"Ro-innleachd shoilleir a dhìth sa bhad" 'son seirbheisean adhair eileanach

Plèana Loganair aig Port-adhair Steòrnabhaigh
  • Air fhoillseachadh

Tha Loganair ag ràdh gu bheil ro-innleachd ùr a dhìth sa bhad gach cuid bho Riaghaltas na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte an deidh ghearraidhean gu slighean.

Tha tursan-adhair làitheil eadar Sealtainn, Arcaibh agus Inbhir Nis, a-nis ann aig an deireadh-sheachdain a-mhàin agus tha seirbheis na maidne eadar Steòrnabhagh agus Inbhir Nis ga thoirt air falbh bho an-diugh.

Dh'fhoillsich a' chompanaidh na planaichean air a' mhìos a chaidh, agus iad ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' call airgid air na slighean sin fad bhliadhnaichean.

Thuirt Loganair gu bheil iad an dòchas na slighean seo a thoirt air ais ma lìonas iad a' bheàrn maoineachaidh aca.

"Tha na seirbheisean seo againn air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan aig cridhe nan seirbheisean againn," thuirt Simon McNamara, Ceannard Riaghlaidh is Ghnothaichean Corporra aig Loganair.

"'S e an roghainn mu dheireadh a tha seo, ach tha na slighean a-mach à Inbhir Nis air a bhith a' call airgid gu cunbhalach o chionn beagan bhliadhnaichean.

"Chan eil ro-innleachd shoilleir aig Alba, no an RA san fharsainneachd, a thaobh slighean eileanach a dh'fheumas a fhrithealadh ach nach eil prothaideach gu coimeirsealta," thuirt e.

Cathraiche Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson

Ach tha Cathraiche Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, air co-dhùnadh na companaidh a chàineadh.

"Tha 90% de na h-euslaintich a bhios a' siubhal far an eilein airson cùraim a' cleachdadh na seirbheis maidne," thuirt e.

"Nam bheachdsa, feumar seirbheis na maidne taobh Inbhir Nis a thoirt air ais, no bheir e buaidh mhòr leantainneach air comas dhaoine siubhal airson cùraim slàinte, agus air comas luchd-clionaigich siubhal an seo airson cùram a thoirt seachad."

Chan iad euslaintich a-mhàin a chleachdas seirbheis na maidne ge-tà, ach feadhainn a dh'fhalbhas a thìr-mòr airson an cuid obrach.

"Tha e air a bhith tàireil," thuirt Murchadh MacRisnidh, à Nis.

"Gu h-àraid nuair a bha suas ri trì seirbheisean gach là ann ro Chovid, bha fada a bharrachd sùbailteachd ann.

"Chaidh sin sìos gu dà sheirbheis, agus a-niste aonan.

"Tha an clàr-ama caran gad chuingealachadh cuideachd, leis an t-seirbheis am meadhan an là.

"Tha e ga dhèanamh glè dhoirbh leis gum feumar Obar Dheathain fhàgail aig meadhan-là agus là slàin gnothachais fhathast romhad. Chan e seirbheis fhurasta a th' ann a bhith ga cleachdadh.

"Seirbheis eile a th' ann a tha sinn a' call dha na h-Eileanan."

Tha Lognanair an dòchas na slighean a thilleadh chun na h-àbhaist san Dàmhair ma lìonas iad bèarn maoineachaidh, ach chan eil sin air a ghealltainn.

"Tha sinn gan reic a-rithist airson na Dàmhair, agus tha sinn an dùil a bhith gan dèanamh - ach feumaidh mi a ràdh gu bheil sin gu tur a' crochadh air co-dhiù an dùin sinn a' bheàrn maoineachaidh.

"Saoilidh mi gu bheil e gu maith chan e a-mhàin Loganair, ach Riaghaltas na h-Alba, na coimhearsnachdan eileanach 's na riochdairean an sin uile a bhith ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus HIAL airson dèanamh cinnteach gun urrainn dhuinn a' bheàrn maoineachaidh sin a dhùnadh 's gum bi na seirbheisean ann a-rithist."

Tha Còmhdhail Alba ag ràdh gum bu choir do Loganair is HIAL obrachadh còmhla is fuasgladh fhaighinn.

Thuirt HIAL gu bheil iad ann an còmhraidhean le Loganair.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri piseach a thoirt air ceanglaichean adhair air feadh na dùthcha.