Spòrscast Episodes Available now
Eileen NicDhòmhnaill a' bruidhinn ri Tormod MacLeòid, mun ùidh a th’ aige ann an teanas,
sreap nam beann, falbh a-mach air a' bhaidhsagal agus ag iomradh.
Coinneach a' cumail rian air sgioba Nis
Sgeulachd Coinneach 'Flip' MacLeòid aig sgioba ball-coise Nis
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail!
Bho Nis gu Uibhist, Port Rìgh, An Rubha, Inbhirnis, Glaschu gu Astràilia!
Alasdair MacIllinnein a' bruidhinn ri Ross Christie agus Somhairle MacIain, dithis a bhios a sreap beanntan
na h-Alba an dà chuid mar chur-seachad agus mar phàirt de na h-obraichean aca.
Calum MacAmhlaigh le taghadh de spòrs
ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail!
Ailig John Moireasdan ann an còmhradh le Luke MacAoidh mu bheatha ann an spòrs, bhon Taobh Siar gu triathlon gu Èirisgeigh
agus Athletic Inbhir Nis, an dùil an e ball-coise an spòrs as fheàrr leis?
Derek MacAoidh le sùil mhionaideach air ball-coise agus seusan ùr a' tòiseachadh aig ìre ionadail le lìogan Leòdhais agus
na Hearadh is Uibhist is Bharraigh a' faighinn gu dol. Iomain agus rugbaidh cuideachd!
Karen Elder ann an còmhradh ri Eilidh Daniels, a tha ag obair do chompanaidh riochdachaidh spòrs,
mu na tachartasan mòra spòrs anns a bheil i air a bhith an sàs na h-obair làitheil.
Tha Iain, Alasdair agus aoighean a’ bruidhinn air ball-coise, goilf, iomain,
rugbaidh agus farpaisean snàmh Bhreatainn.