Taisbeanadh, sàr chlàr agus mòran eile.
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha sinn a' faighinn aithris bho Rannsachadh na Gàidhlig a tha'n dràsta a dol aig Oilthaigh Ghlaschu, far a bheil Coinneach Mac a' Ghobhainn an làthair.
Tha còrr air 10 là a-nise bhon a chaidh teothachd Bhreatainn thairis air ìre 30. Dè na dòighean as fheàrr air taighean fhuarachadh gu nàdarra? Tha an t-eòlaiche saidheans, Iain MacAonghais a' toirt beachd air mar a na fisaigs a th' air chùl sin.
Tha taisbeanadh ri fhaicinn ann a Steòrnabhagh an dràsta, de dhealbhan a th' air am peantadh 's a tha tarraing air dualchas, dòigh-beatha agus cultar nan eilean, mar a bha e, gu làitheil, uaireigin. 'S e "Mar a Bha E: Hebridean Yesterdays" an tiotal a th' air an taisbeanadh, 's chaidh Mairianna NicChoinnch a choinneachadh ris an ealanaiche Mairead NicIlleathain.
'S tha Dànaidh MacAoidh a' taghadh sàr chlàr a-nochd bho chionn 50 bliadhna air an t-samhradh seo fhèin. 'S e sin "Golden Ring" le George Jones agus Tammy Wynette. Tha Dànaidh ag innse mun chlàr agus mun turas a chunnaic e fhèin iad, aig cuirm ann a Lunnainn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Yesterday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Yesterday 22:55BBC Radio nan Gàidheal