Rabhadh fuireach air falbh bho theine sa Mhonadh Ruadh

teine fiadhaich am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh RuaidhTùs an deilbh, SFRS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an teine air buaidh a thoirt air 10 cilemeatair cearnagach de thalamh

  • Air fhoillseachadh

Thathar ag iarraidh air daoine a tha fhathast a' feuchainn ri faighinn a-steach dhan sgìre dhùinte timcheall air teine fiadhaich am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh cumail air falbh.

Tha còrr air 100 smàladair air a bhith a' strì ris an teine a thòisich Diciadain a chaidh faisg air Ruighe a' Bhothain, deas air Drochaid Neithich.

Tha Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba, (SFRS) ag ràdh bheil na seirbheisean èiginn fhathast a' faighinn aithrisean gu bheil cuid a' feuchainn ri faighinn a-steach dhan sgìre a dh'aindeoin 's gu bheil rathaidean dùinte agus soidhnichean rabhaidh ann.

Tha dùil gun lean an obair gus an teine a chur às - air an talamh agus le bhith a' dòrtadh uisge bho heileacoptairean - gu an ath-sheachdain.

Tha rabhadh an sàs gu Dihaoine am meadhan na Gàidhealtachd, taobh sear agus ceann a deas na h-Alba gu bheil cunnart mòr gum bi teintean monaidh ann.

Dh'fhaodadh gun cuir a' ghaoth mhòr teintean thuige às ùr agus an sgapadh gu làraichean eile.

Luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ri teine fiadhaich am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh RuaidhTùs an deilbh, SFRS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an iomairt gus smachd fhaighinn air an teine a' leantainn air an talamh agus le bhith a' dòrtadh bùirn bhon adhar

Tha Poileas Alba ag radh gu bheil iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh gu cunbhalach air na sònaichean toirmisgte.

Thuirt fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd Bill Lobban gur e "briseadh-cridhe" a bh' ann faicinn a' mhillidh a rinn an teine agus dh'iarr e air daoine "feairt a thoirt do na rabhaidhean" aig na seirbheisean èiginn.

Thuirt Cailean Simpson bho Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gun robh e air a bhith "fìor dhoirbh dhan a h-uile duine againn aig a bheil gaol air a' Ghleann Mhòr dèiligeadh ris na thachair san t-seachdain mu dheireadh".

Ach thuirt e: "Tha àitichean faisg air làimh mar an Aghaidh Mhòr fhathast a' cur fàilte air luchd-tadhail mar as àbhaist, agus tha gu leòr sgìrean eile fosgailte do dhaoine air feadh na pàirce nàiseanta."