Taghadh Chupa MhicThàmhaisair fhoillseachadh aig 17:14 TSB 7 An Giblean

Rinn Ceann a' Ghiùthsaich a' chùis air Lòbhat sa chuairt dheireannaich ann an 2025
Coinnichidh na seann nàimhdean A' Mhanachainn is Lòbhat sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais.
Chaidh an taghadh a dhèanamh Dimàirt.
Ged a tha A' Mhanachainn is Lòbhat san Lìog Nàiseanta am-bliadhna, tha an-còmhnaidh spàirn ann nuair a thèid iad an aghaidh a chèile.
Bidh na Sgitheanaich aig an taigh an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich, ma 's e is gum faigh iad seachad air Cill Mhàilidh an toiseach, is bidh Cabar Fèidh aig an taigh an aghaidh a' Ghearasdain.
Sa gheama eile, cuiridh Gleann Urchadain fàilte air Bàile Ùr an t-Slèibh, a' ciallachadh gun coinnich na sgiobaidhean a tha an-dràsta aig mullach na Lìge Nàiseanta agus na Prìomh Lìge.
Tha an taghadh gu lèir mar a leanas:
An t-Eilean Sgitheanach/Cill Mhàilidh - Ceann a' Ghiùthsaich
A' Mhanachainn - Lòbhat
Gleann Urchadain - Baile Ùr an t-Slèibh
Cabar Fèidh - An Gearasdan
Bidh na geamaichean ann Disathairne 25mh den Ghiblean.









