Deireadh-seachdain mòr an iomain nam banair fhoillseachadh aig 11:09 TSB 3 An t-Iuchar
Tha geamaichean mòra ann an iomain nam ban air an deireadh-sheachdain agus sgiobaidhean ag amas air àite ann an cuairtean deireannach dà fharpais ùr.
'S e leasachadh mòr a tha an Cupa na Prìomh Lìge 'son iomain nam ban is dusan cluicheadair air gach sgioba seach deich mar a tha anns na farpaisean eile.
Às dèidh dhaibh Loch Abar a chur a-mach 2-0 sa chairteal-chuairt dheireannaich, tha dùbhlan mòr eile ro na Sgitheanaich Didòmhnaich nuair a chluicheas iad Bàideanach.
Sa gheama eile bidh Ceann Loch Seile - an aon sgioba nach do chaill geama idir gu seo air an t-seusan seo - an aghaidh Inbhir Nis.
Bidh an dà gheama ann an Drochaid an Aonachain: Ceann Loch Seile an aghaidh Inbhir Nis aig 12:45f is Bàideanach an aghaidh an Eilein Sgitheanaich aig 3f.
Bidh na h-iar-chuairtean deireannach ann cuideachd Didòmhnaich ann an Cupa ùr nan Sgiobaidhean Singilte.
Bidh Dùn Ad an aghaidh Tatha is For san Eochair ann an Glaschu aig 1f is bidh Lòbhat an aghaidh Ghleann Urchadain ann an Canaich aig 1:45f.
Cupa a' Bhaile Mhòir
Ann an iomain nam fear Disathairne cluichidh Inbhir Aora an aghaidh Chill Mhàilidh san iar-chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhaile Mhòir.
Bidh an sgioba a nì a' chùis an sin an aghaidh Lòbhat sa chuairt dheireannaich.
Tha ceithir geamaichean cuideachd sa Phrìomh Lìog Disathairne.
Bidh Cabar Fèidh an aghaidh a' Ghearasdain, Caol Bhòid an aghaidh Loch Abair is an t-Eilean Sgitheanach an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich.
Chaidh an geama eadar Ceann Loch Seile is Caol-Gleann a chur dheth.








