caol-Gleann is Srath ChuraTùs an deilbh, Srath Chura-Dùn Omhain/Caol-Gleann

    Tha crathadh a' tighinn air iomain ann an Comhghall ann an Earra-Ghàidheal agus Srath Chura-Dùn Omhain gu bhith a' cluich mar an dàrna sgioba aig Caol-Gleann.

    Chaidh Srath Chura còmhla ri Dùn Omhain ann an 2022 is duilgheadasan air a bhith aig an dà chluba anns na bliadhnaichean ron sin sgioba a chur air a' phàirc gu cunbhalach.

    Ged a tha iad air a bhith a' farpais bhon uairsin, rinn an cluba tagradh ùr an-uiridh 'son taice is iad ag ràdh gun robh tàire aca cluicheadairean gu leòr fhaighinn.

    Tha Caol-Gleann faisg air làimh air adhartas iongnatach a dhèanamh anns na seusanan mu dheireadh is iad am-bliadhna gus cluich sa Phrìomh Lìog 'son a' chiad turas nan eachdraidh.

    'S iad ge-tà, an aon sgioba aig an ìre sin aig nach robh dàrna sgioba.

    Fon aonta ùr cluichidh Srath Chura-Dùn Omhain fon ainm sin fhèin agus air an dà phàirc anns gach baile mar a bha, ach 's e an dàrna sgioba aig Caol-Gleann a bhios annta.

    Tha dùil gum faigh iad buannachd bho chluicheadairean òga à Caol-Gleann is feadhainn a tha air iomall na sgioba, is bho thaobh Caol-Gleann fhèin gur e dòigh a th' ann geamaichean fhaighinn gu cunbhalach 'son nan cluicheadairean sin.

    Thuirt Srath Chura-Dùn Omhain gun tàinig an co-dhùnadh às dèidh chòmhraidhean eadar cluicheadairean bho gach cluba agus le Comann na Camanachd.

    "Bheir seo cothrom dha na clubaichean adhartas a dhèanamh air is far na pàirce, agus nas cudromaiche buileach bidh slighe ann do chluicheadairean òga ann an Comhghall gus ìre cho àrd 's a ghabhas a ruighinn," thuirt Srath Chura-Dùn Omhain.

    "Dhuinn fhìn cuideachd bheir e dhuinn àireamhan cinnteach 'son an t-seusain ri tighinn, rud a tha cho cudromach às dèidh nan duilgheadasan a bh' againn am-bliadhna".

    Thuirt Caol-Gleann cuideachd gun neartaich an gluasad suidheachadh gach cluba, is thog iad cuideachd air slighe do chluicheadairean òga san sgìre.

    Tòisichidh an seusan ùr sa Mhàrt.

  18. Kerry air an Strathpuffer a bhuannachadh a-rithistair fhoillseachadh aig 09:08 GMT 12 Am Faoilleach

    Kerry Nic a' PhìTùs an deilbh, Maree NicNeacail

    Bha deireadh-seachdain air leth aig an rothaiche Kerry Nic a' Phì is i a' cumail grèim air tiotal an Strathpuffer.

    Bha Kerry, à Uibhist a Deas, air an fharpais a bhuannachadh 'son a' chiad turas ann an 2025.

    Tha an crùn aice a-rithist is i air tighinn am bàrr san t-sneachda agus sa pholl san dùbhlan 24 uairean a thìde.

    Rinn i an t-slighe 12.5k 17 tursan uile gu lèir ann am àm 22:50:55.

    San dàrna àite bha Kirsty Watson, a rinn an cùrsa 16 tursan ann an 23:42:13.

    Ann am farpais nam fear 's e Kyle Beattie a rinn an gnothach le 21 turas ann an 24:28:02.

  19. Cò tha a' dol a bhuannachadh Prìomh Lìog na h-Alba?air fhoillseachadh aig 08:54 GMT 8 Am Faoilleach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ann an Spòrscast tha Alasdair MacIllinnein is Pòl Diùc a' beachdachadh air na tha a' tachairt ann am Prìomh Lìog nam fear ann an Alba air an t-seusan seo agus tha beagan fàidheadaireachd a' dol air adhart cuideachd - an dùil am bi Pòl ceart?

    Gheibh sibh an còmhradh air fad air Spòrscast an seo.

  20. Partaig an aghaidh ICT dhethair fhoillseachadh aig 12:07 GMT 6 Am Faoilleach

    Firhill san t-sneachdTùs an deilbh, SNS

    Chaidh an geama eadar Partaig is Caley Thistle Inbhir Nis ann an Cupa Dùbhlain na h-Alba oidhche Mhàirt a chur dheth.

    Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air a' phàirc aig Firhill madainn Dimàirt.

    Thuirt Partaig gun tèid ceann-là ùr 'son a' gheama fhoillseachadh a dh'aithghearr.

  21. Suidheachadh Celtic "cho annasach 's a ghabhas"air fhoillseachadh aig 09:42 GMT 6 Am Faoilleach

    Màrtainn O'NeillTùs an deilbh, SNS

    Tha an treas linn aig Màrtainn O'Neill aig Celtic air tòiseachadh is an t-Èireannach air tilleadh gu Parkhead gu deireadh an t-seusain.

    Ghluais Celtic gu luath gus O'Neill a thoirt air ais mar mhanaidsear eadar-amail oidhche Luain às dèidh dhaibh Wilfried Nancy a chur às a dhreuchd.

    Cha robh Nancy anns an obair ach 33 làithean.

    Dh'fhàg cuideachd Pòl Tisdale a dhreuchd mar stiùiriche a' bhuill-choise.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Ruairidh MacCarmaig, a tha a' cur taic ri Celtic, gun robh an dòigh anns an do làimhsich an cluba an gnothach air fad "cho annasach 's a ghabhas".

    "Tha aineolas a' dol air cùl ghnothaichean an-dràsta aig Celtic," thuirt Ruairidh.

    "Chan eil fios aca dè dha-rìribh a tha iad ag iarraidh no càite bheil iad mar sgioba.

    "An rud a tha cudromach an seo cuideachd gu bheil Pòl Tisdale a' falbh. Tha ceistean mòra agam carson a thàinig esan a-steach sa chiad dol a-mach agus na co-dhùnaidhean a rinn e."

    Tha Ruairidh cuideachd den bheachd gur e ceum ciallach a th' ann O'Neill a thoirt air ais feuch gnothaichean a shocrachadh.

    Bidh a' chiad gheama aig O'Neill air ais aig an stiùir aig Parkhead an aghaidh Dundee United Disathairne.

  22. Obar Dheathain a' sireadh mhanaidseir ùirair fhoillseachadh aig 14:56 GMT 5 Am Faoilleach

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Obar Dheathain a' lorg mhanaidseir ùir agus linn Jimmy Thelin aig an stiùir seachad.

    Co-dhùnadh air an robh feum am beachd Iain MhicDhiarmaid, a tha a' cur taic ri na Dons.

  23. Kettlewell air ais gu County airson an cumail suasair fhoillseachadh aig 11:36 GMT 31 An Dùbhlachd 2025

    Stuart Kettlewell nuair a bha e os cionn County roimhe.Tùs an deilbh, SNS

    Tha Stuart Kettlewell air tilleadh gu Ross County mar mhanaidsear - ach air cùmhnant goirid rè ùine a-mhàin agus le uallach an sgioba a chumail san Championship.

    Chaidh Mgr Kettlewell, 41, a chur às a dhreuchd mar mhanaidsear Chill Mheàrnaig bho chionn cola-deug.

    Bha e os cionn sgioba Chounty airson dà bhliadhna gu 2020.

    Tha e a' gabhail àite Tony Docherty, a chuireadh às a dhreuchd an dèidh ceithir mìosan aig an stiùir aig County is iad aig bonn na lìge.

    Thuirt Kettlewell, a bha 12 bliadhna mar chluicheadair agus coidse leotha: "Tha sinn ann an staing agus nuair a chaidh fhaighneachd dhomh cha b' e ruith ach leum."

    "Nì mi gach oidhirp thairis air na beagan mhìosan ri teachd leis an luchd-obrach agus na cluicheadairean an t-àite againn a ghlèidheadh san Championship."

    Còmhla ri Kettlewell ann an Inbhir Pheofharain bidh Stephen Frail a bha na neach-taice aige le Tobar na Màthar agus Cill Mheàrnaig.

    Leig Ketlewell dheth a dhreuchd mar mhanaidear Thobar na Màthar san Fhaoilleach 2025 air sgàth an droch-dhìol a dh'fhuiling e fhèin agus a theaghlach bho chuid den luchd-leantainn.

    Chuir Cill Mheàrnaig às a dhreuchd e an dèidh dìreach seachd mìosan aig an stiùir.

    Thuirt àrd-oifigear Chounty Steven Ferguson: "Bha fios againn gum feumadh sinn cuideigin a ghabhadh ri cùmhnant rè ùine le amas gu math soilleir, a dh'fhaodadh tòiseachadh sa bhad agus aig a bheil eòlas air a' chluba, an cultar agus an lìg.

    "Tha sinn a' sabaid airson an inbhe againn san Championship a ghlèidheadh," thuirt e.

    Bidh am manaidsear eadar-amail, Iain Robasdan, a' fuireach mar bhall den sgioba coidsidh.