Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,16 Feb 1992,30 mins

Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid

Dèanamaid Adhradh

Available for 28 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas. Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh. Salm 45: 10-11 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas. Leughadh: Galàtianaich 3: 1-11 Ceann-teagaisg: Galàtianaich 3: 11 Rugadh an t-Urr Iain MacLeòid air 14 Faoilleach 1918 ann an Àrnol air taobh siar Leòdhais. Chaill e athair 's gun e ach bliadhna a dh'aois nuair a chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm air madainn na Bliadhn' Ùire, 1919. Cheumnaich e an toiseach à Oilthigh Ghlaschu. Fhuair e BD ann am Montreal agus BEd ann an Alberta, an Canada agus bha Teisteanas ann am Foghlam Chuspairean Spioradail aige bho Cholaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu. Eadar 1940 agus 1943, bha e anns a' Chabhlach Rìoghail air HMS Ganges agus HMS Eglinton agus, an dèidh dha cead searmonachaidh fhaighinn bho Chlèir Ghlaschu ann an 1945, chaidh e air ais don Chabhlach Rìoghail mar mhinistear. Phòs e Dolena NicChoinnich à Steòrnabhagh ann an 1948, agus san aon bhliadhna chaidh e a Chanada far na fhritheil e dà choitheanal, Southampton an Ontario agus Calgary ann an Alberta. Thàinig e a Dhùn Èideann ann an 1961 far an d' fhuair e gairm bho choitheanal Naomh Pòl ann an Newington. Ann an 1967, ghluais e gu Eaglais na Cille Mòire agus Seann Sgìre an Òbain far an robh e gus na leig e dheth uallach coitheanal ann an 1984. Bha dithis nighean aige fhèin is Dolena, Cairistìona agus Kathreen, ach gu duilich bhàsaich Cairistìona nuair a bha i gu math òg. Bha Kathreen a’ teagasg ceòl anns na sgoiltean airson iomadach bliadhna gus an do leig i dhith a dreuchd. A bharrachd air a bhith na shearmonaiche air leth comasach, bha Iain MacLeòid cuideachd na bhàrd tàlantach agus na eadar-theangaiche sgileil. Choisinn e prìomh dhuaisean airson òrain ùra ann an Alba agus aig an Fhèis Phan-Cheilteach an Èirinn agus tha an dà òran, Nam Aonar le mo Smuaintean agus Thoir Dhomh do Làmh, tric rin cluinntinn. Rinn e an t-uabhas eadar-theangachaidean air òrain agus air dàin spioradail. Bhàsaich Mgr MacLeòid san Dùbhlachd 1995.

Programme Website
More episodes