Gearan an Ìle nach eil sgeul air maoin ùir taice a gheall an Riaghaltas

Cha d' fhuair an gnothachas aig Dòmhnall MacIllÌosa taic fon t-seann sgeama, 's tha e ag ràdh gum feum e gearradh air ais
- Air fhoillseachadh
Tha gearainean ann an Ìle nach eil sgeul air taic-airgid a gheall Prìomh Mhinistear na h-Alba mu choinneimh thrioblaidean nan seirbheisean aiseig.
Chaidh Maoin Seasmhachd nan Eilean a stèidheachadh an toiseach an-uiridh airson taic a thoirt do ghnothachasan ann an cuid de sgìrean eileanach air an robh suidheachadh nan aiseagan air call a dhèanamh.
Bha connspaid ann mun sgeama, agus cuid de dh'eileanan nach robh airidh air taic.
Thuirt John Swinney, aig àm an taghaidh sa Chèitean am-bliadhna, gum biodh maoin ùr £10m air a stèidheachadh an taobh a-staigh 20 là den riaghaltas ùr.
Ach dà mhìos an dèidh sin tha luchd-gnothaich ann an Ìle ag ràdh nach fhaca iad dad den airgead fhathast.
Tha Dòmhnall MacIllÌosa, aig a bheil companaidh bathair a bhios a' ruith eadar an t-eilean agus tìr-mòr, ag ràdh gu bheil an gnothachas aige an cunnart a dhol fodha leis cho dona 's a tha na seirbheisean aiseig.
"Tha e seachad air ìre èiginnich," thuirt e.
"Tha sinn air a bhith ag obair cha mhòr 20 bliadhna, agus tha taobh còmhdhail a' ghnothachais a-niste neo-phrothaideach.
"Pàirt dheth sin 's e buaireadh nan aiseagan, ach cuideachd cosgais a' chonnaidh agus àrdachadh Àrachas Nàiseanta an Luchd-fastaidh.
"Tha an aiseag air buaidh mhòr uabhasach a thoirt oirnn. Chan fhaic mi ro fhada romham a thaobh còmhdhail mar a tha e. Feumaidh sinn carbadan a chur bhuainn, 's luchd-obrach a ghearradh."
Maoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach air a leudachadh
- Air fhoillseachadh8 An Dùbhlachd 2025
Sgeama taic do ghnothachasan eileanach ga fosgladh
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2025
£4.4m do luchd-gnothachais Uibhist là ro 'choinneamh èiginn' mu aiseagan
- Air fhoillseachadh15 An Giblean 2025
Cha d' fhuair Dòmhnall sìon fon sgeama, 's an gnothachas aige air a mheas ann an roinn nach robh airidh air taic.
Tha cathraiche Buidheann Còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HITRANS) Ùisdean Robasdan, an dòchas gum faigh gnothachasan anns a h-uile eilean air a bheil staing nan aiseagan air buaidh a thoirt cothrom air a' mhaoin ùr.
"Tha mi an dòchas an turas seo gun coimhead ann na doimhneachd air agus gum bi e nas cothromaiche mar a tha ga làimhseachadh," thuirt e.
"Ach aig deireadh an là chan eil e a' dol a bhualadh nan taobhannan.
"Tha sinn a' faicinn mar-thà gnothachasan ag ràdh nach eil iad a' faicinn na h-uiread de dhaoine."
Tha an Riaghaltas a-niste a' cumail choinneamhan co-chomhairleachaidh le gnothachasan agus buidhnean eile.
Thuirt neach-labhairt às leth Riaghaltas na h-Alba: "'S e fear de ghealltanasan 100 là Riaghaltas na h-Alba a th' ann am Maoin £10m Seasmhachd nan Eilean, agus thèid a thoirt air adhart sna seachdainnean a tha romhainn".