'Adhartas mòr' air goireasan aiseige Chaolas a' Chorrain

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad air adhartas mòr a dhèanamh leis an obair leasachaidh air goireasan aiseige air gach taobh de Chaolas a' Chorrain ann an Loch Abar.
Mairidh am pròiseact 18 mìosan agus tha dùil gun tèid an obair a chrìochnachadh as t-samhadh an ath-bhliadhna.
Tha an obair thairis na còig mìosan mu dheireadh air prìomhachas a thoirt dhan ullachadh air gach taobh den chaolas airson leathadan-luinge a chur an sàs còmhla ri acairseid oidhche dhan bhàt'-aiseig.
'S e seo fear de na seirbheisean aiseig as trainge a tha air a frithealadh le aona-bhàta ann an Alba.
Thuirt Cathraichte Chomataidh na h-Eaconomaidh agus a' Bhun-structair aig Comhairle na Gàidhealtach, Ken Gowan gu bheil iad toilichte leis an adhartas a tha iad air a dhèanamh gu ruige seo.
"Mar a tha am pròseact a' gluasad dhan obair timcheall air an uisge, tha cùisean air fàs nas trainge.
"Tha sinn ag aithneachadh gum bi sin nas fhollaisiche aig an làraich agus gur dòcha gun adhbharaich sin beagan troimh-chèile do na coimhearsnachdan anns an sgìre", thuirt an Comh Gowans.
Agus tha an t-ùghdarras ionadail air taing a thoirt do mhuinntir an àite agus do luchd-cleachdaidh nan rathaidean airson an cuid foighidinn fhad 's a tha an obair leasachaidh a' dol air adhart.
- Air fhoillseachadh7 An Lùnastal 2025

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An Cèitean 2025
