Theab is nach do theab do Chaol-Gleannair fhoillseachadh aig 09:45 TSB 1 An t-Ògmhios
Aithris air na geamaichean eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Caol-Gleann is Loch Abar is Gleann Urchadain
Bidh a' mhòr-chuid de na prìomh sgiobaidhean ann an iomain nam fear san taghadh Diluain 'son cairteal cuairtean deireannach Chupa na Camanachd - ged nach robh cùisean furasta do chuid aca.
Às dèidh dhaibh geama teann a thoirt do Cheann a' Ghiùthsaich ann an Còmhghall bho chionn beagan sheachdainnean, 's ann a chuir Caol-Gleann an t-eagal air Kings ann am Bàideanach fhèin.
Chuir Neily MacNeachdain Caol-Gleann air thoiseach tràth agus 's e 1-0 a bh' ann fhathast aig lethach slighe - is cuid a' faighneachd an robh sgòr cho iongantach 's a bha ann an iomain ann an ginealachean gu bhith ann.
Fhuair Dylan Borthwick tadhal air ais tràth san dàrna leth ach 's ann dìreach sa mhionaid mu dheireadh a thàinig an tadhal a chuir Ceann a' Ghiùthsaich troimhe - sin a' tighinn bho Savio Genini gus cridheachan sgioba Chòmhghaill a bhriseadh.
Ann an Drochaid an Aonachain bha Loch Abar 3-0 suas air Gleann Urchadain is le coltas gun robh iad a' dol troimhe mus do thill sgioba a' Ghlinne orra is an geama a' crìochnachadh 3-3.
'S iad an sgioba bhon Lìog Nàiseanta a rinn an gnothach air buillean-peanais is gàirdeachas ga dhèanamh ann an Druim na Drochaid.
Thug Lòbhat geama doirbh dhan Ghearasdan ach air a' cheann thall chaidh na h-Abraich air adhart 3-2.
Bha e faisg ann an Inbhir Aora cuideachd is tadhal bho Ros Gòrdan le cairteal na h-uaireach air fhàgail a' cur nan Sgitheanach troimhe 1-0 an aghaidh sgioba a' Bhaile Rìoghail.
Ann an geamaichean eile eadar a' Phrìomh Lìog is an Lìog Nàiseanta 's e 4-2 a bh' ann do Cheann Loch Seile an aghaidh GMA is 3-1 dha Camanachd an Obàin an aghaidh na Manachainn.
Agus bha cùisean nas fhasa sa gheama eile eadar Bàideanach is Còmhghall is Baile Ùr an t-Slèibh a' buannachadh 5-0 an aghaidh Chaoil Bhòid ann an Taigh na Bruaich.
Ann an Siabost chaidh na Leòdhasaich a-mach à Cupa Shrath Èireann nuair a chaill iad 5-0 ri dàrna sgioba a' Ghearasdain.
Iomain nam ban
Tha cùisean inntinneach dha-rìribh aig mullach na Prìomh Lìge ann an iomain nam ban is coltas ann gu bheil fìor rèis gu bhith ann.
Bha Loch Abar air sreath gheamaichean a chall anns na seachdainnean mu dheireadh is a h-uile coltas ann gun robh iad mar-thà air cothrom a chall air greim a chumail air an tiotal - ach thàinig aiseirigh orra Didòmhnaich.
Rinn na h-Abraich an gnothach 3-0 air Bàideanach is na tadhail a' tighinn bho Leah Maxtone (2) is Missy Howie.
A' chiad turas a tha Bàideanach air call san lìog am-bliadhna is dòchas dha na sgiobaidhean eile.
'S iad na Sgitheanaich is Ceann Loch Seile as fhaisge orra - chrìochnaich geama air leth eatorra ann am Port Rìgh 3-3.
Chuir Maura NicCoinnich Ceann Loch Seile air thoiseach ach fhreagair na Sgitheanaich le dà thadhail bho Abby NicIlleathain.
Chuir Lorna NicRath Ceann Loch Seile co-ionnan is bha na sgiobaidhean glaiste aig 2-2 a' dol a-steach dha na mionaidean mu dheireadh.
Bha coltas ann gun robh Abby NicIlleathain air an geama a bhuannachadh dha na Sgitheanaich ach bha ùine ann fhathast do Mhaura NicCoinnich tadhal a chur do Cheann Loch Seile is an geama a' crìochnachadh 3-3.
Tha coltas ann gu bheil blàr 'son an tiotail gu bhith ann eadar Bàideanach, An t-Eilean Sgitheanach is Ceann Loch Seile - agus 's dòcha nach eil Loch Abar fhèin builleach a-mach às.
San aon gheama eile sa Phrìomh Liog rinn GMA an gnothach 1-0 air Inbhir Nis.











