Main content

Teas brùideil na Roinn Eòrpa a' leantail, buaidh Sky a' ceannach ITV agus mòran eile.

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha'n teas brùideil a' leantail tron Roinn Eòrpa. Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir a tha fuireach ann an diofar dhùthchanan neo air ùr thilleadh asta.

Tha brataich aig leth-chrann air feadh Aimeireagaidh an t-seachdain'sa mar chuimhneachean air Lindsey Greumach, a' chaochail air an deireadh sheachdain. Tha Murchadh MacLeòid a' toirt cunntas air beatha fear de phrìomh luchd-polataigs na Stàitean Aonaichte.

Tha Sky air innse gu bheil iad a' ceannach ITV. Dè bhios seo a ciallachadh do sheirbheisean craolaidh?

Gach Dimàirt ton t-samhraidh, tha aoighe ag innse mu na làithean saora as fheàrr a chòrd riutha a-riamh. An-diugh, 's i Caitlin NicDhòmhnaill a tha a' dèanamh sin.

27 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Tuesday 09:00
  • Tuesday 22:55