Luchd-smàlaidh a' strì ri teine sa Mhonadh Ruadh

An teine a' gabhailTùs an deilbh, Sam Wallace
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-smàlaidh fhathast an làthair madainn Diardaoin aig teine mòr a sgap thairis air còrr is trì cilemeatairean ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Thòisich an teine ann am Bealach Ruigh a' Bhothain mu 11:50m Diciadain agus sgap e eadar sin agus tèarmann an RSPB aig Loch a' Ghartain.

Chaidh deugachadh dhaoine a chur às an dachannan sa Ghleann Mhòr airson an cuid sàbhailteachd.

Thathar ag iarraidh air a' phoball fhathast cumail air falbh bho Phàirc Coilltearachd a' Ghlinne Mhòir agus Loch Mòrlaich.

Chuir an t-seirbheis smàlaidh sia carbadan-smàlaidh dhan teine Diciadain.

Thuirt iad madainn Diardaoin gu bheil ceithir dhiubh fhathast an làthair.

Toit ag èirigh os cionn coille sa Ghleann Mhòr

"'S e teine mòr a tha seo is tha na sgiobaidhean againn fhathast ag obair gus a chur fo smachd agus 'son dèanamh cinnteach nach sgap e," thuirt Ian McMeekin bho Sheirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba.

"Tha cunnart gu math soilleir ann le cho tioram 's a tha i agus gaoth àrd, bhlàth ann"

Thuirt Mgr McMeekin gu bheil luchd-smàlaidh an dùil a bhith aig an làraich airson ùine.

Chan eil fhios fhathast dè a dh'adhabharaich an teine.

Tha e coltach nach eil cunnart ann do dh'iolairean-iasgaich a tha a' neadachadh mu shia mìle air falbh, ach bidh capaill-choille mun cuairt air Bealach Ruigh a' Bhothain.

Tha rabhadh ann an-dràsta gu bheil cunnart mòr ann bho theintean fiadhaich ann am meadhan na Gàidhealtachd, ceann a deas agus taobh sear na h-Alba.