Alba a' buannachadh a' chiad gheama aca aig Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 17:21 TSB 14 An t-Ògmhios
17:21 TSB 14 An t-Ògmhios
Fo-thiotal a’ bhidio,
Chan e an geama no tadhal as àlainn a bha a-riamh ann - ach thòisich Alba Cupa na Cruinne le trì puingean is iad air an gnothach a dhèanamh air Haiti 1-0.
Tha Alasdair MacIllinnein ag aithris à Boston.
Cupa MhicThàmhais le Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 18:59 TSB 13 An t-Ògmhios
18:59 TSB 13 An t-Ògmhios
Dòmhnall Pollock BBC Naidheachdan
Tùs an deilbh, Neil G Paterson
Fo-thiotal an deilbh,
Savio Genini air a dhòigh às dèidh dha Ceann a' Ghiùthsaich a chur air thoiseach
'S iad Ceann a' Ghiùthsaich a bhuannaich Cupa MhicThàmhais is iad air an gnothach a dhèanamh 2-0 air na nàbaidhean aca Baile Ùr an t-Slèibh aig Pàirc a' Bhucht.
Thàinig an dà thadhal anns an 20 mionaid mu dheireadh ann an geama a bha glè fhaisg, fiosaigeach, agus aig amannan car nimheil.
Ach ged a bha e teann, bha barrachd den bhall aig Ceann a' Ghiùthsaich agus na cothroman a b' fheàrr cuideachd.
Bha dà shàbhaladh air leth aig Kenny Ros eadar na puist aig Baile Ùr an t-Slèibh - rud a dh'fhàg gun deach ainmeachadh air a' cheann thall mar shàr-chluicheadair an là - ach cha b' urrainn dha dad a dhèanamh mu rocaid bho astar bho Savio Genini le cairteal na h-uaireach air fhàgail gus Ceann a' Ghiùthsaich a chur 1-0 air thoiseach.
Thàinig an dàrna tadhal a rinn cinnteach air a' chupa do Cheann a' Ghiùthsaich le dìreach diogan air fhàgail- agus 's e oidhirp àlainn eile a bh' ann, an turas seo bhon sgiobair aca Ruairidh MacAnndrais.
2-0 dha Kings aig deireadh an fheasgair is iad air Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh a-nise còig bliadhna ann an sreath.
Bidh iad cuideachd air an dòigh a' chùis a dhèanamh air a' Bhaile Ùr às dèidh dhaibh an dà gheama mu dheireadh aca nan aghaidh a chall.
"Bha sinn airidh air is chluich sinn iomain air leth," thuirt manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich, Raghnal Ros, air BBC Radio nan Gàidheal às dèidh a' gheama.
"Bha fios againn gur e blàr a bhiodh ann ach bha tadhail shònraichte againn.
"Bha Baile Ùr an t-Slèibh fiosaigeach is tha cluicheadairean math aca, ach air a' cheann thall rinn an tàlant san sgioba againn an diofar".
'S e briseadh-dùil mòr a bh' ann do mhanaidsear Bhaile Ùr an t-Slèibh ach bha Peadar Ros a' faireachdainn gun robh glè bheag eadar na sgiobaidhean.
"Tadhal air leth bho Savio is feumaidh mi a mholadh is sin an diofar.
"Cha toir seo buaidh sam bith oirnn ge-tà is bidh sinn deiseil airson a' gheama an ath-sheachdain".
Agus 's e geama mòr eile a tha sin is na sgiobaidhean gus coinneachadh a-rithist ann an Cupa MhicAmhlaigh.
Eachdraidh do Chamanachd Leòdhais
A thuilleadh air a' chuairt dheireannaich aig a' Bhucht bha trì geamaichean ann an Cupa MhicAmhlaigh Disathairne.
Rinn na Sgitheanaich an gnothach 4-0 air Lòbhat agus 's e 3-0 a bh' ann do Chamanachd an Òbain an aghaidh Eilean Bhòid.
Chuir Obar Dhobhair crith tro Chaol Bhòid ann am Fìobha is sgioba Thaigh na Bruaich a' faighinn troimhe air èiginn 2-1.
Aig an dearbh àm rinn Camanachd Leòdhais eachdraidh is iad troimhe gu cuairt-dheireannach airson a' chiad turas a-riamh.
Rinn na Leòdhasaich a' chùis 3-1 air Loch Carrann ann an Druim na Drochaid ann an iar-chuairt dheireannach Cupa a' Chinn-chinnidh.
Thàinig na tadhail aca san dàrna leth bho Daniel Harrison, John Slaughter is Scott MacLeòid, às dèidh do Davie Camshron Loch Carrann a chur air thoiseach.
Bidh na Leòdhasaich a-nise an aghaidh Ghleann Garadh sa chuairt dheireannaich is iadsan air an gnothach a dhèanamh 5-3 air Oilthigh Obar Dheathain.
Bidh a' chuairt dheireannach ann Disathairne an 1d là den Lùnastal aig Pàirc a' Bhucht.
Càin £1,000 air ICTair fhoillseachadh aig 17:08 TSB 11 An t-Ògmhios
17:08 TSB 11 An t-Ògmhios
Chaidh càin £1,000 air Caley Thistle Inbhir Nis às dèidh do luchd-leantainn a dhol air a' phàirc nuair a bha iad a' cluich Hamaltan aig toiseach a' Chèitein.
Bha Inbhir Nis am measg grunn chlubaichean a bha an SPFL a' rannsachadh ann an co-cheangal ri luchd-taic a bhith air a' phàirc ann an geamaichean aig deireadh an t-seusain.
A bharrachd air a' chàin, thèid 50% den North Stand aig Pàirc Chaley a dhùnadh airson aon gheama ma thèid luchd-taic air a' phàirc a-rithist eadar seo is samhradh 2028.
Chuireadh càin £1,000 cuideachd air Hamaltan, is chaidh peanasan air Celtic, Tobar na Màthar is Stenhousemuir ann an co-cheangal ri geamaichean eile.
Dè na dùbhlain a tha mu choinneimh Alba anns na Stàitean?air fhoillseachadh aig 08:25 TSB 10 An t-Ògmhios
08:25 TSB 10 An t-Ògmhios
Fo-thiotal a’ bhidio,
Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich aig bàrr na lìgeair fhoillseachadh aig 08:22 TSB 10 An t-Ògmhios
08:22 TSB 10 An t-Ògmhios
Chaidh Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich gu mullach Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 5-3 air Loch Aillse.
Thàinig na tadhail aig an Iar-Thuath bho Ailig Dòmhnallach, Gus Dòmhnallach, Ionatan Peutan, Jamie MacFhionghain, is tadhal a chuir Loch Aillse dhan lìon aca fhèin.
'S e an OG sin anns na dìogan mu dheireadh a rinn cinnteach air na puingean dhan Iar-Thuath.
'S iad Cameron Godfrey, Donnchadh MacMhathain is Ahmed Zaheer a bha air an targaid do Loch Aillse.
Tha an Iar-Thuath air na còig geamaichean aca san lìog gu seo is iad a-nise trì puingean os cionn Mhalaig agus Slèite is an Srath aig a' mhullach.
San iar-chuairt dheireannaich eile bidh GMA an aghaidh Cheann Loch Seile no Camanachd an Eilein Sgitheanaich.
Chaidh an geama eadar nàbaidhean a' Chosta an Iar a chur dheth aig an deireadh-sheachdain.
Tha an taghadh agus dà thaghadh eile a rinneadh Diluain mar a leanas:
Cupa Valerie Fhriseil - geamaichean air an 26mh den Iuchar
Bàideanach - Loch Abar
GMA - Ceann Loch Seile/An t-Eilean Sgitheanach
An Cupa Dùbhlan - geamaichean air an 26mh den Iuchar
Srath Ghlais - Dùn Ad
GMA - Obar Dhobhair
Cupa nan Sgiobaidhean Singilte - geamaichean air a' 5mh den Iuchar
Dùn Ad - Srath Spè/Tatha is For
Lòbhat - Gleann Urachadain
Tadhail a' frasadh a-steach an Cupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 09:09 TSB 9 An t-Ògmhios
09:09 TSB 9 An t-Ògmhios
Chaidh na Hearadh, an Taobh Siar agus an Rubha air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich agus tadhail gu leòr anns na geamaichean oidhche Luain.
Bha na Hearaich ann an suidheachadh gu math doirbh às dèidh dhaibh call 4-1 ri sgioba nan Loch sa chiad gheama bho chionn cola-deug.
Abair gun do thionndaich iad cùisean mun cuairt ann an stoidhle air an Tairbeart ge-tà - is iad a' pronnadh nan nàbaidhean Leòdhasach aca 7-1.
'S iad Seumas MacEanraig (2), Yahya Mohammed (2), Morgan MacLeòid (2) is Anndra Moireasdan le breab-peanais a bha air an targaid dha na Hearaich is iad troimhe 8-5 thairis air an dà gheama.
Bha geama iongantach ann eadar an Taobh Siar is Càrlabhagh bho chionn cola-deug is na Siaraich air thoiseach 5-1 faisg air an deireadh, mus d' fhuair Càrlabhagh trì tadhail air ais gus dòchas a thoirt dhaibh fhèin 'son an dàrna geama.
Chaidh an dòchas sin a dhubhadh às ann am Barbhas oidhche Luain.
Chuir Luke MacAoidh an Taobh Siar 1-0 suas sa chiad leth agus san dàrna leth thàinig barrachd thadhal bho Scott 'Tiger' MacArtair (3), Ali 'Barbhas' MacLeòid, is AJ Moireasdan.
6-0 dha na Siaraich air a' cheann thall agus 11-4 thairis air an dà gheama.
Bha Nis 1-0 air thoiseach air an Rubha a' dol a-steach dhan gheama ann an Garrabost ach bha na Deargaich ro mhath dhaibh - tadhail bho Josh Mac a' Ghobhainn, Darren Wilson, Aonghas Dòmhnallach agus Ethan MacAdam gun cur troimhe 4-1 thairis air an dà gheama.
Bha am Bac mar-tha air a dhol dìreach dhan iar-chuairt dheireannaich.
Tha iar-chuairt dheireannach mar a leanas:
Na Hearadh - An Rubha
An Taobh Siar - Am Bac
Bidh na geamaichean ann air an 13mh is an 20mh den Iuchar.
Cuimhne air USA 94air fhoillseachadh aig 13:59 TSB 8 An t-Ògmhios
13:59 TSB 8 An t-Ògmhios
Fo-thiotal a’ bhidio,
Sgiobaidhean Bhàideanach ann an suidheachadh làidirair fhoillseachadh aig 11:39 TSB 8 An t-Ògmhios
11:39 TSB 8 An t-Ògmhios
Fo-thiotal a’ bhidio,
Aithris air a' gheama eadar an Gearasdan is Baile Ùr an t-Slèibh
Ghluais Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich nas fhaide air thoiseach aig mullach Prìomh Lìog nam fear às dèidh dhaibh soirbheachadh air an deireadh-sheachdain.
Bha e teann dhan Bhaile Ùr is iad a' buannachadh 2-1 sa Ghearasdan.
Aig an dearbh àm bha Ceann a' Ghiùthsaich a' toirt pronnadh 7-0 air Camanachd an Òbain - na tadhail uile sa chiad leth.
Bidh sùil a-nise air a' gheama mhòr eadar nàimhdean Bhàideanach ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais Disathairne seo tighinn.
Thàinig an naidheachd mhòr eile air an deireadh-sheachdain ann an Còmhghall far an do bhuannaich Caol-Gleann sa Phrìomh Lìog 'son a' chiad uair.
'S e 4-2 a bh' ann dhaibh an aghaidh Loch Abair is dòchas às ùr aig sgioba Ghleann Da-Ruail gun urrainn dhaibh fuireach an àirde am-bliadhna.
San dà gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn tadhal anns na diogan mu dheireadh an gnothach do Cheann Loch Seile an aghaidh nan Sgitheanach ann am Port Rìgh 2-1, agus 's e an dearbh rud is an dearbh sgòr a bh' ann do Chabar Fèidh ann an Taigh na Bruaich an aghaidh Chaoil Bhòid.
Ann an iomain nam ban chaidh an geama mòr ann an Cupa Valerie Fhriseil eadar Ceann Loch Seile is An t-Eilean Sgitheanach a chur dheth air sgàth na sìde.
Chaidh Bàideanach air adhart 12-0 an aghaidh Inbhir Nis ge-tà is 's e 5-0 a bh' ann do GMA an aghaidh Ghleann Urchadain.
Bha Loch Abar mar-tha air a dhol troimhe dìreach gun geama a chluich.
Deagh oidhche do Bharraighair fhoillseachadh aig 09:27 TSB 3 An t-Ògmhios
09:27 TSB 3 An t-Ògmhios
Thog Barraigh na ciad phuingean aca den t-seusan oidhche Mhàirt nuair a rinn iad a' chùis air Beinn na Faoghla 5-1.
Thàinig tadhail Bharraigh bho Ally MacAonghais (2), Ally Caimbeul, James Davidson is Sean MacNèill is Sean Caimbeul air an targaid do Bheinn na Faoghla.
Tha seo a' fàgail gur e Èirisgeigh a-mhàin san lìog nach eil air puingean a leigeil seachad.
Air tìr-mòr chaidh an Gearasdan air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Rois oidhche Mhàirt nuair rinn an gnothach 3-0 air Caol Àcainn.
'S iad Ryan Jamieson is Gordy Jamieson (2) a fhuair tadhail a' Ghearasdain.
Buaidh mhòr dhan Bhac san Rubhaair fhoillseachadh aig 09:54 TSB 2 An t-Ògmhios
09:54 TSB 2 An t-Ògmhios
Tùs an deilbh, Island Footie
Shoirbhich leis a' Bhac is Càrlabhagh ann an geamaichean mòra an aghaidh nan nàbaidean aca ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Luain.
Chuir Connor MacAoidh am Bac 1-0 air thoiseach an aghaidh an Rubha aig Garrabost agus sin mar a dh'fhuirich cùisean domhain a-steach dhan dàrna leth.
Fhreagair na Rubhaich le 20 mionaid air fhàgail is tadhal aig Josh Mac a' Ghobhainn bhon spot.
Thàinig an tadhal a bhuannaich an geama dhan Bhac le sia mionaidean air fhàgail is John 'Mashie' MacLeòid a' cur a' bhuill dhan lìon às dèidh bùrach sa bhocsa.
Tha am Bac a-nise dìreach dà phuing air cùl an Rubha aig mullach na lìge is iad air geama nas lugha a chluich.
Bha na tadhail a' frasadh a-steach ann am Barbhas far an do chuir an Taobh Siar fàilte air Càrlabhagh.
Thòisich Càrlabhagh gu làidir is iad air thoiseach às dèidh dìreach dà mhionaid le breab-peanais bho Robbie MacCoinnich.
Ged a chuir Ali 'Barbhas' MacLeòid an Taobh Siar co-ionnan, dh'fhàg dà thadhal bho Hamish Dòmhnallach Càrlabhagh 3-1 air thoiseach aig lethach-slighe.
Fhuair Luke MacAoidh tadhal air ais dha na Siaraich tràth san dàrna leth is le seachd mionaidean air fhàgail chuir an dearbh chluicheadair tadhal eile gus an geama fhàgail co-ionnan 3-3.
Bha ùine fhathast 'son tadhail eile ge-tà, agus 's e Kenny 'Dokus' Dòmhnallach a fhuair e dha Càrlabhagh is iadsan a' buannachadh 4-3.
Bha cùisean nas chofhurtaile sa gheama eile is Aths a' buannachadh 4-0 an aghaidh na Hearadh.
Tha Aths ann an suidheachadh làidir is iad air na trì geamaichean aca gu seo a bhuannachadh is gun tadhal a leigeil a-steach fhathast.
Air Taobh Siar na Gàidhealtachd tha aona gheama ann oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' dol an aghaidh a' Ghearasdain ann an Cupa Rois.
Agus tha geama mòr ann an Lìog Uibhist is Bharraigh is na Barraich gus fàilte a chur air Beinn na Faoghla.
An Gleann a' dol dhan Bhaile Ùr an Cupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 17:55 TSB 1 An t-Ògmhios
17:55 TSB 1 An t-Ògmhios
Fo-thiotal an deilbh,
Gàirdeachas dha John Barr is Gleann Urchadain Disathairne is iad dìreach air Loch Abar a chur a-mach à Cupa na Camanachd
Chaidh an aon sgioba bhon Lìog Nàiseanta a tha air fhàgail ann an Cupa na Camanachd a thaghadh sa chairteal chuairt-dheireannaich air falbh an aghaidh na sgioba a bhuannaich an cupa an-uiridh.
Chuir Gleann Urchadain Loch Abar a-mach às a' chupa air buillean-peanais Disathairne ach tha duais gu math doirbh aca le turas a-nise gu Baile Ùr an t-Slèibh.
Faisg air làimh aig an Dell cuiridh Ceann a' Ghiùthsaich - a bhuannaich ann an 2022, 2023 is 2024, fàilte air Ceann Loch Seile, a bhuannaich ann an 2021.
Tha geama doirbh aig na Sgitheanaich an aghaidh a' Ghearasdain ach bidh iad toilichte co-dhiù gu bheil iad aig an taigh.
Sa gheama eile nì Cabar Fèidh an rathad chun an Òbain 'son cluich an aghaidh na h-aon sgioba à deas a tha air fhàgail.
Tha an taghadh mar a leanas:
Camanachd an Òbain - Cabar Fèidh
Baile Ùr an t-Slèibh - Gleann Urchadain
Camanachd an Eilein Sgitheanaich - An Gearasdan
Ceann a' Ghiùthsaich - Ceann Loch Seile
Bidh na geamaichean ann Disathairne an 11mh den Iuchar.
Taghadh Chupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 10:40 TSB 1 An t-Ògmhios
10:40 TSB 1 An t-Ògmhios
Tùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd
Chaidh an taghadh a dhèanamh airson nan cuairtean mu dheireadh de Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd - ged nach eil mòran sgiobaidhean bhon Chosta an Iar a-nise air fhàgail ann.
Chaill an Taobh Siar 9-1 ri Lerwick Spurs agus 's e 5-1 a bh' ann do Whalsay an aghaidh United Steòrnabhaigh.
Rinn Wick Groats a' chùis air an Rubha 4-1 agus chaill Barraigh 3-0 ri Golspie Stafford.
Bha deagh naidheachd ann do dh'Aths, a rinn a' chùis air Whitedale air breaban-peanais às dèidh dhaibh crìochnachadh 1-1, agus do Mhalaig, a rinn an gnothach 3-1 air Culloden United.
Chaidh an geama eadar am Bac is Slèite agus an Srath a chur dheth leis nach do nochd bus a' Bhac.
Tha an taghadh 'son na h-ath chuairt mar a leanas:
Baile a' Chaisteil - Abhach
Stromness Athletic - Athletic Steòrnabhaigh
Fortrose & Rosemarkie Union - Malaig
Blackrock Rovers - Pentland United
Lerwick Spurs - An t-Inbhir
Slèite is an Strath/Am Bac - Golspie Stafford
Kirkwall Thorfinn - Wick Groats
Àrd nan Saor - Whalsay
Bidh na geamaichean ann Disathairne an 20mh den Ògmhios.
Theab is nach do theab do Chaol-Gleannair fhoillseachadh aig 09:45 TSB 1 An t-Ògmhios
09:45 TSB 1 An t-Ògmhios
Fo-thiotal a’ bhidio,
Aithris air na geamaichean eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Caol-Gleann is Loch Abar is Gleann Urchadain
Bidh a' mhòr-chuid de na prìomh sgiobaidhean ann an iomain nam fear san taghadh Diluain 'son cairteal cuairtean deireannach Chupa na Camanachd - ged nach robh cùisean furasta do chuid aca.
Às dèidh dhaibh geama teann a thoirt do Cheann a' Ghiùthsaich ann an Còmhghall bho chionn beagan sheachdainnean, 's ann a chuir Caol-Gleann an t-eagal air Kings ann am Bàideanach fhèin.
Chuir Neily MacNeachdain Caol-Gleann air thoiseach tràth agus 's e 1-0 a bh' ann fhathast aig lethach slighe - is cuid a' faighneachd an robh sgòr cho iongantach 's a bha ann an iomain ann an ginealachean gu bhith ann.
Fhuair Dylan Borthwick tadhal air ais tràth san dàrna leth ach 's ann dìreach sa mhionaid mu dheireadh a thàinig an tadhal a chuir Ceann a' Ghiùthsaich troimhe - sin a' tighinn bho Savio Genini gus cridheachan sgioba Chòmhghaill a bhriseadh.
Ann an Drochaid an Aonachain bha Loch Abar 3-0 suas air Gleann Urchadain is le coltas gun robh iad a' dol troimhe mus do thill sgioba a' Ghlinne orra is an geama a' crìochnachadh 3-3.
'S iad an sgioba bhon Lìog Nàiseanta a rinn an gnothach air buillean-peanais is gàirdeachas ga dhèanamh ann an Druim na Drochaid.
Thug Lòbhat geama doirbh dhan Ghearasdan ach air a' cheann thall chaidh na h-Abraich air adhart 3-2.
Bha e faisg ann an Inbhir Aora cuideachd is tadhal bho Ros Gòrdan le cairteal na h-uaireach air fhàgail a' cur nan Sgitheanach troimhe 1-0 an aghaidh sgioba a' Bhaile Rìoghail.
Ann an geamaichean eile eadar a' Phrìomh Lìog is an Lìog Nàiseanta 's e 4-2 a bh' ann do Cheann Loch Seile an aghaidh GMA is 3-1 dha Camanachd an Obàin an aghaidh na Manachainn.
Agus bha cùisean nas fhasa sa gheama eile eadar Bàideanach is Còmhghall is Baile Ùr an t-Slèibh a' buannachadh 5-0 an aghaidh Chaoil Bhòid ann an Taigh na Bruaich.
Ann an Siabost chaidh na Leòdhasaich a-mach à Cupa Shrath Èireann nuair a chaill iad 5-0 ri dàrna sgioba a' Ghearasdain.
Iomain nam ban
Tha cùisean inntinneach dha-rìribh aig mullach na Prìomh Lìge ann an iomain nam ban is coltas ann gu bheil fìor rèis gu bhith ann.
Bha Loch Abar air sreath gheamaichean a chall anns na seachdainnean mu dheireadh is a h-uile coltas ann gun robh iad mar-thà air cothrom a chall air greim a chumail air an tiotal - ach thàinig aiseirigh orra Didòmhnaich.
Rinn na h-Abraich an gnothach 3-0 air Bàideanach is na tadhail a' tighinn bho Leah Maxtone (2) is Missy Howie.
A' chiad turas a tha Bàideanach air call san lìog am-bliadhna is dòchas dha na sgiobaidhean eile.
'S iad na Sgitheanaich is Ceann Loch Seile as fhaisge orra - chrìochnaich geama air leth eatorra ann am Port Rìgh 3-3.
Chuir Maura NicCoinnich Ceann Loch Seile air thoiseach ach fhreagair na Sgitheanaich le dà thadhail bho Abby NicIlleathain.
Chuir Lorna NicRath Ceann Loch Seile co-ionnan is bha na sgiobaidhean glaiste aig 2-2 a' dol a-steach dha na mionaidean mu dheireadh.
Bha coltas ann gun robh Abby NicIlleathain air an geama a bhuannachadh dha na Sgitheanaich ach bha ùine ann fhathast do Mhaura NicCoinnich tadhal a chur do Cheann Loch Seile is an geama a' crìochnachadh 3-3.
Tha coltas ann gu bheil blàr 'son an tiotail gu bhith ann eadar Bàideanach, An t-Eilean Sgitheanach is Ceann Loch Seile - agus 's dòcha nach eil Loch Abar fhèin builleach a-mach às.
San aon gheama eile sa Phrìomh Liog rinn GMA an gnothach 1-0 air Inbhir Nis.
Taghadh Chupa na Lìgeair fhoillseachadh aig 14:07 TSB 27 An Cèitean
14:07 TSB 27 An Cèitean
Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
'S iad St Mirren a bhuannaich Cupa na Lìge ann an 2026/26
Ged a bhios aire mhòran air Cupa na Cruinne an toiseach, rinn an SPFL an taghadh feasgar Diciadain airson ìre nam buidhnean ann an Cupa na Lìge.
Bidh Caley Thistle ann am Buidheann F còmhla ri St Johnstone, Morton, East Fife is Linlithgow Rose.
Chaidh Ross County a thaghadh ann am Buidheann D còmhla ri Dùn Dè, Airdrieonians, Cluaidh is Annan Athletic.
Tha Brora Rangers san fharpais cuideachd às dèidh dhaibh Lìog na Gàidhealtachd a bhuannachadh ann an 2025/26.
Chaidh Brùra a chur ann am Buidheann A còmhla ri Obar Dheathain, Queen's Park, Queen of the South agus Kelty Hearts.
Tòisichidh an fharpais air an deireadh-seachdain an 11mh den Iuchar.